FaclairDictionary EnglishGàidhlig

News Naidheachdan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Batan na Bànrigh air Ghàidhealtachd

Gaelic Gàidhlig

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, an dèidh dha bhith siubhal air feadh a’ Cho-Fhlaitheis tha Batan na Bànrigh an-diugh agus a-màireach a’ dèanamh a shlighe tron a Ghàidhealtachd. Thòisich e a shlighe ann an Arcaibh sa mhadainn an-diugh agus e a’ siubhal tro Siorrachd Rois, a’ dèanamh air Inbhir Pheofharan aig a’ cheann thall. Le tuilleadh, seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain– Neach-aithris] Ceòl agus dannsa a’ cuir fàilte air Batan na Bànrigh agus e air Taigh Iain Ghròit a ruighinn. Tron latha an-diugh shiubhal e tro bhailtean ann an Gallaibh, Cataibh agus Siorrachd Rois, a’ dèanamh a shlighe a dh’ionnsaigh Inbhir Pheofharain. An dèidh dha siubhal mun cuairt air gach dùthaich anns a’ Cho-Fhlaitheis agus mòran de dh’Alba, chan eil fada ri dhol a-nise. Chuir ceòl na pìoba agus na ceudan dhaoine fàilte air ann am Baile Dhùbhthaich.

[Màiri NicAmhlaigh] Nuair a smaoinicheas tu, a liuthad dùthaich agus a liuthad baile beag a tha air a bhith ann bho thòisich sinn an-uiridh agus seo sinn a-nis anns an t-Ògmhios ann an seo agus seo e tighinn a Baile Dhùbhthaich, uill tha sin mìorbhaileach 's an t-seachdain a chaidh bha mi bruidhinn ri mo mhàthair agus bha i a’ cantainn “tha e air a bhith ann an Nis” ‘s bha mi cantainn “uill nach eil sin math.” Tha e mar gum biodh a’ ceangal nan dùthchannan tha sin gu lèir còmhla agus a’ ceangal dhaoine còmhla gu bheil an rud tha seo a’ tachairt ‘s a tha dol air feadh na Rìoghachd ‘s chan e a-mhàin air feadh na Rìoghachd ach feadh dùthchannan eile anns a’ Cho-Fhlaitheis.

[Luke] Tha mi smaointinn gu bheil e math gu bheil e tighinn gu diofar bhailtean eile agus gu bheil cothrom aig a h-uile duine fhaicinn.

[Calum MacIlleathain– Neach-aithris] Bha dannsa gu leòr ann an Inbhir Pheofharan, le flash mob ann agus cuirm mhòr ga cumail air Pàirce Iubailidh sa bhaile a-nochd.

[Murdina NicRath] Thathas mar a h-uile càil eile, bidh cuid a dhaoine nach eil air a shon, a smaoineachadh gur e cosgais a th’ann ‘s gum bu chòir an t-airgead a chosg air rud eile. Chan eil mise ag aontachadh ri sin idir. Tha mise smaoineachadh g’ eil seo math, agus daoine tighinn a-mach, ‘s daoine bruidhinn ri chèile ‘s tha daoine coimhead toilichte, coimhead clann bheag le ice creams ‘s rudan ‘s tha e math.

[Calum MacIlleathain– Neach-aithris] Anns gach àite a tha am batan air tadhal air tha fàilte mhòr ga chur air agus fiù ‘s an seo ann an Inbhir Pheofharan, far a bheil brataich anns cha mhòr a h-uile bùth. Ach chan e dìreach brataich na h-Alba a bha rim faicinn agus iomadh dùthaich bhon Cho-fhlaitheis air an riochdachadh anns na h-uinneagan.

[Ùisdean MacRath] ‘S e rud math a th’ann gu bheil iad a’ tighinn chun nam bailtean beaga ‘s nam bailtean iomallach den t-seòrsa sin. mar as trice ma tha rud mòr a’ tachairt ‘s ann ann an Glaschu no Dun Èideann, tha iad ga chumail ann an sin ach tha e math gu bheil seo a’ tachairt.

[Calum MacIlleathain– Neach-aithris] Bidh am batan fhathast air a’ Ghàidhealtachd a-màireach ge-tà agus e a’ siubhal eadar Inbhir Nis agus a’ Ghearastan agus air adhart dha Earra-Ghàidheal. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Inbhir Pheofharan.

The Queen's Baton reaches the Highlands

English Beurla

[Iain Macinnes – Presenter] Now, after travelling around the Commonwealth the Queen’s Baton is today and tomorrow making its way through the Highlands. It began its journey in Orkney this morning, travelling through Ross-shire and finally making its way to Dingwall. Here’s Calum MacLean with more.

[Calum Maclean – Reporter] Music and dance welcome the Queen’s Baton as it reaches John O’ Groats. During the day today it travelled through towns in Caithness, Sutherland and Ross-shire making it’s way towards Dingwall. After having travelled round each country in the Commonwealth and most of Scotland, there isn’t long to go now. Pipe music and hundreds of people welcomed it in Tain.

[Màiri MacAulay] When you think of the many countries and the many small villages its visited since we started last year and here we are now in June and it has reached Tain, well it’s just great and last week I was speaking to my mother and she was telling me “it’s been in Ness” and I was saying “isn’t that great.” It’s almost like this is tying all these countries together and bringing people together, it’s happening all over the country but not just that, other countries in the Commonwealth too.

[Luke] I think it’s good that it’s coming to different towns and that everyone is getting the opportunity to see it.

[Calum Maclean – Reporter] There was plenty dancing in Dingwall, with a flash mob taking place and a big concert being held in the town’s Jubilee Park tonight.

[Murdina MacRae] It’s like everything else, some aren’t for it, thinking it’s an expense and that the money should be spent elsewhere. I don’t agree with that at all. I think it’s good that people are coming out, talking to one another and people look happy, it’s good seeing children with ice creams and things like that.

[Calum Maclean – Reporter] The baton has received a warm welcome in each place it has visited and even here in Dingwall, where there is a flag in almost every shop. But it’s not only Scottish flags that are to be seen, many other Commonwealth countries are being represented in the windows.

[Uisdean MacRae] It’s a good thing that they are coming to the small, remote towns like this, most of the time if there is a big event it takes place in Glasgow or Edinburgh but it’s good it’s happening here.

[Calum Maclean – Reporter] Tha baton is still in the Highlands tomorrow though as it travels between Inverness and Fort William and onwards to Argyll. Calum MacLean, BBC An Là, Dingwall.

Siorrachd Rois

Ross-shire

Inbhir Pheofharan

Dingwall

Baile Dhùbhthaich

Tain

Taigh Iain Ghròit

John O’ Groats

a dh’ ionnsaigh

towards

liuthad

many