FaclairDictionary EnglishGàidhlig

News Naidheachdan

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Sgoilearan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' tadhal air dachaigh-cùraim airson seann dhaoine

Gaelic Gàidhlig

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, tha luchd-obrach aig dachaigh-cùraim airson seann dhaoine ann an Inbhir Nis ag ràdh gu bheil buannachd mhòr ri fhaicinn bho mar a tha clann bho Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ tighinn a-steach agus a’ bruidhinn ri luchd-còmhnaidh anns a’ Ghàidhlig. Tha a’ phròiseact CrossReach air a ruith le Eaglais na h-Alba. Bha luchd-teagaisg ag ràdh gu bheil a’ chlann a’ faighinn a cheart uimhir de bhuannachd às. Tha Doneil MacLeòid ag aithris.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha sgoilearan bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air a bhith a’ tadhal air feadhainn le Gàidhlig a tha fuireach aig taigh-cùraim Taigh Chameron a h-uile seachdain. Tha seo mar phàirt de phròiseact CrossReach Eaglais na h-Alba, a th’ air a bhith a’ dol timcheall air trì bliadhna.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Agus tha an luchd-obrach ag ràdh gu bheil, mar as trice rudeigin aca deasaichte agus uaireannan a’ toirt leotha rudan airson cuimhneachain agus còmhradh a bhrosnachadh.

[Nighean] Tha còig daoine an seo a tha bruidhinn Gàidhlig agus bidh sinn dìreach a’ bruidhinn mu dheidhinn nam beathanan aca agus rudan a bha iad a’ dèanamh nuair a bha iad òg agus mar, Mam 's Dad aca agus tha iad ag innse tòrr dhuinn agus tha sinn a’ faighinn gu math faisg orra.

[Balach] Tha mi smaointinn gu bheil e cudromach gum bi sinn a’ bruidhinn riutha ann an Gàidhlig oir tha fios aca air Gàidhlig ach uaireannan bidh iad a’ dol bho Gàidhlig gu Beurla ‘s bho Beurla gu Gàidhlig nuair a tha sinn a’ bruidhinn ach tha sin OK.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Mar as trice tha a’ chlann air rudeigin a dheasachadh airson còmhradh a bhrosnachadh agus cuimhneachain, a chionn tha mòran anns an taigh-cùraim a’ fulang le dementia.

[Ciorstaidh Scott] Bha feadhainn ag ràdh gu bheil e math faclan ùra a chluinntinn cuideachd agus sin a’ bhuannachd a th’ aig a’ chloinn cuideachd air sgàth gu bheil iad a’ cluinntinn faclan eadar-dhealaichte agus Gàidhlig bho sgìrean eadar-dhealaichte cuideachd.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha luchd-obrach a’ dèanamh moladh mhòr air a’ phròiseact agus a’ chlann agus tha iad ag ràdh gum faicear togail mhòr air an luchd-còmhnaidh nuair a nochdas na sgoilearan òga, fiù’s an fheadhainn aig nach eil Gàidhlig a’ cuimhneachadh corra fhacal bhon òige agus sin an uair sin a’ brosnachadh a’ chuimhneachain. Doneil MacLeòid, BBC An Là.

Inverness Gaelic Primary pupils visit care home for old people

English Beurla

[Iain MacInnes – Presenter] Staff at a care home for the elderly in Inverness say that it is very beneficial that children from Inverness Gaelic School are coming in to speak to the residents in Gaelic. The CrossReach programme is run by the Church of Scotland and the teaching staff say that that it is equally rewarding for the children. Doneil MacLeod reports.

[Doneil MacLeod – Reporter] Pupils from Inverness Gaelic School have been visiting those with Gaelic who live in Cameron House Care Home each week. This is part of the Church of Scotland CrossReach project that has been running for around three years.

[Doneil MacLeod – Reporter] And the staff say that very often they have something prepared and sometimes take things with them to encourage conversation and stimulate their memory.

[Girl] There are five people here who speak Gaelic and we just speak about their lives and things they did when they were young and for example, their Mum and Dad and they tell us a lot and we get quite close to them.

[Boy] I think it’s important we speak to them in Gaelic as they understand Gaelic but sometimes mid conversation they switch from Gaelic to English and from English to Gaelic but that’s OK.

[Doneil MacLeod – Reporter] Often the children have something prepared to encourage conversation and stimulate memory, as many in the care home suffer from dementia.

[Kirsty Scott] Some were saying that it’s good to hear new words and that’s rewarding for the children too as they are hearing different words and Gaelic from different areas too.

[Doneil MacLeod – Reporter] The staff are praising the project and the children and they say they notice a a rise the residents’ morale when the young pupils appear, even those who don’t have Gaelic remember the odd word from their childhood which helps stimulate their memory. Doneil MacLeod, BBC An Là.

dachaigh-cùraim

care home

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Inverness Gaelic School

luchd-còmhnaidh

residents

buannachd

advantage

deasaichte

prepared

cuimhneachain

memories