FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Flora’s gingerbread An t-aran-cridhe aig Flòraidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

An t-aran-cridhe aig Flòraidh

[Flòraidh] Uill tha mi an toiseach a’ dol a chur cupa uisge ann agus tha mi an uair sin a’ dol a chur cupa siùcair, siùcar dìreach fear a bhios agad, cuir e dhan tì. Chan e fear mìn idir, dìreach granulated mar a chanas iad sa Bheurla. ’S e boiled method a chanas iad air an gingerbread a tha seo.

[Màiri] Agus tha sibh ag innse dhomh nach urrainn seo a dhol ceàrr?

[Flòraidh] Chan urrainn dha a dhol ceàrr do dhuine sam bith. Faodaidh duine sam bith...

[Màiri] A bheil sibh cinnteach?

[Flòraidh] Tha mi cinnteach. Dh’fhaodadh tu fhèin fheuchainn, a Mhàiri, agus tha mi cinnteach nach tigeadh e ceàrr dhut co-dhiù. Tha a h-uile sgath cho furasta a thomhas. Cupa dhan... An aon rud a tha mi a’ cur air an scale ’s e an t-ìm. ’S tha a h-uile sgath eile ga thomhas anns a’ chupa a tha seo.

[Flòraidh] Tha sin a’ dol dhan phana agus ceithir unnsaichean ime.

[Màiri] ’S cò às a fhuair sibh an reasabaidh a tha seo?

[Flòraidh] Aig mo mhàthair agus mo mhàthair chèile, nach maireann. Bhiodh an dithis aca a’ cleachdadh an reasabaidh a tha seo agus chan eil fhios agam càite an d’ fhuair iadsan e. An ann à leabhar no rud eile ach chaidh, mar a chanas iad, a chur sìos tro na... thugam fhìn? Agus mar a tha mi ag radh cha tig e ceàrr uair sam bith. ’S tha spàin tì sòda arain, dà spàin mixed spice, spàin tì. Deagh fhàileadh às a’ mhixed spice , nach eil?

[Màiri] ’S a bharrachd air an gingerbread dè eile a bhios sibh, dè a’ bhèicearchd eile a bhios sibh a’ dèanamh?

[Flòraidh] Spàin dhinnseir.

[Flòraidh] Uill bidh mi a’ dèanamh rud sam bith. Uill ’s e còcaireachd a tha mi a’ dèanamh airson m’ obair latha agus bidh mi a’ dèanamh bèicearachd ann an sin cuideachd ach ’s fìor thoil leam a bhith a’ dèanamh cheesecake. Agus a-nis sin a’ dol air bàrr a’chucair ‘’s ga bhruich airson mu dheich mionaidean.

[Flòraidh] Seo a-nis, a Mhàiri, tha seo a-nis air fuarachadh gu leòr airson tha dà ugh a’ dol ann a-nis agus seo sinn ma-thà.

[Màiri] A bheil na fir anns an taigh agaibh, a bheil iadsan dèidheil air fuine ’s bèicearachd?

[Flòraidh] Chan eil iad dèidheil air a bhith ga dhèanamh ach tha iad dèidheil gu leòr ga ithe. Agus ’s àbhaist dhomh a bhith a’ bèicearachd, gu h-àraidh sa gheamhradh. Tha, bidh mi a’ dèanamh rudeigin cha mhòr a h-uile Disathairne agus a’ dèanamh rudeigin airson lònach, airson na dìnneir. ’S an uair sin às dèidh sin, tha dà chupa de self-raising flùr a’ dol ann. So chì thu dìreach cho furasta ’s a tha seo a dhèanamh agus tha dìreach a’ tomhas a-mach a h-uile sgath anns a’ chupa.

[Màiri] Tha lofa mar seo, tha i math sa freezer cuideachd, mairidh i airson ...

[Flòraidh]: Tha.

[Màiri] Greis.

[Flòraidh] Tha, mairidh i airson greis. Tha, sàilleibh cuideachd, nuair a bhios mi a’ dèanamh seo mar as trice bidh mi a’ dèanamh a dhà dhiubh. Tha, sàilleibh, bhiodh fasan aig, uill, mo mhàthair, nach maireann, bhiodh i ag radh “uill ma tha thu a’ dol a dhèanamh bèicearachd feuch gun dèan thu fiach as saora a chumas a’ dol thu seach a bhith a’ cur an àmhainn air airson aon rud”. ’S tha an uair sin rud beag de chream of tartar a’ dol am measg sin. Agus sin agad e. Sin e ullamh agus tha an uair sin dìreach ga mhixeadh air fad le chèile agus tha e an uair sin a’ dol ann an tiona bèicearchd mar sin, dà phunnd. ’S tha na liners a tha sin, tha iad uabhasach fhèin handy. Sàbhalaidh e a bhith a’cur ìm no rud eile air a’ chrogan. Tha thu dìreach a’ cur fear dhiubh sin ann agus sàbhalaidh e do chorragan fhaighinn salach no làn ime, mar a chanas iad. Agus sin agad e. Tha e a-nis deiseil.

[Màiri] Tha fàileadh brèagha às mar-tha.

[Flòraidh] Fàileadh dìreach sgoinneil às an dinnsear, fàileadh àlainn fhèin às. Agus cuideachd bhiodh iad ag ràdh feuch gum faigh thu a h-uile biod dhan mhixture a-mach às a’ phana air sgàth, airson nach tig sgath a dholaidh. Agus sin e.

[Màiri] Dè cho fada san àmhainn a-nis?

[Flòraidh] Bheir e a-nis mu dhà fhichead no gu deich air fhichead mionaidean san àmhainn, a rèir dè an àmhainn a th’ agad.

[Màiri] Dè an seòrsa teas?

[Flòraidh] Teas ceud ’s trì fichead agus sin agad e. ’S bidh e ann an sin gus am bi e bruich ’s thig fàileadh. Uaireannan canaidh iad ma gheibh thu fàileadh den bhèicearachd tha sin a’ toirt soidhne dhut gu bheil e gus a bhith bruich.

[Màiri] A bheil sinn a’ dol a dh’fheuchainn pìos bheag den seo mathà, a Fhlòrag?

[Flòraidh] Tha fhios gu bheil, a Mhàiri. Tha e a’ coimhead alright ach mar a chanas iad ’s e am blas sin a bhios ag innse dhut a bheil e gus a bhith math gus nach eil.

[Màiri] Seo a’ chiad gingerbread a chunnaic mi le measan troimhe.

[Flòraidh] Right.

[Màiri] ’S tha e a’ coimhead snog.

[Flòraidh] Uill tha, bidh mi a’ dèanamh fear eile gun mheasan ach seo am fear as eòlaiche mi a bhith a’dèanamh. Agus dìreach ...

[Màiri] Is tha fàileadh nan spices gu math làidir, snog troimhe.

[Flòraidh] Nis feuch dè do bharail air an sin.

[Màiri] Fìor mhath. Aotrom.

[Flòraidh] Tha e aotrom, tha.

[Màiri] Toilichte leis?

[Flòraidh] Tha, tha e glè mhath.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!