FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Answering the call of the ministry A’ freagairt gairm na ministrealachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ freagairt gairm na ministrealachd

[Preseantair] Bha Pòl Moireach a’ fuireach agus ag obair ann an Leòdhas mus do cho-dhùin e gairm na ministrealachd a fhreagairt. Airson a’ chiad bhliadhna anns an t-Seminary tha e air a bhean, Amanda, agus an nighean bheag aca, Màiri Belle, fhàgail às a dhèidh. Feumaidh e dèanamh air a shon fhèin a-rithist. Anns a’ bheagan ùine a tha aig Pòl eadar crìoch nan clasaichean agus dol chun na coinneimh sheachdainich ann an Lìte tha e trang anns a’ flat aige a’ dèanamh na dìnneir dha fhèin agus oileanach eile anns a’ mhinistrealachd, Daibhidh Dòmhnallach.

[Pòl] Tha mi a’ dèanamh beef stir fry. A dh’innse na fìrinn, cha chreid mi gun do rinn mi beef stir fry riamh. Tha a’ choinneamh ùrnaigh againn a-nochd. Mar as trice bidh mise a’ dol ann thuige-san oidhche Chiadain ron choinneimh no bidh esan a’ tighinn a-nall an seo. Chionn tha e nas fhasa, tha sinn a-staigh nas anmoiche feasgar Diciadain ’s mar sin tha e nas fhasa dìreach cuideigin againn còcaireachd. Nì mi a’ chùis anns a’ chidsin, chan eil mi ro dhèidheil air a bhith a’ còcaireachd, a dh’innse na fìrinn. ’S chaomh leam a bhith ga dhèanamh ’s dòcha oidhche Haoine no oidhche Shathairne nuair a tha beagan a bharrachd de thìde agad, ach tron t-seachdain chan eil mi cho keen air idir, a dh’innse na fìrinn. Tha Amanda air tòrr bìdh a dhèanamh dhomh. Rinn i lasagne ’s rinn i sausage stew ’s rudan mar sin agus tha sin a’ ciallachadh nach eil agamsa ach ri buntàta a chur air no ri tiops a chur air agus, a dh’innse na fìrinn, sin a bh’ agam a-raoir agus a’ bhon-raoir.

[Pòl] Seo rud beag embarrassing ach nuair a bhios mis’ a’ gearradh uinnean bidh mo shùilean a’ dol really dona so nuair a phòs sinn fhuair sinn onion goggles bho chuideigin. Cha robh fhios agamsa gun robh an leithid de rud ann ach tha iad really handy so excuse me. Go for it.

[Pòl] An rud mu dheidhinn nan h-onion goggles chan eil thu a’ faicinn cho math nuair a tha iad ort! Rudeigin cunnartach nuair a tha sgian agad na do làimh.

[Pòl] Bho thàinig mi sìos an seo tha mi air a bhith a’ dol dhan Eaglais Shaoir ann an Lìte, Leith Free Church. Ministear a th’ againn, Eadailteach a th’ ann, Gavino Fioretti an t-ainm a th’ air. Tha Gavino air a bhith a’ bruidhinn rium mu bhith a’ searmonachadh mar-thà. Cha d’ fhuair mi deit bhuaithe fhathast ach a h-uile cothrom ’s mathaid ro na Christmas holidays no ’s mathaid às dèidh nan Christmas holidays.

[Pòl] I’m just about to put the stir fry on so you can just head over just now if you’re ready…

[Dàibhidh] You’re interrupting me watching Neighbours.

[Pòl] You can pause Neighbours.

[Dàibhidh] Okay, I’ll be round shortly.

[Pòl] Okay, right thanks.

[Pòl] Duine saoghalta a tha a’ coimhead Neighbours agus Emmerdale aige later on, tha e ag ràdh. Chan eil fhios ’m dè seòrsa ministeir a bhios a’ coimhead Emmerdale ach uill, it takes all sorts!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!