FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gaels and the Seven Year War Na Gàidheil ’s Cogadh Mòr nan Seachd Bliadhna

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na Gàidheil ’s Cogadh Mòr nan Seachd Bliadhna

[Dòmhnall] A dh’aindeoin dealas nan ceann-cinnidh, ’s ann gu math amharasach a bha Breatainn às a’ Ghàidhealtachd fhathast. Bha làn fhios aig urrachan mòra Lunnainn nach robh ach deich bliadhna bho fhuair iad smachd air na reubaltaich aig Cùl Lodair ’s bha iad a-nise armaichte a-rithist. ’S e a bha a dhìth ach an cur a-null thairis gun dàil do chogadh ùr an aghaidh nam Frangach.

[Dòmhnall] Thòisich Cogadh Mòr nan Seachd Bliadhna air a’ chrìch eadar na Frangaich ’s na Breatannaich ann an Ameireaga. B’ann an seo cuideachd a b’ fhuiltiche a bha an t-sabaid. An dèidh dha na Frangaich ’s an cuid thùsanaich trì bliadhna a thoirt gan dochann, rinn na Breatannaich plana airson ionnsaigh mhòr trì-cheàrnach a thoirt air fearann nam Frangach. Dheigheadh a’ chiad fheachd a-mach gu iar ’s gu tuath tro na Lochan Mòra, ghabhadh an dàrna tè dìreach tuath gu Montreal agus sheòladh an treas bhuidheann a dh’Alba Nuadh a thoirt ionnsaigh air gearastan mòr nam Frangach, Louisburg, aig beul Abhainn Labhrainn.

[Dòmhnall] B’ e port cudromach a bh’ ann an Louisburg. B’ e fear dhe na trì stèiseanan nèibhidh a bu mhotha a bh’ ann an Aimeireaga. Tha an gearastan an-diugh air a thogail às ùr, mar a bha e an ìre mhath bho thùs ach a-mhàin nach eil an luchd-turais a’ faighinn an t-salchair, an fhuaim ’s an fhàillidh a bhiodh ann ann am meadhan na h-ochdamh linn deug.

[Dòmhnall] Chuir an comanndair Breatannach, an Seanalair Wolfe, saighdearan air tìr mu chòig mìle an iar-dheas air Louisburg.

[Dòmhnall] Tha an tràigh na h-àite-cluiche an-diugh do shean ’s òg, ach b’ e saoghal eile a bh’ ann nuair a thàinig rèisimeid MhicShimidh air tìr an seo anns an Ògmhios seachd deug leth-cheud ’s a h-ochd. Bha na gunnaichean Frangach air mullach na creige, a’ feuchainn air na bàtaichean beaga làn is ga cur thairis le saighdearan.

[Dòmhnall] Air dhòigh air choreigin rinn na Gàidheil cladach dheth. Bha an tràigh agus a’ mhuir fhèin làn de sprùilleach bhàtaichean agus de chuirp nam marbh air am milleadh ’s air an reubadh às a chèile. Bha rànail na bh’ air an leòn uile-thimcheall orra. Ach gu na a bha slàn romhpa, musgaid anns an dàrna làimh ’s claidheamh anns an tèile. Dh’èirich iad a’ bruach, chuir iad rabhadh gu na Frangaich a bh’ air am bàrr ’s bha an rathad fosgailte romhpa gu Louisburg.

[Dòmhnall] Air an t-siathamh latha deug den Iuchar, cha mhòr dà mhìos an dèidh dha na Breatannaich tighinn air tìr, ghèill Louisburg.

[Dòmhnall] Ghabh na Breatannaich a-nise sìos Abhainn Labhrainn gu Quebec. Dh’òrdaich Wolfe nach fhaodadh iad tuathanas no taigh fhàgail air an t-slighe gun an losgadh, dìreach mar a bha na Hanòbharaich air a dhèanamh air an t-slighe gu deas tron Ghleann Mhòr an dèidh Chùil Lodair.

[Dòmhnall] Bha iad a-nise a’ teannadh dlùth air baile Quebec, a bh’ air a dhìon gu teann aig feachd mhòr Fhrangach.

[Dòmhnall] Bha an geamhradh a’ tighinn orra ach dh’fheumadh Wolfe aon oidhrip eile a dhèanamh ge b’ e dè chosgadh e.

[Dòmhnall] Tha i àlainn soilleir an-diugh ach bha an oidhche dubh dorcha anns an t-Sultain seachd deug leth-cheud ’s a naoi nuair a thàinig Wolfe air tìr an seo aig Anse au Foulon. Bha iad a’ feuchainn ri a dhèanamh gun fhiosta ach rinn iad cus fuaime. Chuala saighdear Frangach a bh’ air faire rudeigin. “qui vive” dh’èigh e anns an dorchadas. Bha fear dha na saighdearan Gàidhealach fileanta anns a’ chànan ri linn nam Frangach a bha còmhla ris ann am feachd nan Seumasach. “Vive le roi” fhreagair e. Am freagairt ceart a rèir coltais agus fhuair e troimhe.

[Dòmhnall] Cha robh iad fada a’ cur an t-saighdeir Fhrangach an dàrna taobh ’s rinn na Gàidheil an slighe suas an ceum caol ri oir na creige.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!