FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Mary-Anne MacDonald Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Màiri-Anna NicDhòmhnaill

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Mary-Anne MacDonald Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ri Màiri-Anna NicDhòmhnaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Màiri-Anna NicDhòmhnaill

[Dòmhnall Moireasdan] Màiri-Anna NicDhòmhnaill, craoladair, neach-naidheachd, agus an-diugh ùghdar cuideachd, fàilt’ ort, a Mhàiri-Anna.

[Dòmhnall Moireasdan] Nise, an-dèidh a bhith ag obair còmhla riut bliadhnaichean anns a’ BhBC, tha fhios a’m, tha iomadh taobh ort mar a th’ oirnne uile, tha mi a’ creidsinn, ach ‘s e boireannach Gàidhealach a tha seo agus boireannach a tha tòrr, tòrr nas fharsainge na sin cuideachd. Mar eisimpleir, chan e a h-uile nighean ann an naoi bliadhna dh’ aois a bhith ag èisteachd ri ceòl Grieg air Rèidio Trì no càil sam bith dè na bh’ ann aig an àm sin ann an Uibhist a Deas.

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] ‘S toigh leam uabhasach ge bith dè bh’ ann aig an àm sin, fhios agad, tha thu ga dhèanamh cho fada air falbh. Tha, ann an dòigh, bha rud a thuirt thu fhèin ann an siud, chan e a h-uile duine anns na h-Eileanan a bha ag èisteachd ri, can, ceòl clasaigeach. Cha mhòr nach eil faireachdainn agamsa gun robh daoine sna h-Eileanan air am putadh gu bhith nas cumhainge agus gun a bhith a’ coimhead nas fharsainge gu ceòl dhùthchannan eile ‘s ceòl tro nòs eile ach dìreach an ceòl aca fhèin. Ach ‘s e a thachair dhòmhsa, Bha Sgoil Dhalbroig an Uibhist a Deas agus bhiodh bean-teagaisg uaireannan againne airson ceòl, ‘s cha robh guth aice a dhol faisg air a’ phiàno no iarraidh oirnne òran a ghabhail, chan eil mi a’ smaoineachadh gun robh ceòl mar sin innte fhèin idir. Bhiodh i a’ toirt a-staigh ged-tà na clàran a bh’ aice ‘s an uair sin a chuala mi ceòl Clasaigeach airson a’ chiad uair na mo bheatha is mar a thuirt thu fhèin Grieg, ‘s e am Peer Gynt Suite aig Grieg a’ chiad phìos a chuala mi. Is tha pìos ann an sin, ‘s e ‘Madainn’ an t-ainm a th’ air, ‘s bha e a’ mìneachadh mar a bha a’ ghrian ag èiridh os cionn, eil fhios agad, na lochan mara ann an Nirribhidh is gun robh duine a’ feuchainn ri dealbh a dhèanamh air an sin. Is greimich sin orm chionn ‘s bha sinn fhèin air ar cuairteachadh le lochan mara is leis a’ chuan. ‘S e dealbh a bh’ ann a thuigeamaid. Tha mi cinnteach gur e sin a thug air a’ bhoireannach a dhèanamh. Ach bha mi ag ràdh “Uill, tha seo a’ còrdadh riumsa glan, feumaidh mi, fhios a’d, barrachd dheth fhaighinn”. Is thuirt i rinn “Bhithinn, anns a’ chiad àite”, tha prògram, tha mi a’ smaoineachadh gun robh e mar a chanadh iad an uair sin an The Light Programme ris a chanadh iad Your Hundred Best Tunes. ‘S gheibheadh tu pìosan beaga furasta èisteachd riutha aighearachd de cheòl chlasaigeach. Ach a bharrachd air an sin thuirt i ma thèid thu nas fhaide tha The Third Programme ann, ‘s cluinnidh sibh pìosan mòra ann an sin. Is tha mi a’ smaoineachadh gun robh tòrr a bha sa chlas anns an sgoil a bha dìreach “cuin a bhios seo seachad?”. Ach chaidh mise dhachaigh agus thòisich mi a dhol am bad am wireless agus fhuair mi ‘s ann an ceann bliadhna transistor beag dhomh fhèin agus aig an aois a bha sin, bha na transistor, bhiodh an dara h-uair Cliff Richard no na Beatles air shìos an seo, is bhiodh e an uair sin aig Beethoven aig a’ cheann shuas. Sin dìreach mar a thachair.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!