FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Requests and suggestions Iarrtasan molaidhean

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Ceit Dè nì mise a-nis?
’S e Anna a’ bhana charaid as fheàrr a bh’ agam.
What will I do now?
Anne was the best friend I had.
Iain Chanadh i fhèin riut a bhith làidir. She, herself, would tell you to be strong.
Ceit Chanadh. Yes.
Iain Bha i fhèin cho làidir, agus cho làn beatha.
Nam biodh i an seo an-dràsta, chanadh i gun robh i airson a dhol a-mach agus rudeigin gòrach a dhèanamh.
Chanadh i sin.
Chuireadh i oirre a seacaid, thogadh i a baga, agus a-mach an doras leatha.
She was so strong herself, and so full of life.
If she were here now, she’d say that she wanted to go out and do something silly.
She’d say that.
She’d put her jacket on, pick up her bag, and out the door with her.
Ceit Tha thu fhèin glè làidir cuideachd. You’re very strong, yourself, too.
Iain Chan eil, a Cheit.
Chan eil mi làidir idir.
Ach bidh mise ceart gu leòr.
No Kate.
I’m not strong at all.
But I will be alright.
Eòghann Tiugainn ma-thà.
Càit a bheil am pub as fhaisge?
Chòrdadh hòro-gheallaidh rium a-rithist.
Chòrdadh sin rium dìreach glan.
Let’s go then.
Where’s the nearest pub?
I’d enjoy a good celebration again.
I’d enjoy that a lot.
Murchadh Eòghainn, ’s e latha duilich a bha seo.
Dh’innis mi dhut.
A bheil thu a’ tuigsinn idir?
Bha sinn a’ tiodhlacadh Anna an-diugh sa mhadainn.
Ewan, this was a sad day today.
I told you.
Do you understand at all?
We buried Anne this morning.
Eòghann Bha mi fhìn ’s tu fhèin aig tiodhlacadh no dhà ann an Tiriodh a bha glè mhath.
Tiugainn.
Tha pathadh orm a tha uabhasach.
You and I were at a couple of funerals in Tiree that were very good.
Let’s go.
I’m terribly thirsty.
Ceit Feumaidh tu feuchainn ri nursadh a dhèanamh, Iain.
Bhiodh tu cho math air.
You must try and do nursing, John.
You would be so good at it.
Iain Cha b’ urrainn dhomh a-nis, a Cheit.
Cha b’ urrainn dhomh a dhol dhan cholaiste sin far an deach Anna a mharbhadh.
I couldn’t now, Kate.
I couldn’t go to that college where Anne was killed.
Ceit Tha colaistean eile ann. There are other colleges.
Iain Ge-tà, bhiodh cuimhne agam air Anna, a h-uile latha a bhithinn anns a’ cholaiste.
A h-uile latha a bhithinn a’ nursadh, bhithinn a’ smaoineachadh oirre.
However, I would remember Anne, every day that I was at the college.
Every day that I was nursing, I would be thinking about her.
Ceit Nach eil thu airson a bhith a’ smaoineachadh oirre? Don’t you want to be thinking about her?
Iain Chan eil.
Bhiodh e ro ghoirt.
No.
It would be too painful.
Ceit Ò, Iain.
Bha mise a’ smaoineachadh air Anna.
Cha robh mi a’ smaoineachadh ortsa idir.
Tha mi duilich.
Oh, John.
I was thinking of Anne.
I wasn’t thinking of you at all.
I’m sorry.
Iain Tha mi a’ dol air ais a dh’obair a-màireach.
Agus tha mi a’ dol air ais gu Càirdeas.
Tha cus aig Bill ri dhèanamh, agus cha tèid aige air.
I’m going back to work tomorrow.
And I’m going back to Càirdeas.
Bill has too much to do, and he won’t manage it.
Ceit A bheil thu deiseil airson sin? Are you ready for that?
Iain Thuirt Bill rud a bha glè ghlic an-diugh.
Nuair a chaill e a bhean, cha robh fhios aige dè dhèanadh e.
Bha e leis fhèin le pàiste agus bha e cho ìseal.
Bill said something that was wise today.
When he lost his wife, he didn’t know what he would do.
He was alone with a child, and he was so depressed.
Ceit Tha mi cinnteach gun robh. I’m sure that he was.
Iain Thòisich e air daoine eile a chuideachadh.
Bha e cho trang agus nach b’ urrainn dha smaoineachadh.
Tha mise airson a bhith cho trang sin cuideachd.
He started to help other people.
He was so busy that he couldn’t think.
I want to be as busy as that.
Eòghann Thugainn.
Cà’il sinn a’ dol a-nis?
Come on.
Where are we going now?
Murchadh Uill, tha an t-acras ormsa.
Chòrdadh e riumsa biadh a ghabhail.
Well, I’m hungry.
I’d enjoy having a meal.
Eòghann Biadh?
Chòrdadh deoch eile riumsa.
Agus chòrdadh deoch eile riutsa cuideachd.
Ma ghabhas tu deoch cha bhi an t-acras ort.
Gheibh thu pacaid chrisps co-dhiù.
A meal?
I’d like another drink.
And you’d like another drink too.
If you have a drink you won’t be hungry.
You’ll get a packet of crisps anyway.
Ceit Thu fhèin ’s Anna aig Cidhe Sgairinis.
Mi fhìn agus Murchadh.
A bheil cuimhne agad? Bha mi cho fiadhaich!
You and Anne on Scarinish Quay.
Me and Murdo.
Do you remember? I was so angry!
Iain Bha mi fhìn agus Anna a’ smaoineachadh gun robh thu a’ dol ga mharbhadh. Anna and I thought that you were going to kill him.
Ceit An ceathrar againn mu choinneamh an taigh-òsta.
Seo Murchadh, saoil càit an robh e?
The four of us opposite the hotel.
Here’s Murdo, I wonder where he was?
Murchadh Haidh.
A bheil thu nas fheàrr a-nis?
Hi.
Are you better now?
Ceit Tha. Tha mi fada nas fheàrr, a Mhurchaidh.
Tha mi duilich gun robh mi cho gòrach an-diugh.
Yes. I’m much better, Murdo.
I’m sorry that I was so foolish today.
Murchadh Tha mise duilich cuideachd. I’m sorry too.
Ceit Carson? Why?
Murchadh Uill, a chionn ’s gun... Well, because...
Eòghann ... uill, ciamar a tha a’ chailleach?
Iain, ciamar a tha an duine?
Càit a bheil an taigh-beag?
Bha tè no dhà agam san taigh-òsta mun tàinig sinn an seo.
... well, how’s the old lady?
John, how’s the man?
Where’s the toilet?
I had one or two in the pub before we came here.