FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A loaf deserving of a prize? Lofa a tha airidh air duais?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Lofa a tha airidh air duais?

[Màiri] Tha mi air tighinn a Bharraigh far a bheil na bèicearan as fheàrr air an eilean trang a’ deaseachadh airson fèis bhliadhnail Toradh Bharraigh. Abair gum bi farpais eatorra le lofaichean mheasan is lofaichean tì.

[Màiri] A Mhàiri Anna, tha sibhse trang a’ faighinn deiseil airson latha mòr a-màireach. Dè tha sibh a’ dèanamh ann an seo dhuinn?

[Màiri Anna] Uill tha mi a’ dol a dhèanamh lofa le tì fhuar. Bidh mi ga goil sa phoit, agus nuair a bhios i air fuarachadh, a’ dol a chur flùr is uighean innte is a-staigh dhan àmhainn.

[Màiri] Glè mhath. A bheil sibh airson tòiseachadh ma-thà?

[Màiri Anna] An tòisich mi?

[Màiri] Nach inns thu dhuinn dè tha a’ dol dhan lofa?

[Màiri Anna] Uill, b’ àbhaist gur e, fhios agad, na cnapan de margarine cruaidh a bha a’ dol innte ach tha e car doirbh fhaighinn so tha mi a’ dol a thomhas a-mach ochd unnsaichean dhen fhear seo. Nì e an aon fheum.

[Màiri] Is an e sin trì lofaichean?

[Màiri Anna] Nì e trì lofaichean. ’S e ceithir unnsaichean a bh’anns an reasabaidh ach tha mi a’ faireachadh ma tha thu a dhèanamh sin tha e dìreach rud beag ro mhòr airson aon lofa is chan eil buileach gu leòr ann airson a dhà. Is ma chuireas mi a dhà uimhir ann tha e dìreach a’ dèanamh a trì cnapach agus an uair sin a h-uile sìon eile ann an cupa. Is chan fheumadh tu ...

[Màiri] Tha e nas fhasa, nach eil?

[Màiri Anna] Tha e gu math, gu math furasta. ’S e siùcar donn a tha a’ dol ann.

[Màiri] Tha Màiri Anna a’ cur dà chupa siùcair donn ris, dà chupa sultanas, dà chupa deataichean air an gearradh gu math beag agus dà chupa tì fhuar.

[Màiri] Mairidh an lofa seo cuideachd, chanainn, am mair i?

[Màiri Anna] Cumaidh.

[Màiri] Grunn làithean.

[Màiri Anna] Cumaidh. Tha dà spàin sòda a’ dolinnte.

[Màiri] An robh sibhse a-riamh a’ bèicearachd no an e rud a th’ ann a thòisich sibh?

[Màiri Anna] Uill bhiodh mo mhàthair an-còmhnaidh, an-còmhnaidh a’ fuine, fhios agad, sgonaichean againn a-staigh cho tric agus ... Cha bhithinn-sa a’ dèanamh sin idir ach thòisich mi, tha mi a’ smaoineachdadh, gur ann an seo am Barraigh a fhuair mi an reasabaidh airson nan cèicichean seo, fhios agad, an fheadhainn a tha thu a’ leaghadh sa phoit. Bidh mi a’ dèanamh seo, is tè dhinnsear agus tè eile le bainne. Is tha mi a’ dol a chur seo air a’ chucair is a’ dol ga ghoil, eil fhios agad, gus an leagh am margarine.

[Màiri] Dè cho fada, can?

[Màiri Anna] Chan eil ach dìreach a bhith a’ cumail sùil air, fhios agad, dìreach a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-ìm uile air leaghadh.

[Màiri] Tha seo a-nis air goil agus air fuarachadh.

[Màiri Anna] Tha e air goil agus air fuarachadh. Chan eil e, eil fhios agad, tha e fhathast blàth. Chan eil e air fuarachadh ach dìreach gus nach eil, fhios agad, tha mi a’ dol a chur na h-uighean ann agus gus nach tòisich gealagan a’ ruith air, fhios agad, a’ tòiseachadh a bhruich ann. Dìreach fuar gu leòr airson gu...

[Màiri] Ceithir uighean, an e?

[Màiri Anna] Ceithir uighean a tha a’ dol ann.

[Màiri Anna] Fhios agad, uaireannan ma dh’fhàgas tu e gus am bi e ro fhuar tòisichidh an t-ìm a’ reòthadh a-rithist.

[Màiri Anna] Shaoilinn g’ eil sin math gu leòr. Tha mi air am flùr a thomhas so tha ceithir cupannan flùir agam ann an sin.

[Màiri] Agus tha an seorsa lofa seo cuideachd ... tha i furasta ann an dòigh agus chan eil thu a’ toirt fad na h-oidhche ga dhèanamh.

[Màiri Anna] Agus rud eile a tha math mu deidhinn, fhios agad, ma tha thu a’ dèanamh bèicearachd airson rud sam bith tha i furasta a làimhseachadh nuair a tha i deiseil, fhios agad, an taca ri, can, ma tha thu a’ dèanamh sponge agus agad ri falbh a dh’àite leatha feumaidh tu a bhith cho faiceallach no...

[Màiri] Agus tha e sgoinneil cuideachd, tha a’ chlann agaibh uile, tha ùidh aca, uill a’ chuid as motha aca, tha ùidh aca ann am bèicearachd.

[Màiri Anna] Tha. [Màiri Anna] Nise, tha i deiseil airson a dhol dhan àmhainn.

[Màiri] Ok.

[Màiri Anna] Aig...

[Màiri] Dè cho fada a-nis?

[Màiri Anna] One fifty agus coimheadaidh mi dìreach eadar trì-chairteal agus uair. Tha e ag ràdh fhàgail a-staigh uair ach on a tha fan air an àmhainn bidh mi a’ coimhead air dìreach rud beag ron sin, air eagal ’s gun loisg e.

[Màiri] Uill chan eil againn a-nis ach feitheamh chun a-màireach agus chì sinn ciamar a thèid na duaisean.

[Màiri Anna] Uill chì. Chan eil fhios agam ’s dòcha g’eil dhà no trì ann.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!