FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s ham and courgette scones Na sgonaichean hama agus cuirseid aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na sgonaichean hama agus cuirseid aig Màiri

[Màiri] Tha mi a’ tòiseachadh le ochd unnsaichean flùir self-raising, rud beag salainn, rud beag piobair agus dà unnsa ime agus dìreach a’ suathadh an ime ’s am flùr a-staigh còmhla, dìreach mar a dhèanadh tu airson sgona sam bith eile.

[Màiri] An lùib sin sin tha mi a’ cur aon chuirseid, an rusg ’s an cuirseid. Dà shlis hama dìreach air a gheàrradh gu math beag agus leth spàin-tì oregano.

[Màiri] Agus a-nis tha ugh agam, aon ugh agus ’s dòcha cairteala p hint bainne, a’ cur còmhla agus dìreach a’ dòrtadh siud a-staigh agus ga chur timcheall le sgian. Dìreach gus am fàs e gu math steigeach. Aithnichidh sibh gu bheil e gus a bhith deiseil. Tha mi a’ creidsinn gu bheil e deiseil a-nis.

[Màiri] Agus rud beag flùir.

[Màiri] Faodadh sibh an dèanamh beag no mòr, ge bith ciamar a tha sibh gan iarraidh ach le bobhla soup tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad a cheart cho math an dèanamh caran mòr. ’S ann mar sin a bhios mise gan dèanamh co-dhiù.

[Màiri] Driùthag bheag ugh air fhàgail ann an seo ’s tha mi dìreach a’ dol ga cur air bàrr nan sgonaichean airson beagan gleans. Seo a-nis. Agus dhan àmhainn a-nis. Nis ’s e àmhainn theth ’s e as fhèarr dà cheud agus fichead agus cùm a-staigh iad ’s dòcha airson deich mionaidean no mar sin.

[Màiri] Nis tha na sgonaichean deiseil agus tha mi toilichte, glè thoilichte leotha ach chan eil mi a’ dol gam feuchainn an-dràsta. Tha mi a’ dol gam fàgail. Mar a thuirt mi, tha iad sgoinneil le bobhla soup airson lunch no dinnear agus ’s e sin a tha mise a’ dol a dhèanamh. Tha mi a’ dol gam fàgail gu feasgar.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!