FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairead’s faith Creideamh Mairead

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Creideamh Mairead

[Mairead NicSuain] Tha mi à Sgalpadh na Hearadh ach tha mi air a bhith ann an Dùn Èideann seachd bliadhna deug air fhichead. Chaidh mo thogail ann an dachaigh Chrìosdail agus gu dearbh ann an eilean agus ann an coimhearsnachd Chrìosdail. Ged a bha mi a’ dol dhan eaglais bha mar gum biodh rudeigin a dhìth air mo beatha agus thachair tubaist na mo bheatha gu pearsanta agus 's ann às dèidh sin a fhuair mi a-mach gun robh rudeigin a dhìth air mo bheatha spioradail. Chanainn gu bheil an creideamh agam gu math eadar-dhealaichte on a thachair an tubaist a bha seo agus 's e sin nuair a chaochail mo bhràthair. Chuir e às dha fhèin air drochaid ann an Dùn Èideann an seo agus tha mi a’ smaoineachadh gun do rinn sin atharrachadh mòr na mo bheatha-sa. ’S ann aig an àm sin a rinn mi a-mach gun robh feum agam coiseachd còmhla ri Crìosd agus gur e an Cruthadair a thog mi tron àm dhuilich a bha sin. ’S e àm sònraichte a bh’ ann na mo bheatha-sa agus ann am beatha an teaghlaich agus ’s e àm duilich a bh’ ann agus àm a thug tòrr àsainn, tha mi a’ smaoineachadh, air fad. Ged a bha e glè dhuilich a' tighinn tron àm a bha sin thàinig mi a-mach às aig a' cheann thall ged an latha a chaochail mo bhràthair ach cha robh dùil a'm gu tighinn mi bhon sin idir. Ach bha mi a' faicinn nuair a chaidh mi dhachaigh mar a bha mo mhàthair air a togail agus daoine eile a bha timcheall oirre agus nuair a thug mi ùine agus a’ coimhead thairis air an àm a bha sin rinn mi a-mach gun robh cuideigin ga mo thogail tron àm sin agus ’s e an Cruthadair a bha a’ dèanamh sin. Gu pearsanta tha strì na mo bheatha fhèin a thaobh euslaint agus tha mi a' smaointinn gum bi mi a' dèiligeadh ri sin nas fheàrr airson gu bheil mi a' faireachdainn gun urrainn dhomh bruidhinn ris a’ Chruthadair leis a h-uile càil a tha a' gabhail àite na mo bheatha agus bidh amannan ann mar an t-seachdain sa chaidh far an robh tòrr cràidh orm agus dìreach a' faireachdainn gu math tùrsach uaireannan agus tha fhios agam gu bheil aig a' cheann thall gu bheil an Cruthadair ann air mo shon.

[Mairead NicSuain] Tha mi a' smaoineachadh às dèidh a bhith nam bhanaltram suas air well tha mi dìreach deich bliadhna fichead, chunnaic mi mòran san àm sin agus cuideachd a thaobh na h-obrach a tha mi a' dèanamh thairis air a' gheamhradh. Tha mi a' dèanamh night shelter còmhla ri Bethany agus cuideachd dìreach a' faicinn feadhainn a' tighinn chun na h-eaglaise againn. Tha cafaidh againn trì latha anns an t-seachdain agus tha sin fosgailte dhan coimhearsnachd agus tha mòran a' tighinn ann nach eil a' tighinn faisg air an eaglais. Tha mòran mnathan òga a' tighinn agus tha sin a' toirt cothrom dhòmhsa bruidhinn riutha agus tha fhios agam gu bheil mòran aca anns an latha a th’ ann an-diugh a' fulang le rudan a tha anns a’ bheatha aca gu pearsanta agus 's e dìreach a bhith a' bruidhinn riutha agus a’ faighinn rin taobh agus a' toirt dhaibh-san misneachd bruidhinn riutha mo dheidhinn càil dhen beatha-san.

[Mairead NicSuain] Tha mi a' smaointinn gu bheil e cudromach nach fheum sinn a bhith a’ cur ar barail fhèin air daoine agus gum feum sinn a bhith dàimheil a thaobh a h-uile duine son chan eil fhios againn cuin a dh'fhosglas an dorais. Mo chreideamh dhòmhsa cha chreid mi gu bheil càil eile cho cudromach nam bheatha 's e tha a' smaoineachadh. Tha fhios a'm gu bheil uaireannan gu bheil an saoghal a' faighinn beagan cothroim ach aig a' cheann thall 's e an rud as cudromaiche na mo bheatha.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!