FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair à Gleanna Garradh (Alasdair from Glengarry) Alasdair à Gleanna Garradh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Sheinn am Bard' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Sheinn am Bard'

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Alasdair à Gleanna Garradh

[Preasantair] ’S iomadh cuspair air an do rinn Sìleas Na Ceapaich dàin. Eadar poilitigs na h-ama, cùisean spioradail agus òrain aotrom. Rinn i Alasdair à Gleanna Garradh mar marbhrann a’ cuimhneachadh fear de phrìomh cheannardan nan Dòmhnallach, Alasdair Dubh Ghleanna Garradh.

[Alison Ghrannd] Uill ’s mise Alison Ghrannd. ’S e Alison Dyke a bh’ orm mus do phòs mi agus tha mi air a bhith a’ fuireach anns an sgìre seo airson còig bliadhna a-nis. Thug mi còrr is deich bliadhna a’ teagaisg na Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh aig an oilthigh ann an Obar Dheathain agus tha mi a-nis trang a’ coimhead às dèidh Màiri, an nighean bheag agam.

[Alison Ghrannd] Thàinig bàrdachd Sìleas Na Ceapaich gu m’ aire an toiseach tron chlàr aig Raonaid Walker. ’S ann an uair sin a ghabh mi ùidh anns an òran Alasdair à Gleanna Garradh oir tha sin a’ nochdadh air a’ chlàr aice agus bha dìreach rudeigin gu math àraidh mu dheidhinn. Bha rud car drùidheil mu dheidhinn a ghlac m’ aire.

[Preasantair] Rugadh Sìleas Na Ceapaich, Sìleas nighean MhicRaghnaill, ann am Both Chunndainn ann an sgìre na Ceapaich. Bhuineadh i do Dhòmhnallaich na Ceapaich agus bha i gu mòr air taobh nan Seumasach. Bha buaidh mhòr aig an seo air an t-sealladh a bh’ aice air an t-saoghal agus air a cuid bàrdachd.

[Anna Frater] Nuair a rinn Sìleas Alasdair à Gleanna Garradh bha Clann Dhòmhnaill ann an staidrudeigin cugallach agus a-nis bha i a’ faicinn Alasdair à Gleanna Garradh, aon de na ceannardan eile do Chlann Dhòmhnaill a’ bàsachadh agus bha i anns an òran aice a’ caoidh na cinn-chinnidh a bha Clann Dhòmhnaill air call anns na beagan bhliadhnaichean a bha ron sin. Ach cuideachd tha i a’ dèanamh dàn-molaidh dha Alasdair fhèin.

[Alison Ghrannd] Tha uiread de mholadh anns an òran. Uaireannan chan eil ann ach liosta fada de mholaidhean. Tha mi a’ creidsinn gu bheil ceithir sreathan deug uile às dèidh a chèile de mholadh. Tha iad uile a’ tòiseachadh le “bu tu”.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!