FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seonag Smith’s oat scones Na sgonaichean coirce aig Seonag Nic a’ Ghobhainn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na sgonaichean coirce aig Seonag Nic a’ Ghobhainn

[Seonag] Bhiodh mo mhàthair gan dèanamh seo agus mo sheanmhair. Chan aithne dhomh mòran eile a bhios gan dèanamh. Chan eil fhios a’m an e rud a bhiodh iad a’ dèanamh ann am Barraigh a-mhàin no ann an seo.

[Màiri] Chan aithne dhomh fhìn mòran nas motha. Feumaidh gur e. ’S e rud gu math traidiseanta a th’ ann co-dhiù.

[Seonag] Chan eil fhios a’m ach bhiodh mo mhàthair daonnan gan dèanamh agus chan eil tomhaisean agam air an seo idir ach bha piuthar mo mhàthar ag innse dhomh, seo mar a bhiodh i ga dhèanamh, is’s e an cupa a bh’ aice a tha seo. Agus chan eil thu ach a’ cur car dhen…

[Màiri] Cia mheud cupa a th’ ann?

[Seonag] Chuir mi a dhà dhiubh seo ann. Tha e a rèir dè na bhios tu a’ dèanamh. Tha thu a’ cur beagan a bharrachd de mhin-flùir ann agus baking powder a chur ann còmhla ris ’s a tha thu a’ cur ann de mhin-choirce.

[Seonag] Cuiridh sinn fear gu leth ann dhen mhin-choirce agus chì mi nuair a ... Chan àbhaist dhomh a bhith ga thomhais ann. Chan eil mi ach chì mi nuair a bhios mi ... Is tha mi a’ smaointinn nach e, tha mi a’ smaointinn gur e siud e. Nist cnatachan beag’ de shalann a chur ann cuideachd.

[Màiri] Agus saoil a bheil seo caran rudeigin eadar sgona phlèan agus aran-coirce?

[Seonag] ’S e, ’s e tha a chionn ’s bhiodh mo sheanmhair ga dhèanamh dha mo sheanair a bha ag iasgach agus bhiodh e a’ toirt leis rudan. Bha barrachd neirt an seo ’s na bha ann an sgonaichean, ach cha robh e cho tioram ri, fhios agad, aran-coirce. chan eil fhios a’m an e sin a dh’fhàgadh mi ga dhèanamh.

[Màiri] Dè th’ agaibh an seo a-nist?

[Seonag] Tha seo dìreach rud beag ime air a leaghadh. Cha bhi mise ga chur dhan mhin idir tioram. ’S e dòigh chliofar a tha seo air a dhèanamh.

[Màiri] Aon ugh.

[Seonag] Bidh mise a’ cur ugh ann. Cha leig thu leas ugh a chur ann. Gu math tric cha bhi mo mhàthair a’ cur ugh anns an aran-choirce.

[Màiri] Agus tha tòrr nach bi a’ cur ugh dha na sgonaichean nas motha.

[Seonag] Tha.

[Màiri] Bidh mise.

[Seonag] Bidh mise daonnan. Ach uaireigin dhan t-saoghal, cha bhiodh scones phlèan. Bhiodh mo mhàthair a-riamh a’ cur ugh annta. Nist, ’s e bainne goirt a bhiodh aca uaireigin dhan t-saoghal cuideachd.

[Màiri] Tha cuimhne a’m a-nis mo sheanmhair fhèin, ’s e sgonaichean agus bainne goirt a bhiodh i a’ cleachdadh, agus fiu ’s nuair a bhiodh bainne a’ dol dheth anns am frids, chanadh i, feumaidh mi sgonaichean a dhèanamh a-nise oir tha am bainne a’ dol dheth.

[Seonag]Ach ann an seo a-nist, uill, chan fhaigh thu bainne goirt san latha a th’ ann, chan eil mòran dhaoine a’ bleoghann, ach ’s e a gheibh thu anns a’ bhùth buttermilk. Sin a th’ agamsa an-diugh. Mar as trice ’s e yoghurt, yoghurt plèan a bhiodh mise ag ùisneachadh air a shon. Agus tha e uabhasach math. Fàgaidh i nas aotruime iad agus an uair sin bainne no blàthach - ’s e a’ Ghàidhlig a th’ air buttermilk - agus fhad ’s nach cuir mi tuilleadh ’s a’ chòrr ann.

[Màiri] A-rithist dìreach a’ cur a h-uile sìon uile còmhla sa bhobhla.

