FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Boxing the compass Bogsagadh na combaist

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Bogsagadh na combaist

[Eilidh NicLeòid] Ma tha thu nad do sheòladair, feumaidh tu a bhith fuireachail mun t-sìde agus a’ cheart cho fuireachail mu cà’ bheil thu. Anns na seann làithean, bha gach maraiche ag ionnsachadh bogsagadh na combaist mar a bh’ aca air.

[Calum MacIlleathain] Tha puingean na combaist air an dèanamh an-àirde le ceumannan agus tha aon-deug agus cairteal de chòrr a thaobh còrr tomhais degree anns a h-uile puing agus tha dhà-dheug air fhichead ann. ‘S tha iad a’ ruith rudeigin mar seo: Tuath ‘s a bhith an Ear; Tuath ‘s an Ear-thuath; An Ear-thuath ‘s a bhith tuath; An Ear-thuath; An Ear-thuath ‘s a bhith ‘n Ear; An Ear ‘s an Ear-thuath; An Ear ‘s a bhith tuath; An Ear; An Ear ‘s a bhith Deas; An Ear ‘s an Earra-dheas; An Earra-dheas ‘s a bhith ‘n Ear; An Earra-dheas; An Earra-dheas ‘s a bhith Deas; Deas ‘s an Earra-dheas; Deas ‘s a bhith ‘n Ear; Deas; Deas ‘s a bhith ‘n Iar; Deas ‘s an Iar-dheis; An Iar-dheas ‘s a bhith Deas; An Iar-dheas; An Iar-dheas ‘s a bhith ‘n Iar; An Iar ‘s an Iar-dheas; An Iar ‘s a bhith Deas; An Iar; An Iar ‘s a bhith Tuath; An Iar ‘s an Iar-tuath; An Iar-thuath ‘s a bhith ‘n Iar; An Iar-thuath; An Iar-thuath ‘s a bhith tuath; Tuath ‘s an Iar-thuath; Tuath ‘s a bhith ‘n Iar; Tuath.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!