FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A minister of the army Ministear an airm

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Ministear an airm

[An t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn] Bha mi fichead bliadhna san arm mar mhinistear airm agus an uair sin còig bliadhna deug mar mhinistear aig gnìomhachas na h-ola. Bha fhios agam gach latha gum biodh agam ri ’s dòcha rudan doirbh a ghiùlain agus seòrsa de mhìneachadh a thoirt dha na daoine a bha a’ coimhead airson beagan mìneachaidh, airson beagan solais mu thimcheall an rud a bha a’ tachairt. A dh’aindeoin sin, bha mi a’ faighinn cofhurtachd mhòr mi fhèin anns a’ chreideamh a bha seo nach dèan nì air bith ar sgaradh o ghràdh Dhè a th’ ann an Ìosa Crìost ar Dia-ne.

[Aithris naidheachd] Still the build up of troops and ships for the taskforce goes on, Britain’s largest liner the Queen Elizabeth the Second is preparing to sail with 3000 troops, men of the Ghurkas, the Scots guards and the Welsh Guards.

[An t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn] 'S dh’inns an comanndair dhuinn an uair sin dè a bha a’ dol a thachairt mu dheidhinn nam Falklands, gum feumadh sinn sinn fhèin ullachadh airson cogadh. Ma tha thu a’ dol gu cogadh sam bith aig àm air bith dha do bheatha, theirig thusa sìos air a QE2. ’S e dòigh math dha-rìribh a th’ ann a dhol sìos gu cogadh!

[An t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn] Cha tèid e às mo chuimhne-sa gu bràth an dòigh anns an seinneadh iad, nise cha robh fhios aca air mòran dhe na laoidhean a bh’ againn, eil fhios agad, cha mhòr nach cunntadh tu iad air do dhà làimh. Ach a’ chluais èisteachd a bha iad a’ toirt dhan an t-searmon an uair sin agus an t-àite a bha iad a' toirt dha, eil fhios agad, agus chan e sin a-mhàin. An rud a bha a’ tachairt gun robh thu gan toirt an uair sin 's bha thu a’ dèanamh ùrnaigh air an son cuideachd, bha thu a’ dèanamh ùrnaigh air an son uile. Fhios agad aig a’ cheart àm ged a bha sinn a’ dol sìos ann an sin mar rèisimeid nach tigeadh a h-uile duine air ais. Agus 's dòcha gur e rud a bha doirbh ri ghiùlain a bh’ ann gu sònraichte às dèidh dhan sin tachairt 's a' chuimhne a bha agad gun robh thu air an ùrnaigh a dhèanamh agus am fiosrachadh a bha thu a’ toirt dhaibh cuideachd air mhodh cho glic ’s a b’ urrainn dhut seo a chantainn riutha, gum feumadh sinn sinn fhèin ullachadh airson casualties. Ciamar a bha mi a’ dol a dh’ullachadh nan saighdearan airson a' bhlàir no an latha a dh’fheumadh iad a dhol a-steach dhan bhattle. Nise bha seirbheisean beaga againn shìos ann an sin, shìos air a’ Chuimrigh cuideachd, Maines, a’ sealltainn dhaibh cuideachd dè a thachradh nuair a dheigheadh cuideigin a mharbhadh. Bha procedure ann airson sin cuideachd, eadar emergency burial, temporary burial agus permanent burial agus mar sin 's dh’fheumadh tu sin a thoirt dhaibh agus co-dhiù thuirt an commandair rium feumaidh tu seo a shealltainn dhaibh, agus chan urrainn dhaibh a dhol a-steach ann an sin agus gun fhios no eòlas aca gum faodadh seo tachairt.

[An t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn] Fhuair sinn radio message gun robh na paras air a dhol a-steach gu Goose Green agus gun robh uiread de chasualties air a bhith aca 's gun deach an commanding officer aca, H Jones, gun deach esan a mharbhadh. Uill 's ann an uair sin a thàinig e dhachaigh air daoine gun robh na daoine seo, nan Argentinianaich, gun robh iad ag iarraidh, fhios agad, sabaid a dhèanamh agus nach robh iad a’ dol a ruith air falbh cho furasta ’s a bha sinne a’ smaoineachadh a dhèanadh iad sin. 'S fhuair sinn an t-òrdugh a dhol a-steach an uair sin airson a bhattle. ’S e madainn na Sàbaid a bh’ ann agus chaidh sinn a-mach gu àite ris an can iad G oat Ridge, sin far an robh an assembly area againn. Nise bha sinn a’ smaoineachadh an toiseach nach robh fhios aig na h-Argentinianaich gun robh sinn ann ach bha na forward observation officers acasan bha iadsan gu math gleusta cuideachd 's bha fhios aca càite an robh sinn. Thòisich na shells a’ tighinn a-nall à sin fad an latha agus bha uair no dhà ann an sin bha dùil agam nach tiginn air ais.

[An t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn] Thàinig an Iron Lady, Mrs Thatcher, agus thuirt ise, seo a' chiad uair a thachair seo ann an eachdraidh a-riamh, ma bha teaghlach sam bith ag iarraidh am mac no am bràthair a bha air am marbhadh shìos ann an sin a thoirt dhachaigh gun tachradh sin aig public expense. Nise dh’iarr na guards gun dèanadh sinn sin, gun toireadh iad a h-uile duine dhachaigh, eil fhios agad. Agus bha sin air a dhèanamh cho brèagha ’s a b’ urrainn dhut a bhith 's a bha na pìoban ann an sin a’ cluich The Flowers of the Forest, two minutes silence agus bha sinn air a h-uile càil a dhèanamh. Nise nuair a thàinig sinn dhachaigh, thàinig oirnn a dhol timcheall ann an sin air iomadh àite 's an nì ceudna a dhèanamh. Agus ’s e rud gu math doirbh a bha sin agus bha ann an seagh bha sinn air a bhith sinn fhèin a mar a chanadh tu cleachdte ris an rud a thachair agus bha eòlas againn air ’s gun do thachair e. Ach nuair a thàinig sinn dhachaigh an uair sin ann an August agus gidheadh dh’fheumadh sinn a dhol timcheall iomadh àite an uair sin a’ dèanamh nan tìodhlaigeadh a tha sin. Bha agad an uair sin ri dèiligeadh ris a' chaoidh ’s ris a' bhròn, eil fhios agad, a bh’ aig teaghlaichean nan gillean a bha sin agus an caoidh ’s am bròn a bh’ againn fhèin cuideachd, eil fhios agad. Agus tha mi a’ smaoineachadh a thaobh creideimh cha b’ urrainn dhòmhsa a bhith air a dhèanamh às aonais a’ chreideimh a bh’ agam, cha b’ urrainn dhomh.

[An t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn] Tha mise nam choigreach mar ’s g’eil luchd cuairt às an t-saoghal agus coimheadaidh mi air ais air mo bheatha, na nithean a thachair agus na nithean nach b’ urrainn dhomh a bhith air a dhèanamh gu bràth mar a b’ e gun robh gràs Dhè còmhla rium ann an sin agus deas làimh Dhè còmhla rium aig na h-amannan anns an robh feum air.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!