[Seonag] ’S e.

[Seonag] han eil thu ach dìreach ga fhaighinn mar sin. Agus a’ cur cnatachan de mhin air an rud.

[Màiri] Agus a-rithist tha seo, tha iad luath a dhèanamh.

[Seonag] Tha iad uabhasach cliobhar. Air sailleibh ’s nach eil thu a’ cur an ime ann thu fhèin, ma tha thu ga leaghadh an toiseach, tha e uabhasach cliobhar a dhèanamh. Seo mar a tha mise a’ dèanamh a h-uile sgona. Nise tha seo a-nis gu math bog agam, ’s dòcha gun do chuir mi tuilleadh ’s a’ chòrr de bhainne ann, beagan, ach tha iad nas aotruime, eil fhios a’d, meadhanach bog. Bidh mise a’ toirt a chreidsinn orm fhìn gum bi iad nas fheàrr air sailleibh ’s gu bheil mi ag ùisneachadh nan seann rudan a tha an seo. Sgian a bh’ aig mo mhàthair agus an siuga beag a bh’ aig piuthar mo mhàthar.

[Seonag] Ma bhios am bobhla, eil fhios agad, ma bhios tu ag ùisneachadh an aon bhobhla fad an t-siubhail, tha na tomhaisean agad nas fhèarr. Rolling pin

[Màiri] Tha e annasach cuideachd, bidh feadhainn a’ cleachdadh rud airson na sgonaichean a roiligeadh agus feadhainn eile nach eil a’ dol faisg air.

[Seonag] Dìreach ga dhèanamh le làmhan?

[Màiri] Tha a h-uile duine eadar-dhealaichte.

[Seonag] ’S e. Chan eil mise math gu leòr gus a dhèanamh corra. Tha iad gu math Gàidhealach a’ coimhead an seo. Dh’fhaodadh tu an dèanamh nas sgiobalta. Bidh feadhainn ann ... ’s cha bhi mise ach gan gearradh nan squaraichean uair sam bith, sgona sam bith a bhios mi a’ dèanamh, a chionn ’s cha bhi mi a’ bodraigeadh rin dèanamh cruinn. O chionn fhada dhèanadh iad mòr iad, dìreach ceathramhnan dhiubh, ach bhiodh iad nas chliobhaire mar seo agus gheibh thu an uair sin, fhios agad, tha e nas fhasa dhut.

[Màiri] Gheibh thu barrachd asta cuideachd.

[Seonag] Uill, gheibh thu fear an duine, ach ann an ceathramhnan mòra, ’s e a b’ àbhaist dhaibh a bhith a’ dèanamh. Is gu h-àraidh mar a bha mo mhàthair, tha teaghlach mòr againn ann agus bhiodh i a’ dèanamh tòrr fuine, bhiodh i a’ fuine.

[Màiri] Cha mhaireadh seo fada eadar teaghlach mòr.

[Seonag] Cha dèanadh e sìon. Cha dèanadh e a’ chùis anns an teaghlach a bh’ againne.

[Màiri] Uill, tha iad a’ coimhead snog co-dhiù.

[Seonag] Uill, tha mi an dòchas gum bi am blas aca a cheart cho math. Chì sinn.

[Màiri] Deiseil a-nis airson an àmhainn.

[Seonag] Tha iad deiseil a-nis airson a chur dhan àmhainn.

[Màiri] Agus àmhainn theth?

[Seonag] ’S e àmhainn cho teth ’s a ghabhas a bhios agamsa daonnan a chionn ’s, tha mi a’ smaointinn ma bhios an àmhainn agad car fuar, bidh iad a’ dol car ùigeach san àmhainn

[Màiri] Agus chan fheum iad ach ’s dòcha deich mionaidean?

[Seonag] Ò aidh, mun sin.

[Seonag] A bheil sinn a’ dol gam feuchainn ma-thà?

[Màiri] Tha iad a’ coimhead sgoinneil.

[Seonag] Thionndaidh iad a-mach.

[Màiri] Cho snog ’s a tha iad a’ coimhead.

[Seonag] Tha iad diofarach seach sgones àbhaisteach.

[Seonag] Tha. Nist dh’fhaodadh tu, faodadh tu an gabhail còmhla ri ìm. Dìreach tha iad math plèan le ìm agus tha iad math cuideachd còmhla ri càise.

[Seonag] Tha iad caran nas tiorma na sgones eile.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!