FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Donnie 'Large' MacDonald Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Donaidh 'Large' Dòmhnallach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Margaret Stewart Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ri Maighread Stiùbhart

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Donaidh 'Large' Dòmhnallach

[Dòmhnall] Donaidh MacDhòmhnaill, Donnie Large, a thàinig am follais na sheinneadair anns na seachdadan. Leòdhasach a th’ ann a tha o chionn iomadh bliadhna a-nise a’ dèanamh a dhachaigh ann an California agus a tha a’ dèanamh rud a dh’fheuch iomadh eileanach ri dhèanamh is a dh’fhàilnich orra, tha e a’ dèanamh a bheòshlainte na sheinneadair. Fàilte mhòr, Donaidh.

[Donaidh] Tapadh leat.

[Dòmhnall] Nise, a’ chiad cheist a dh’fheumas mi a chur ort, carson ‘Large’? Chan eil thu beag ach chan eil thu cho mòr ri sin.

[Donaidh] Ò chan eil. Nuair a chaidh mise gu Àrd-sgoil MhicNeacail, bha mi a’ fuireach anns an ostail is a h-uile duine a bha a’ dol dhan ostail gach bliadhna bha iad a’ faighinn far-ainm bhon bha cus dhaoine air an robh Dòmhnall no cus dhaoine air an robh Tormod agus mar sin dheth ’s e sin an dòigh a bh’ againn air, bha far-ainm air a h-uile duine anns an ostail. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh sin a’ dol air adhart airson bliadhnachan.

[Dòmhnall] An robh fear eile ann air an robh Donnie Little?

[Donaidh] Cha robh, ach ’s e bha, rud a chuir iongnadh ormsa gun robh an cleachdadh sin ann an ostail a’ chlann-nighean cuideachd. Bha iadsan a’ faighinn far-ainm.

[Dòmhnall] ’S bha e oifigeil, nach robh? Bha iad, mar gum biodh, gad bhaisteadh.

[Donaidh] Ò bha, bha baisteadh a’ dol air adhart. Bha. Bùrn fuar.

[Dòmhnall] Bha sin air falbh na mo latha-sa.

[Donaidh] Òa bheil?

[Dòmhnall] Is math gun robh. Ach tha Donaidh Large, an t-ainm ‘Large’, tha, no bha co-dhiù, bha e oifigeil agad cuideachd.

[Donaidh] Uill bidh mis’ a’ bruidhinn ri daoine an-dràsta is a-rithist agus ma chanas mi .. ’s e ‘Large’ a bhios ac’ orm.

[Dòmhnall] Aidh.

[Donaidh] Agus bidh feadhainn eile .. bidh iad ag ràdh Donaidh Large. Mar sin ma tha mi a’ dol air ais a Nis, mus do dh’fhàg mi Nis a-riamh, ’s e Tormod, ’s e Dòmhnall Tormod MacDhòmhnaill, ’s e Dòmhnall Thormoid a bhiodh ac’ orm ann an Nis. Agus mar sin dheth nuair a bhios mi a’ fònadh gu cuideigin feumaidh mi dèanamh cinnteach leam fhìn cò ris a tha mi a’ bruidhinn.

[Dòmhnall] Aidh.

[Donaidh] Agus dè cho fad air ais ’s a tha mi a’ dol.

[Dòmhnall] Dìreach. Ach tha cairt Equity agad. ’S e ‘Large’..

[Donaidh] Uill chaidh mi, chaidh mi a-steach dhan Equity agus mar sin dheth cha robh m’ ainm-s’ comasach dhomh-s’ a chleachdadh. Bha cuideigin eile air a chleachdadh romham agus cha robh duine air cleachdadh ‘Donnie Large’.

[Dòmhnall] Uill, thuirt thu Nis. An ann à Nis a tha thu?

[Donaidh] ’S ann. Cho fad ’s a gheibh thu a dhol, mar a tha Nis a’ dol, tòiseachadh a’ dol taobh Tholastaidh, ’s e Sgiogarstaigh am baile mu dheireadh. ’S ann ann an Sgiogarstaigh a thogadh mise. Anns an, gun robh mi, chanainn-sa, timcheall air ceithir bliadhna deug.

[Dòmhnall] Agus bha do mhàthair a’ teagaisg an sin.

[Donaidh] Uill bha. Bha i a’ teagaisg. Thug i fichead bliadhna a’ teagaisg anns an sgoil bhig ann an Sgiogarstaigh agus cha robh ann ach an aon rùm mar a bhiodh e gu mathtric gu leòr anns na sgoiltean beaga agus bhiodh còig clasan ann. Agus nise cha robh i a-riamh anns an oilthigh no ann an college airson sin ionnsachadh ach dìreach nuair a bha an cogadh seachad bha .. fhuair i cuireadh bho chuideigin, no am baile fhèin ag ràdh tha tidsear a dhìth oirnn agus thuirt i gun dèanadh i e.

[Dòmhnall] Chaidh i ann. Tha mi a’ toirt do mhàthair a-steach oir bruidhnidh sinn oirre a-rithist oir tha i cho cudromach na do bheatha ’s na do sheinn. ’S i a bhios a’ dèanamh tòrr de na h-òrain a bha thu a’ seinn ach cha deach a treànadh mar thidsear ach bha obair eile aice bha thu ag innse dhomh (a bha) cudromach, am measg nan uaislean.

[Donaidh] Ò bha. Uill bha i anns na Wrens aig aon àm ach mus do thòisich an cogadh chaidh i a-mach sìos gu Drymen far an robh àite Duke of Montrose agus bha an Diùc ’s a bhean bha balach beag ’s nighean bheag aca, ach bha iad fhèin a’ toirt ùine ann an Rodesia mar a bhiodh iad ga chleachdadh aig an àm, Zimbabwe, agus bha iad a’ toirt ùine ann an sin ach bha a’ chlann air ais ann an Alba agus dh’fheumadh iad cuideigin a bhiodh a’ seasamh a-steach mar mhàthair dhaibh agus ’s e mo mhàthair-sa a rinn sin. (19)37 agus (19)38 agus co-dhiù tha mi a’ smaoineachadh gun robh i ann airson dà bhliadhna mus do thòisich an cogadh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!