FaclairDictionary EnglishGàidhlig

F is for feast F airson Fleadh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A gu U Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A gu U

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

F airson Fleadh

[Tony Kearney - Preseantair] Le ‘F’, tha mi a’ dol gu fleadh. Fleadh is fèis is feòil is fuarag, fuine agus fiù ‘s faochagan. Nach tuirt mi ribh gun tigeamaid chun na dinnearachd fhathast? Tha e cho math gu bheil seòrsaichean bìdh ann nach eile a’ tòiseachadh le ‘F’. Ged-ta, tha iad ag ràdh rium gu bheil feadhainn a bhiodh air an làn dòigh mun cuairt air feòrag nam biodh a air an deagh ròstadh. Cha chreid mi gum bi gin dhiubh sin romhaibh an seo. Dh’fhaodadh sibh suidhe cofhurtail.

[An Canon Aonghas MacCuin] Tha mi ag ithe an t-uabhas feamainn agus iasg agus maorach. Ma tha thu ag ithe iasg, tha thu aotram nad inntinn. Tha sin ann cuideachd. Daoine a tha ag ithe tòrr feòla, tha iad cho slaodach agus an leithid sin. Ach an duine a tha ag ithe iasg agus maorach agus feamainn, tha iad cho aotrom nan inntinn, tha mi cinnteach às an sin cuideachd, am measg a h-uile rud eile math is mòr.

[Angela NicFhionghain] Tha aon rud cinnteach le biadh, cha tig thu ceàrr. Chan eil e gu diofar dè seòrsa prògraim, no dè seòrsa chànain, tha mi cinnteach, air feadh an t-saoghail gun coimhead daoine air prògraman co-cheangailte ri biadh. Tha ùidh aig daoine fiù daoine nach eil cus ùidh aca ann an còcaireachd, suidhe a’ coimhead prògraman bìdh. Tha dìreach rudeigin tarraingeach mun deidhinn. Chan eil fhios a’m a bheil iad dathach, a bheil iad inntinneach agus tha mi cinnteach leis na prògraman Beurla tha sinn a’ faicinn, tha iad nis a’ dol airson nan còcairean cuideachd. Tha sin air cùl an rud cuideachd sa latha a th’ ann.

[An Canon Aonghas MacCuin] Ged nach eil mise ach luideach nam chòcaire, tha mi an dòchas gun ionnsaich boireannach an àiteigin air choreigin anns na h-Eileanan an Iar cho àlainn agus tha an saoghal anns a bheil sinn beò agus chan eil dad air an t-saoghal a bheir dhuinn toil-inntinn coltach ri deagh bhiadh, fallain, gu h-àraidh a h-uile dad dheth seo a thàinig o taobh an Iar Bharraigh an-diugh airson beagan toileachais a thoirt dhuibh.

[Sarah Cruikshank] Sin agad an rud. Is toigh leamsa a bhith a’ dol dhachaigh airson biadh mo mhàthar agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile duine an aon rud agus gu bheil sin na phàirt mhòr de bheatha dhaoine shuas anns na h-Eileanan.

[Iain Màrtainn] Halò agus fàilte oirbh gu Air a’ Bhòrd, a’ tighinn thugaibh an t-seachdain-sa bhon Eilean Sgitheanach, àite a tha gu math ainmeil airson biadh math.

[Floraidh NicIlleathain] Ged a tha feusgan gu leòr air a’ chladach, tha sinn a’ faighinn nam feusgan againne bho Phadraig MacAsgaill às an Druim Fheàrna agus saoilidh mi gum bi iad dìreach deiseil a-nise. Tha mi nise dìreach an-dèidh an t-uachdar agus am parsley a chur anns a’ phana agus dìreach a’ crathadh airson mionaid no dhà agus a-nise, tha e deiseil airson ithe.

[Catriona NicFhionghain] Ò, tha mi a’ smaointinn gu bheil na Gàidheil uabhasach math air a bhith a’ còcaireachd agus ‘s a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn biadh, ‘s mu dheidhinn feòil, ‘s na tha iad a’ dèanamh, ‘s gu h-àraidh mu rudan mar bhuntàta. Cho luath ‘s a thigeadh am buntàta, tha a h-uile duine dìreach a’ feitheamh ‘s a’ feitheamh ‘s thig iad, agus tha mi a’ smaointinn gu bheil na Gàidheil dìreach cho math air a bhith a’ còcaireachd ‘s a bhith a’ fuine, is rudan mar sin, ‘s gu bheil prògraman mar sin, Ready, steady, Cook, bhiodh na Gaidheil dìreach math fhèin air Ready Steady Cook, ‘s tha mi a’ smaointinn gu bheil e mar phàirt den chultar againne cuideachd, bidh thu airson biadh a thoirt do dhaoine agus tha thu airson daoine a bhiadhadh. Agus leis an sin, tha mi a’ smaointinn gu bheil na prògraman a tha sin ag obair air sailleibh an t-seòrsa daoine a th’ annainn.

[Rhoda NicDhòmhnaill] An cuir mi seo dheth?

[Duine] Cuir dheth e a-nise. Tha sin deiseil a-nise, mar sin. An uair sin, cuiridh sinn an sabhs air a’ chirc mar sin.

[Rhoda NicDhòmhnaill] Tha sin a’ coimhead dìreach àlainn.

[Màiri NicAonghais] Seall seo a-nise.

[Coinneach] Fan-dabby-dozy.

[Màiri NicAonghais] A bheil thu a’ smaoineachadh?

[Coinneach] Tha. Dìreach fan-dabby-dozy.

[Màiri NicAonghais] Tha thu math air mo chuideachadh, a Choinnich.

[Coinneach] ‘S mi a dh’ fheumas. Bidh sinn an seo fad na seachdain.

[Màiri NicAonghais] Seo a-nis.

[Coinneach] Seo a-nis.

[Màiri NicAonghais] Sin agad e.

[Coinneach] Ò tha sin gu leòr. Seall siud.

[Màiri NicAonghais] Bheir mise leam an seo a-null agus cuiridh sinn an seo iad.

[Coinneach] Seo a-nis.

[Màiri NicAonghais] Ma dhìochuimhnich mi am fìon.

[Coinneach] Chan eil sin math ri dhèanamh.

Chaidh am prògram seo, A gu U - Am faca tu?, a chraoladh an toiseach ann an 2008.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!