FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The word 'leisg' (lazy) Am facal 'leisg'

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Am facal 'leisg'

[Eilidh NicLeòid] Tha am facal ‘leisg’ a’ nochdadh ann an iomadh seanfhacal. Seanfhacal mu dhaoine ‘cha dèan làmh na leisge beairteas’. Seanfhacal mu choin ‘cho leisg ri cù na sitig’ agus deannan math dhiubh mu chait. Dè mu dheidhinn ‘miann a' chait san tràigh 's cha toir e fhèin às e’, ‘air mo shon fhèin is leisg le leisgean a dhol a chadal agus seachd leisg leis èirigh’ ‘s tha mi cinnteach gu bheil sradag. Nuair a thòiseachas mo chaolain a’ rùchdail leis an acras, chan eil dad a leisg orm a dhol a dh’ fhaighinn grèim bìdh.

[Eilidh NicLeòid] Uill a chàirdean, feumaidh mi a ràdh gu bheil an t-acras ga mo tholladh-sa. Dè mur deidhinn-sa, a Roslyn?

[Roslyn NicAsgaill] Ga mo tholladh-sa cuideachd. Tha mi air a bhith a chialaidh leithid an seo ‘s tha an t-àm agam airson rud beag ithe.

[Eilidh NicLeòid] Air ur cialaidh, thuirt sibh. Dè tha sin a’ ciallachadh?

[Roslyn NicAsgaill] À, dìreach gu bheil mi air a bhith gun dad sam bith ithe.

[Eilidh NicLeòid] Agus tha seanfhacail gu leòr co-cheangailte ri biadh agus acras, nach eil?

[Calum Camshron] Ò tha, ‘chì duine acrach fad às’ agus ‘’s fheàrr fuine thana na bhith falamh’. ‘‘S fheàrr bonnach beag le beannachd na bonnach mòr le mallachd’.

[Roslyn NicAsgaill] Rud a b’ annasaiche a chuala mi riamh gus a bhith ‘s e am facal a bhiodh ‘s ann à Beàrnaraigh a chuala mi e, chanadh iad ‘Siuthad, ith do bhuntàta beag mus tig na Frangaich!

[Eilidh NicLeòid] Saoil dè bha sinn a’ ciallachadh?

[Roslyn NicAsgaill] Uill, chan eil mi buileach cinnteach, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ dol air ais, chan urrainn nach eil e a’ dol air ais gu Cogaidh Napoleon.

[Eilidh NicLeòid] Ma tha cuideigin ann agus tha an duine seo ro mheasail air a’ bhiadh a bheil facal no abairt agaibh airson sin, a Chaluim?

[Calum Camshron] Ò uill, geòcaire, chanamaid ris ‘s dòcha no sùlaire.

[Eilidh NicLeòid] Sùlaire?

[Calum Camshron] Sùlaire sanntach ‘s dòcha.

[Eilidh NicLeòid] Sùlaire sanntach, tha sin glè mhath.

[Eilidh NicLeòid] Uill a chàirdean, tha an t-acras ga mo tholladh-sa agus tha mi an dòchas gun tig ar biadh a dh’ aithghearr, bidh sinn aig na faoileagan.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!