FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meet Ishi Coinnich ri Ishi

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Coinnich ri Ishi

[Anna] Ishi an toiseach. Buinidh tu do Bharraigh. Fhuair thu do thogail air an eilean. Nuair a bha thu ag èirigh suas dè seòrsa rud a bhiodh tu a’ leughadh agus cò bhiodh ga do bhrosnachadh gu leughadh?

[Ishi] Bha mise a’ leughadh bho aois gu math òg. Tha mi air a bhith air mo chuairteachadh le leabhraichean airson uill fad mo bheatha agus gu h-àraidh ann an taigh mo sheanar ’s mo sheanmhar far an robh mi a’ cur seachad pàirt den latha nuair a bha mo phàrantan ag obair, agus mo sheanair a’ toirt orm a bhith a’ leughadh fad an latha agus sinn a’ leughadh còmhla fiù ’s mus deach mi dhan sgoil. Agus a’ leughadh iomadh seòrsa rud, fiù ’s rudan nach robh ’s dòcha iomchaidh no freagarrach dha clann cho òg ach…

[Anna] Dè seòrsa rud a bha thu a’ leughadh nach robh iomchaidh?

[Ishi] Uill bha na leabhraichean aig James Herriot mu bhith na vet agus tha iad gu math èibhinn, ach chan eil e … chan ann airson clann a chaidh an sgrìobhadh ach bha mise gan leughadh nuair a bha mi gu math òg. Readers Digest, National Geographic, encyclopedias, dìreach rudan nach saoileadh tu gum biodh cuideigin a bha ceithir no còig bliadhna a dh’aois gun iarradh iad a bhith gan leughadh ach bha iad a’ còrdadh riumsa gu mòr. Ach bha leabhraichean a’ còrdadh rium gu mòr. Bha mi a’ leughadh fad na h-ùine. Ach aig a’ cheart àm bha mi a’ leughadh tòrr leabhraichean cloinne agus sgeulachdan mar a bhiodh dùil a bha a’ còrdadh ri nighean bheag aig an aois sin, leabhraichean mu eich agus a h-uile rud eile. Dìreach bha mise toilichte fad ’s a bha leabhar na mo làimh agus dìreach bha mi a’ cur seachad ...

[Anna] Bha e a’ toirt toileachas dhut.

[Ishi] Bha.

[Anna] Dh’fhàg thu Barraigh. Chaidh thu dhan oilthigh. Rinn thu ceum uabhasach ciallach. Rinn thu lagh san oilthigh. Dh’ionnsaich thu rudan às dèidh sin agus chuir thu seachad bliadhnaichean a’ dràibheadh timcheall air Afraga air làraidh mhòr bhuidhe. Ciamar a thachair sin?

[Ishi] ’S e sin a’ cheist! ’S e sin a’ cheist mhòr agus ceist a chaidh fhaighneachd dhomh ann am Malawi le ministear an ionmhais turas agus cha robh e furasta esan a fhreagairt agus chan eil e furasta sibhse a fhreagairt nas motha. ’S e dìreach mar a thachair cùisean. Chan e tè a th’ annam a tha a’ dèanamh plan no a’ cumail ri plan ma thèid plan a dhèanamh.

[Anna] Ciamar a fhuair thu an cothrom a dhol an sàs anns an obair a rinn thu?

[Ishi] Bha mi air a bhith a’ siubhal fad greis co-dhiù ach chan ann son bliadhnaichean. Bha mi dìreach a’ dèanamh mìos an siud ’s mìos an seo agus a’ tighinn dhachaigh agus bha mi a’ cosnadh beagan airgid a bheireadh air falbh a-rithist mi. Ach bha mi a’ cur seachad ùine anns an Ear Mheadhanach, anns an Èipheit gu h-àraidh. Bha flat agam anns an Èipheit. Bha mi an sin agus airson adhbharan eadar-dhealaichte dh’fhàg mi agus chaidh mi dhan Tuirc agus bha mi a’ fuireach còmhla ri caraid às an Tuirc a bha a’ dèanamh na h-obrach seo, a bha air a bhith a’ dràibheadh air feadh Afraga ann an làraidh mhòr bhuidhe fad iomadach bliadhna ach bha e air tighinn air falbh bhon sin airson rudan eile a dhèanamh. Ach chaidh iarraidh air tilleadh mar nàdar de emergency cover airson cuideigin a ghoirtich iad fhèin. Agus nuair a thill e, dh’ iàrr e orms’ tighinn còmhla ris agus ged nach robh mi air a shon an toiseach, cha robh mi airson a bhith a’ siubhal còmhla ri tòrr dhaoine. Bha mi cleachdte ri bhith a’ siubhal leam fhìn fad bhliadhnaichean agus cha robh mi airson sin atharrachadh, ach dh’aontaich mi oir aig a’ cheann thall bha a’ phrìs glè mhath agus cha robh mi a’ dol a dh’fhaicinn Afraga aig a’ phrìs sin.

[Anna] Bha thu bliadhnaichean a’ siubhal agus tha a’ chiad leabhar a thug thu a-steach dhuinn a-nochd, ’s e leabhar a th’ ann mu dheidhinn a bhith a’ siubhal, ach a bhith a’ siubhal thar talmhainn agus a bhith a’ coimhead rudan. Nach seall thu an leabhar dhuinn agus innis dhuinn dè th’ ann.

[Ishi] Uill seo an leabhar aig Peter Moore, The Wrong Way Home. Fear à Astràilia a bha ag obair ann an Lunnainn agus a bha a’ dol a dhol dhachaigh gu Sydney agus cho-dhùin e an àite a dhol dhachaigh air itealan, mar a dhèanadh duine ciallach, gun tigeadh e dhachaigh thar na talmhainn agus le beagan airgid - agus ’s e beagan airgid a bh’ ann dha-rìribh - chaidh e fad an rathad eadar Lunnainn agus Sydney.

[Anna] Eil thu a’ faireachdainn dàimh ris an ùghdar?

[Ishi] Tha, gu mòr! ’S e seo an dòigh siubhail a th’ agamsa cuideachd. Tha thu a’ tòiseachadh ann an àiteigin, tha fios agad gu bheil thu airson àiteigin eile a ruighinn ann an ùine. Chan eil e gu diofar dè cho fad ’s a tha e a’ dol a thoirt, tha fios agad gu bheil thu ag iarraidh a dhol a dh’àite air choreigin eile agus sin e. Tha thu an uair sin a’ dol eadar an dà àite dìreach ann an dòigh sam bith a tha iomchaidh aig an àm.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!