FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The exhaustion of the ministry Claoidhe na ministrealachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Claoidhe na ministrealachd

[Preseantair] Air ais anns a’ cholaiste tha na h-oileanaich a’ gabhail cupa tì còmhla ri chèile. Ach uaireannan chan eil obair na ministrealachd cho sochair seo, mar a tha deagh fhios aig ministear a’ Bhac, an t-Urramach Calum Iain MacLeòid.

[Calum Iain] Tha mi gu bhith ag innse beagan mu thimcheall trioblaid a bha na mo bheatha nuair a bha mi na mo mhinistear ann an Barabhas. Rud ris an canar chronic fatigue.

[Calum Iain] It’s a very personal experience of burnout that I’d like to share with you this morning.

[Calum Iain] ’S e seòrsa de burnout a bh’ ann agus bha mi dheth, chan e a-mhàin sia mìosan ach thug mi timcheall air ochd mìosan deug gus an d’ fhuair mi air ais air mo chasan, gu bhith ri coileanadh mo mhinistrealachd làn-ùine.

[Calum Iain] Ministry had now become a bit of a blur. The great commission, well it’s somewhere out there but as for me, I’m out of commission.

[Calum Iain] Tha mi airson misneachd a thoirt dhaibh agus rabhadh cuideachd a chur far an comhair airson gum bi iad fhèin a’ tuigsinn, uill, gu bheil sinn buailteach tuilleadh mòr agus cus a dhèanamh aig amannan.

[Calum Iain] This is my diary for 2006. That’s what it looked like… And it doesn’t get any better.

[Innes] Uill tha e gu math close to the bone, mar a chanas iad. Bha mi fhìn tinn còig bliadhnaichean air ais son naoi mìosan. Bha depression orm agus bha fatigue orm agus bha mi anns an ospadal airson mìosan ’s mìosan. Nuair a bha Calum Iain a’ bruidhinn mu dheidhinn an chronic fatigue a bh’ aige agus am pressure a bha e a’ cur air fhèin anns a’ mhinistrealachd bha dìreach, bha cuimhne agam fhìn air na faireachdainnean a bh’ agam mu dheidhinn Dia, mu dheidhinn Chriosd, mu dheidhinn mi fhìn a’ dol a-steach dhan mhinistrealachd.

[Calum Iain] My legs feel like two lumps of lead. They all but give way and when I return home I stagger in the door, my eyes well up and I just say to Dina “I’m not well”.

[Innes] Tha mi eòlach air depression. Tha mi eòlach air tinneas. Tha mi eòlach air a bhith a’ faireachdainn absolutely hopeless agus tha mi eòlach cuideachd air God’s faithfulness. Uill sin a bha e ag ràdh, God’s faithfulness.

[Calum Iain] And Alasdair Ross’s words would just echo in the background God’s faithfulness.

[Innes] Ò chòrd an clas ud rium. Chòrd e rium ach bha e duilich aig an aon àm.

[Calum Iain] And it’s on that note that I wish to finish.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!