FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Interesting art and history of the college Eachdraidh is ealain inntinneach anns a’ cholaiste

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Eachdraidh is ealain inntinneach anns a’ cholaiste

[Preseantair] Tha colaiste air a bhith aig an Eaglais Shaoir ann an Dùn Èideann airson còrr air ceud gu leth bliadhna. Ach tha an togalach air a bhith air an làraich seo nas fhaide na sin, le eachdraidh inntinneach na chois.

[Oll. Urr. Iain A. MacLeòid] Tòrr staidhrichean! Cha robh iad cho dona bho chionn sia bliadhna deug nuair a bha mi a’ ruith suas ann an seo.

[Oll. Urr. Iain A. MacLeòid] Seo am Presbytery Hall agus ’s e Oregon pine a tha seo. Buinidh e dha Ameireaga agus tha e uabhasach brèagha. Brèagha dha-rìribh. Tha blàths ann cuideachd ’s tha a h-uile seòrsa design air na pillars a th’ ann.

[Oll. Urr. Iain A. MacLeòid] Chaidh an togalach seo fhèin a thogail, tha mi a’ smaoineachadh, ann an 1727 no mar sin. Daoine gu math cudromach a’ fuireach ann an seo, David Hume am philosopher, bha esan a’ fuireach ann an seo airson greis mhath agus cuideachd Boswell, bha esan a’ gabhail còmhnaidh ann an seo airson greiseag agus bha e fhèin agus Johnson ag ithe còmhla ri chèile ann an seo.

[Oll. Urr. Iain A. MacLeòid] ’S e sin am memorial window agus na daoine a tha sibh a’ faicinn ann an sin, ’s e sin na daoine a tha uabhasach cudromach anns an Eaglais Shaoir agus fada ron sin, a’ dol air ais gu John Knox suas tro na linntean an uair sin. Thomas Chalmers ann an sin anns a’ mheadhan.

[Oll. Urr. Iain A. MacLeòid] Seo peantadh uabhasach ainmeil. Mar a tha sibh a’ faicinn an seòrsa deilbh a th’ ann, sin an seòrsa coinneachaidh a bh’ ann nuair a thòisich an Eaglais Shaor bho chionn fhada ann an 1843. ’S e David Octavious Hill a rinn an dealbh sin, còrr air fichead bliadhna, 23 years, ann a bhith a’ dèanamh seo. ’S e rud a tha ga dhèanamh ainmeil gur e seo a’ chiad pheantadh a chaidh a dhèanamh le cuideachadh bho camara airson a bhith a’ togail dealbh ’s an uair sin a’ cur an dealbh ann an seo fhèin leis a’ pheant agus tha e uabhasach math.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!