FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Getting used to a new life A’ fàs cleachdte ri beatha ùr

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

A’ fàs cleachdte ri beatha ùr

[Seumas] Pinc.

[Mark] Pinc.

[Seumas] Pinc.

[Mark] Dè a nì sinn pinc?

[Seumas] Nemo.

[Mark] Nemo? Chan eil Nemo ann. ’S e isean a th’ ann.

[Preseantair] Tha an t-oileanach Mark MacLeòid cuideachd na èildear anns an Eaglais Shaoir. Tha e a’ fuireach còmhla ri a bhean, Eilidh, a tha na banaltram, agus am balach aca, Seumas, ann am flat ann an Glaschu às dèidh dhaibh an taigh ùr aca a leigeil a-mach air màl.

[Preseantair] Bha Mark ag obair mar einnseanair mus do thòisich e air trèanadh airson na ministrealachd, agus tha iad uile a’ fàs cleachdte ri beatha ùr.

[Eilidh] Gu seachd àraid seach gu bheil mise ag obair shifts, bidh mi ag obair air night shift no aig an deireadh-sheachdain cuideachd so uaireannan tha e gu math doirbh a bhith …

[Mark] Uaireannan feumaidh mise a dhol a-mach le Seumas …

[Eilidh] Fhad ’s a tha mise a’ cadal.

[Mark] Fhad ’s a tha Eilidh a’ cadal so aidh chan eil pàtran againn.

[Eilidh] Chan eil.

[Mark] Nuair a tha tìde againn bidh sinn ga chleachdadh ach tha e duilich, tha e duilich.

[Mark] Dè an ad agam

[Eilidh] Tha mi a’ smaointinn gur e deagh rud a th’ ann gu bheil e air an trèana agus gu bheil e a’ faighinn tòrr leughadh a dhèanamh air an trèana.

[Mark] Och aidh uill tha dà uair a thìde agam air an trèana son leughadh, son dèanamh obair.

[Eilidh] Mur am b’ e sin bhiodh tòrr leughaidh air a bhith agad.

[Mark] Aidh bhiodh. Tha mi a’ feuchainn ri dèanamh tòrr den obair air an trèana. An dèan sinn steigear? Agus an uair sin nuair a tha mi a’ tighinn dhachaigh bidh mi a’ cluich còmhla ri Seumas.

[Mark] Nuair a tha mi a’ dèanamh leughadh tha mi ag iarraidh a bhith ann an àite sàmhach, fhios agad, so uaireannan bidh mi a’ dol dhan rùm agus nuair a bhios mi a’ dèanamh leughadh ’s toigh leam dìreach a bhith sàmhach. Ach nuair a tha mi a’ dèanamh an essay fhèin tha mi air am plana a dhèanamh agus an structair a dhèanamh agus tha e nas fhurasta. Tha mi alright Seumas a bhith timcheall ach tha e duilich. Chan eil e ideal ach tha esan ceart gu leòr. Uaireannan bidh e a’ suidhe sìos agus gam mhagadh nuair a bhios mi a’ dèanamh essay mar sin. Bidh mi ag ràdh ‘dè tha thu a’ dèanamh?’ agus bidh e ag ràdh ‘ò tha mi a’ dèanamh essay’.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!