FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Preparing the henhouse Ag ullachadh an taighe-chearc

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ag ullachadh an taighe-chearc

[Sweeny] An t-seachdain-sa chaidh fhuair na cearcan ùr’ agam taigh caran makeshift nuair a thill mi à tìr-mòr leotha. Cha robh an taigh-chearc buileach deiseil ach a-nis tha cùisean air atharrachadh gu mòr agus tha coltas gu math cofhurtail orra. Carson nach biodh? Tha iad ann an Nis!

[Sweeny] ’S e latha mòr a tha seo. Tha mi a’ feitheamh fear an-dràsta bhon riaghaltas a tha a’ tighinn a thoirt sùil air an taigh-chearc, na cearcan,’s an spiris, far a bheil am bùrn, am biadh, na neadan agus an egg packing station ’s tha e a’ dol a thoirt sùil air a h-uile càil a tha sin agus tha mi an dòchas gum passaig mi. So fhathast tràth ann an cùisean ach tha dìreach rud beag no dhà agam ri dhèanamh a-staigh ann an seo dìreach gu bhith deiseil. Bha mi trang. ’S e Diluain a th’ ann an-diugh ’s bha mi trang fad an latha Disathairne a’ feuchainn ris a’ mhòr-chuid de rudan fhaighinn deiseil ’s dìreach rud no dhà ann a-nis.

[Sweeny] Feumaidh mi dìreach crìoch a chur air an nest box a tha sin aig a’ chùl. Chì sibh gu bheil an spiris aig an fhear eile. Chan eil air an fhear ud shuas, dìreach gu bheil cothrom aig na cearcan sgèith suas ’s a dhol a-steach dhan nead.

[Sweeny] ’S iad a’ dol cho sàmhach nuair a nì thu fuaim.

[Fear-camara] Ciamar a bha fhios agad air an sin?

[Sweeny] Uill a’ chiad turas a thàinig mi a-steach ’s thòisich mi a’ bruidhinn. Seall, seall nuair a sheallas tusa riutha. A h-uile tè aca a’ togail an cinn. So a’ chiad turas a thàinig mise a-steach dhan taigh-chearc ’s na cearcan a-staigh ann ’s rinn mi fuaim air choreigin. Son tha thu a’ fàs cleachdte ris an fhuaim, ach an uair sin nuair a nì thusa fuaim ’s a stadas iad tha thu a’ mothachadh just cho sàmhach ’s a tha e. So ’s e, sin am party trick a bhios agam – the chicken whisperer.

[Sweeny] Tha smachd aig an riaghaltas air duine sam bith a tha a’ cumail barrachd air leth-cheud cearc no a tha airson na h-uighean a reic tro bhùithtean. Mar sin, ma tha mise gu bhith a’ reic uighean aig na bùithtean feumaidh cead a bhith agam bhon riaghaltas. Tha an lagh ag ràdh gum feum na cearcan an cumail ann an àite freagarrach dhaibh agus gu bheil biadh ’s bùrn aca fad na h-ùine. Feumaidh an t-àite a bhith air a chumail glan agus feumaidh gu leòr spirisean agus neadan a bhith ann dhaibh.

[Sweeny] Aidh so ’s e roll away nest boxes a tha seo so chì sibh na inserts a tha seo, am plastaig a tha seo. Tha a’ chearc a’ dol a-steach, seo an idea co-dhiu, tha a’ chearc a’ dol a-steach, a’ breith, agus tha an t-ugh... seall mar a tha sin flat mar sin, chì thu gu bheil seo, gu bheil rùm an seo so tha an t-ugh a’ roiligeadh a-mach agus tha cages air a’ chùl. So sin an idea. Chan eil mi ag iarraidh gum bi na h-uighean a’ suidhe bho Disathairne gu Diluain le cearc a’ suidh orra, ’s dòcha gum bi cearc a’ fuireach ann. Chan eil mi ag iarraidh sin so na tha seo a’ ciallachadh gum faod mi, ma dh’fheumas mi ’s mur eil duine ann a chumas sùil orra, gum faod na h-uighean a bhith air am fàgail anns na cèidsichean ’s tha fios ’m gum bi iad ceart gu leòr.

[Sweeny] So seo an rud mu dheireadh a th’ agam ri dhèanamh. Nuair a bhios seo dèante, good to go.

[Sweeny] Tha e feumail eòlas a bhith agad air a h-uile obair ma tha lot agad.

[Sweeny] Tha mi a-nis a’ dol a cheannach chaorach,my first love.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!