FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The clans are summoned Tha na cinnidhean gan gairm

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Tha na cinnidhean gan gairm

[Duine] From the Borders, the best Border reivers and the finest liberators of English livestock, the Kerrs are here!

[Dòmhnall] Beinn Seanair ann an Carolina a Tuath. Gu sòlamaichte agus gu dùrachdach, agus leis a’ ghlòir ’s a’ glaodhraich a tha cho nàdarrach dha na h-Ameireaganaich, tha na cinnidhean gan gairm.

[Duine] The MacFarlanes are here! Loch Slòigh!

[Dòmhnall] Tha e dhaibhsan na mhac-talla air mar a bhiodh seann chrann-tara na Gàidhealtachd ga ghiùlain bho sin. Tha daoine a’ cruinneachadh às gach ceàrnaidh dhen t-saoghal gu Beinn Seanair agus ao-coltach ri seirbheis a’ chruinn-tara chan eil an crann agus an càirdeas buileach fuadain oir ’s ann an ceann a deas Ameireagaidh a stèidhich eilthirich na ciad choimhearsnachdan Gàidhealach.

[Dòmhnall] Tha ceann a deas nan Stàitean Aonaichte teth agus tais. Tìr dhùinte le coilltean tiugh, dlùth agus gun fàire ri fhaicinn. Chan fhaigheadh tu na b’ ao-choltaiche ri monaidhean ’s machraichean shaothair fhosgailte na Gàidhealtachd.

[Dòmhnall] Ach b’ ann an seo a thàinig na Gàidheil anns a’ chiad dol a-mach. Toiseach tòiseachaidh nan imrichean mòra a bheireadh barrachd buaidh air coimhearsnachd ’s air cultar na Gàidhealtachd na rud sam bith eile fad dà cheud bliadhna.

[Dòmhnall] Mar a bha a’ dol a thachairt a-rithist ’s a-rithist bha eilthireachd nan Gàidheal toinnte gu mòr ’s an t-strì eadar ìmpireachdan an saoghal. Toiseach na h-ochdamh Linn deug bha Ìmpireachd Bhreatainn an Ameireaga a’ sgaoileadh gu deas. Bha iad a-nise air iomall fearann na Spàinne. Stèidhich Breatainn fearann Georgia mar dhìon an aghaidh nan Spàinneach le baile beag Darien mar ghearastan.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!