FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Young Simon Fraser of Lovat looks ahead Sìm Òg a’ coimhead roimhe

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Sìm Òg a’ coimhead roimhe

[Dòmhnall] Tùr Lunnainn. B’ann an seo ann an seachd deug dà fhichead ’s a seachd a chosg an cogadh a bheatha do dhaoine eile.

[Dòmhnall] Air madainn fhuair, mhì-chàillear choisich Sìm Frìseal, fear de cheannardan Gàidhealach nan Seumasach, a-mach à seo, far an deigheadh a cheann a chur dheth. Bha Morair MacShimidh air pàigheadh mar-thà airson nataic a chuir e ri Teàrlach Èideard Stiùbhart le a chuid oighreachdan a chall. Nise a dh’aindeoin a chuid seòltachd bha an duine ris an canadh iad “An Sionnach” a’ dol a phàigheadh le a bheatha.

[Dòmhnall] Cha b’ ann a-mhàin a’ cur às do reubaltaich a bha na h-ùghdarrasan, bha bàs MhicShimidh gu bhith na rabhadh do chàch. Bhiodh e glic do Sheumasaich eile, ’s a mhac Sìm Òg nam measg, feart a thoirt. Bha Sìm Òg e fhèin anns a’ phrìosan, ach dìreach beagan mhìosan an dèidh bàs athar bha e a’ tòiseachadh a choimhead roimhe.

[Crisdean] Chaidh Sìm Òg, chaidh ionnsachadh gu mòr aig deas. Bha na daoine a tha sin, ged a bha iad Gàidhealach agus tha litrichean brèagha bho Shìm Òg ag ràdh “ge b’ e an rud gus an tèid an anail mu dheireadh àsam cha chaill mi a’ Ghàidhlig”. Ach aig an aon àm, bha iad gallda. Bha fios aige cò ris a bha e dreach Ghlaschu ’s Dhùn Èideann agus cuideachd Chìll Rìmhinn ged a bha sin na bu lugha, cò ris a bha iad coltach, dè bha daoine a’ sùileachadh, dè na h-aodaichean, dè leòm a bha iad ag iarraidh gus gum biodh seasamh aig duine nan lùib, fhios agad. Agus a-rithist air tàilleibh, cha robh na fearainn, cha robh iad air am fearann a chall às dèidh Bliadhna Theàrlaich, mar sin dh’fheumadh e a bhith ceart cinnteach, fhios agad, gum faigheadh e a-staigh air an riaghaltas. Bheireadh an lagh, dhèanadh e pàirt dhen sin, ach dh’fheumadh e cuideachd ann an dòigh rudan a dhèanamh mar na rèisimeidean a thogail gus an gabhadh an riaghaltas a leisgeul agus leisgeul an teaghlaich.

[Dòmhnall] Chaidh iomadh rèisimeid Gàidhealach eile a thogail anns an aon dòigh. Mu àm Cogadh Napoleon bha iad a’ dèanamh an-àird an ceathramh cuid de dh’ Arm Bhreatainn. Ann an dà fhichead bliadhna, chaidh deich mìle duine às an Eilean Sgìtheanach a-mhàin dha na rèisimeidean ùra, barrachd air na tha a’ còmhnaidh anns an eilean uile gu lèir an-diugh, agus ’s ann mar a chaidh na rèisimeidean a-null thairis ann an seirbheis a’ chrùin a dh’fhàg gun do lean na mìltean Ghàidheal ’s gu dearbha coimhearsnachdan slàn a-nall iad nan imrich.

[Dòmhnall] Thog MacShimidh còrr air mìle gu leth saighdear far na h-oighreachd aige fhèin timcheall Inbhir Nis ’s às a’ Ghleann Mhòr. Bha làn fhios aige fhèin ’s aig na cinn-cinnidh eile a bha cho dealasach a’ dèanamh rèisimeidean dè bha fa-near dhaibh. Bha iad airson an cliù ’s an inbhe a chaill iad ri linn an dìleasachd dha na Seumasaich fhaighinn air ais ’s bha iad ag iarraidh seilbh fhaighinn a-rithist air na fearainn a chaidh a thoirt bhuapa. Ach dha na Gàidheil chumanta a bha na h-uaislean a’ trusadh dhan arm cha robh roghainn ann.

[Chrisella] Nan deigheadh roghainn a thoirt dhut mur adèanadh tu rudeigin mar sin gun cailleadh tu do thalamh, agus bha an comas a bha sin ann, bha an cumhachd a bha sin ann a’ dearbhadh mur an deigheadh tu dhan arm, mur a dèanadh tu, mur am b’ e nòs ann an dòigh a dhol a shabaid gun deigheadh am fearann a thoirt bhuat. Tha mi a’ smaoineachadh cuideachd gu bheil, an dèidh àm Chùil Lodair tha cùisean ag atharrachadh nuair a thathas a’ feuchainn ris an fhearann a leasachadh. Thathas ag iarraidh tacan nas motha, thathas a’ feumachadh tacan nas motha ma thathas a’ dol a dhèanamh airgead às an fhearann. ’S e dòigh eadar-dhealaichte air a bhith a’ tuathanas a th’ ann dheth. Mar sin dheth chan eil an uimhir de dhaoine gu bhith an sàs anns an tuathanachas agus tha na mic as òige mar gum biodh mar as trice a’ feumachadh cosnadh eile, agus tha an t-arm a’ toirt an comas sin dhaibh.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!