FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The land of promise Tìr a’ gheallaidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Tìr a’ gheallaidh

[Dòmhnall Moireasdan] B’ e Carolina tìr a’ gheallaidh ach air a’ Ghàidhealtachd ’s e sealladh gu math eadar-dhealaichte a bha daoine a’ faicinn. Taisbeanadh a bha na bu choltaiche ri deireadh an t-saoghail. Bha an t-seann Ghàidhealtachd an cunnart a dhol à bith buileach an dèidh mar a chaidh cur às dha na feachdan Gàidhealach aig Blàr Chùil Lodair.

[Dòmhnall Moireasdan] ’S e sealladh gu math cam air an eachdraidh a chuireadh coire air raghainn na Seumasaich airson mar a thachair dhan Ghàidhealtachd às dèidh sin. Ach bha pàirt aige ann gun teagamh. Bha a’ Ghàidhealtachd a-nis fo smachd Bhreatainn. Bha an t-seann cheangal eadar cinn-chinnidh ’s an cuid dhaoine, a bha mar-thà cugallach, air a bhriseadh. Cha robh a dhìth air na cinn-chinnidh a-nise ach a bhith nan daoine mòra, Breatannach. Cha robh feum tuilleadh air na fir-taca a bhiodh aig aon àm a’ togail feachd a’ chinn-chinnidh. Bha a’ choimhearsnachd Ghàidhealach a’ dol às a chèile agus bha spiorad nan daoine air a bhriseadh.

[Dòmhnall Moireasdan] Ann an aon ghinealach an dèidh Chùil Lodair bha an riaghaltas a’ cur às do chumhachd na Gàidhealtachd. Cha robh na cinnidhean nan cunnart tuilleadh. Thòisich an fheadhainn a bu treuna mu dheas fiù ’s a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd nan luchd-turais. Am measg na bha gan tàladh bha iad airson curaidhean mhòra nan Seumasach fhaicinn.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!