FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What does Iain eat? Dè bhios Iain ag ithe?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Dè bhios Iain ag ithe?

[Preseantair] Leig Iain Moireasdan dheth a dhreuchd agus ‘s e ochd bliadhna fichead ann am foghlam ann an Leòdhas airson ceum diadhaireachd trì bliadhna a dhèanamh ann an Seminary Diadhaireachd Dhùn Èideann.

[Preseantair] Le a bhean, Carmen, a’ fuireach ann an Leòdhas, tha Iain a’ dèanamh air a shon fhèin ann am Baile Dhùn Lèibhe.

[Iain Moireasdan] Dinner time – tha mi air mo tholladh leis an acras an-diugh. Tha mi a’ dol a dhèanamh omelette dhomh fhèin. Cha chreid a’ bhean agam, cha robh ise a’ smaoineachadh gu bheil mi an ìre mhath beò air èiginn, tha mi a’ smaoineachadh. Tha iad a’ toirt dhuinn biadh anns a’ cholaiste a h-uile latha, tha sin math. Tha mi a’ gabhail lite sa mhadainn mus fhalbh mi agus a’ faighinn rudeigin anns a’ cholaiste agus uill, tha sinn beò fhathast co-dhiù.

[Iain Moireasdan] Tha mi a’ fuireach ann an Livingston. Tha mi a’ coimhead às dèidh an taigh fhad ’s a tha mi anns a’ cholaiste. Tha e math, tha sinn ri taobh railway station, tha sinn faisg air a’ mhotorway, tha e cofhurtail ann an seo, ’s àite ciùin, socair is gu leòr rùm ann airson a bhith ag obair bòrd far a chuirinn coimpiutair, tha sin gu math cofhurtail. Chan fhaic thu muir bhon thaigh-sa. Tha mi ag ionndrainn na mara . Dìreach air beulaibh an taighe agam, tha an Loch a Tuath ann an sin agus chan eil views an seo, mar a tha aig an taigh.

[Preseantair] Ged nach eil Carmen còmhla ris, tha e gu math furasta dhith a bhith ga chumail ceart a thaobh nan reasabaidhean.

[Iain Moireasdan] Tha sinn mar teenagers textadh, eil fhios a’d? Tha fòn, cha mhòr a h-uile latha, agus tha sinn a’ cleachdadh app air a fòn ’s tha mi fhèin is Carmen ’s a’ chlann ’s nephews, niece agus mo bhràthair-chèile, mo phiuthar-chèile, bidh sinn a’ còmhradh còmhla ri chèile air siud. So there we have a blue cheese, bacon and onion omelette and as yet it’s not burnt. An caise às dèidh a leaghadh, chan eil e steigte ris a’ phana. Dh’ fhaodadh gur e success a tha gu bhith an seo. Okay. And that is how we do that. Agus mus tòisich sinn, an altachadh.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!