FaclairDictionary EnglishGàidhlig

History of Highland emigration Eachdraidh nan eilthireach Gàidhealach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Eachdraidh nan eilthireach Gàidhealach

[Dòmhnall Uilleam] Nuair a choimheadas sinn air Ailean Dòmhnallach agus gu dearbha air imrich nan Gàidheal a Charolina air fad chì sinn dà rud a tha gu math bunaiteach ann an eachdraidh nan eilthireach Gàidhealach.

[Dòmhnall Uilleam] An toiseach bhiodh na Gàidheil a’ falbh ann an coimhearsnachdan. Cha bhiodh iad a’ falbh, cha bhiodh dìreach na gillean òg’ a’ falbh, mar a thachair can ann an Lunnainn no ann am Bristol . ’S e bha a’ tachairt air a’ Ghàidhealtachd ach gum biodh sluagh gu lèir a’ togail orra. ’S e sin sean agus òg, fir, mnathan, agus an cuid cloinne. Agus cuideachd cho luath ’s a ruigeadh iad an tìr ’s ann a thòisicheadh iad an uair sin a’ cur litrichean air ais gu na càirdean a dh’fhàg iad aig an taigh. Bha iad a’ cantainn riuth’, can, “Tha am fearann a tha seo tòrr nas torraiche na an talamh a dh’fhàg sinn. Chan eil uachdaran againn an seo a bharrachd, carson nach tèid sibh a-nall?” Agus gu math tric ’s ann mar sin a thachair e. Agus far nach biodh ann ach aon choimhearsnachd Ghàidhealach an toiseach, dh’fhàsadh e gu bhith na cha mhòr na dhùthaich Ghàidhealach às dèidh, can, aon ghinealach.

[Dòmhnall Moireasdan] Le fios an dèidh fios a’ tilleadh dhachaigh à Carolina a’ dèanamh luaidh air an t-saoghal ùr thàinig nàdar de theasachair sluagh na Gàidhealtachd ag iarraidh falbh. Bha daoine a-nis a’ dèanamh imrich a dh’Ameireagadh nan sruth.

[Dòmhnall Moireasdan] An dearbh bhliadhna a chuir Ailean ’s Flòraidh cùl ri Cinnseaborgh bha gu leòr eile a’ togail orra às an Eilean Sgitheanach cuideachd.

[Martha NicLeòid] My great-great grandfather, Neil MacLeod, came from the Isle of Skye in 1774 and he had four sons who came with him. One of them was married, the other three boys, Norman, Alexander and John came here with him and they built a house in 1777. The living room we have kept as it was and this window has the old glass in it, the other window somebody shot through and broke it so it had to have no glass. We intend to keep it this way and I told my nephews and nieces that if they ever change it then I’ll come back and haunt them and they have promised that they will not!

[Dòmhnall] Cinn t-Sàile air taobh siar na Gàidhealtachd.

[Dòmhnall] An aon bhliadhna ’s a dh’fhàg sinnsearan Mhartha NicLeòid an t-Eilean Sgitheanach ’s a chaidh Flòraidh ’s Ailean Dòmhnallach thar sàile, rinn am bàrd Iain MacMhurchaidh le a bhean ’s a theaghlach imrich a Charolina a Tuath cuideachd.

[Iain MacRath] Cho fad ’s a dh’fhiosraich mise, ’s e a Iain a’ chultair a bh’ aca air. Sia no seachd de thaighean, de làraichean taighe, eadar seo agus thall an siud. Agus cho fad ’s a dh’fhiosraich mi ’s ann an seo a rugadh Iain MacMhurchaidh, am bàrd. Bha sùim uabhasach aig na daoine an seo air Iain MacMhurchaidh fad an seo, eadar seo ’s Sròn Ghlais agus fad ’s farsaing bha iad uabhasach dèidheil air. Bhiodh e a’ dèanamh nan òran ’s gan seinn agus a’ gabhail drama ’s a’ dèanamh drama.

[Iain MacRath] Ach bha daoine airson, bha feadhainn, bha iad airson gluasad co-dhiù. Bha dealbh aca air an fheadhainn a chaidh a-null. Gu h-àraidh bha fear Beaton, Iain Beaton, mac a’ mhinisteir a bha air taobh thall an loch sin, agus bha esan thall agus thàinig e a-nall an seo agus bha e ag innse stòiridhean mu dheidhinn cho glan ’s a bha a h-uile rud, bradan gu leòr anns na h-aibhnean agus flùran a’ fàs. Tha e anns na h-òrain aig Iain MacMhurchaidh. Flùran a’ fàs agus a h-uile rud air dòigh ach, cha b’ ann mar sin a thachair e.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!