FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Stating intentions and expectations Ag innse dè tha san amharc

We can go to the pub firstFaodaidh sinn a dhol dhan taigh-seinnse an toiseach

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè mu dheidhinn … ? what about …?

taigh-òsta a hotel

taigh-seinnse a pub

chan eil dùil agam … I don’t intend …

... fuireach fada … to stay long

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Male Assistant Madainn mhath. Good morning.
Female Customer Madainn mhath.
An urrainn dhuibh seo a chàradh?
Good morning.
Can you fix this?
Male Assistant Dè tha ceàrr air? What’s wrong with it?
Female Customer Chan eil fhios agam.
Chan eil e ag obair.
I don’t know.
It isn’t working.
Male Assistant Ceart ma-thà.
Dè an t-ainm a th’ oirbh?
Ok then.
What’s your name?
Female Customer Nic an t-Saoir. MacIntyre.
Male Assistant Nic an t-Saoir. MacIntyre.
Female Customer Cuin a bhios e deiseil? When will it be ready?
Male Assistant Diciadain no Diardaoin. On Wednesday or Thursday.
Female Customer Chan eil dùil agam a bhith a-staigh Diciadain ach ’s urrainn dhomh tilleadh Diardaoin. I don’t intend to be in on Wednesday but I can return on Thursday.
Male Assistant Glè mhath. Very good.
Female Customer Tapadh leibh. Thank you.
Male staff Feasgar math. Good afternoon.
Man Feasgar math.
Tha mi airson a dhol suas a dh’Obar Dheathain.
Good afternoon.
I want to go up to Aberdeen.
Male staff Cuin a tha sibh a’ dol ann? When are you going?
Man Madainn Diciadain aig leth-uair an dèidh naoi. On Wednesday morning at half past nine.
Male staff Diciadain aig leth-uair an dèidh naoi? On Wednesday at half past nine?
Man Seadh. Yes.
Male staff Agus, cuin a tha dùil agaibh tilleadh? And, when do you intend to return?
Man Madainn Diardaoin air an trèan a tha a' fàgail Obar Dheathain aig leth-uair an dèidh ochd. On Monday morning on a train that leaves Aberdeen at half past eight.
Male staff Tha sin ceart gu leòr.
Dè an t-ainm a th’ oirbh?
That’s alright.
What’s your name?
Man Màrtainn.
Calum Màrtainn.
Martin.
Calum Martin.
Woman 1 Dè tha thu ag iarraidh a dhèanamh a-nochd? What do you want to do tonight?
Woman 2 Chan eil fhios agam.
Dè mu dheidhinn film no disco?
I don’t know.
How about a film or a disco?
Woman 1 Bu toigh leam a dhol gu disco. I would like to go to a disco.
Woman 2 Ceart gu leòr.
Faodaidh sinn a dhol dhan taigh-seinnse an toiseach.
Alright.
We can go to the pub first.
Woman 1 Taigh-seinnse shìos am baile? A pub downtown?
Woman 2 Seadh. Yes.