FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dosing the sheep Dòsadh nan caorach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Dòsadh nan caorach

[Sweeny] ’S e àite air leth bòidheach a th’ ann an Dail bho Thuath gun teagamh agus dhomhsa chan eil càil as fheàrr na a bhith aig tòn an lota a’ cruinneachadh nan caorach air madainn bhrèagha.

[Sweeny] Còmhla ri na caoraich a cheannaich mi aig an t-sale tha a-nis mu leth-cheud agam air fad. An-diugh tha mi gan dòsadh còmhla ri mo bhràthair, Innes.

[Sweeny] Tha fios a’m nach eil tòrr ùidh aig Innes anns an obair a tha seo ach tha e math dhmhsa gu bheil cuideachadh agam na caoraich a chur dhan fhaing.

[Sweeny] Chì thu dìreach cho cuideachail ’s a tha e, mas fhìor!

[Innes] A h-uile latha a tha mi aig an taigh tha Dòmhnall a’ tighinn a-steach ’s tha e ag ràdh “right, èirich, tha thu a’ tighinn a-mach, tha sinn a’ dol a-mach gu na caoraich”. Chan urrainn dhomh smaoineachadh air càil nas mios’ na sin. Chan urrainn dhomh smaoineachadh air càil nas mios’ na caoraich, no cearcan, no a bhith ag obair còmhla ri Dòmhnall air an lot! Chan urrainn dhomh smaoineachadh air càil nas mios’ na beathaichean agus gu h-àraidh na beathaichean aig Dòmhnall agus an cù aige.

[Sweeny] Tha an dòs ga thoirt dha na caoraich airson an dìon bho ghalaran a tha cumanta aig diofar amannan den bhliadhna agus a tha a’ fàgail nan caorach tinn agus lag.

[Sweeny] Dh’fhaodadh gun dèanadh dòs feum dha Innes fhèin cuideachd!

[Iain] Cha robh Aonghas riamh, cha robh e keen air a bhith am measg beathaichean agus ’s ann a tha ùidh aig Aonghas a bhith a’ dol a-mach leis an t-soisgeul. Tha Aonghas, tha e a cheart cho coma ged a bhiodh e na shuidhe a’ leughadh leabhar agus nuair a bhios e a’ tighinn dhachaigh bidh Dòmhnall a’ smaoineachadh gu bheil còir aige a chuideachadh. ’S bidh e a’ dèanamh sin, ò bidh e ga chuideachadh ach chan eil ùidh aige ann. Chan eil a chridhe ann.

[Sweeny] Chan eil sgot aig a’ bhalach. Innes, carson a tha a h-uile cail a tha sin na do làmhan? Croch air a’ phost e. Cha bhi e às an rathad ort an uair sin. A’ dol timcheall mar gu bheil an handbag agad.

[Iain] Nise, tha Dòmhnall a cheart aghaidh sin. ’S ann a tha Dòmhnall ag iarraidh a bhith a-muigh fad an latha ach, mar a thuirt mi, ’s ann a tha ùidh aig Aonghas ann a bhith a’ craobh-sgaoileadh an t-soisgeil. ’S e sin a tha e ag iarraidh a dhèanamh.

[Sweeny] Seall, manbag a th’ ann a-nis, chan e handbag.

[Sweeny] Tha dòs ga thoirt dha na caoraich aig diofar amannan tron bhliadhna ’s mur a biodh sin bhiodh fìor chunnart ann gun tigeadh an spùt no am pluc air na caoraich. Dà ghalar a dh’fhaodadh na caoraich a mharbhadh aig a’ cheann thall.

[Sweeny] Cha tug sin fada.

[Sweeny] Tha e math a bhith a-muigh air latha math mar seo ’s bidh a h-uile càil a’ còrdadh ri Innes. Innes, I’m very tempted!

[Sweeny] Uill dh’fheumadh e tachairt uaireigin agus nach e a bha airidh air!

[Sweeny] Agus ’s ann airson sin a tha bràthair mòr ann.

[Sweeny] Sin agad e.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!