FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What was young Norma like? Co ris a bha Norma òg coltach?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Co ris a bha Norma òg coltach?

[Dòmhnall Moireasdan] Dè bha Norma òg a' cur roimhpe ma-thà a dhèanamh?

[Norma NicLeòid] Uill, cha robh Norma òg a' cur mòran roimhpe idir. Bha e dìreach cho math a bhith beò agus saoghal beag bòidheach, neo-chiontach, taitneach agus cha robh mi a' cur mòran romham fhìn ann ach mi fhìn 's Dòmhnall Iain, mo bhràthair, a bhith a’ cluich timcheall Loch Croistean ann an siud 's a' dol a-null a Bheàrnaraigh ann an saor-làithean gu àite iongantach eile.

[Dòmhnall Moireasdan] Dèidheil air an sgoil?

[Norma NicLeòid] Bha, bha ann an dòigh. Bha, bha mi a' dèanamh math gu leòr anns an sgoil 's bhithinn ag ràdh nuair a bha mi na b' òige gum bu chaomh leam a bhith nam thidsear, bhon tha mi a' creidsinn gur e sin an saoghal anns an deach mo thogail, eil fhios agad, ann an sgoiltean 's tha mi a' creidsinn gun robh e na b' fhasa a ràdh na smaoineachadh air.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus chaidh sibh dhan oilthigh, Obar Dheathain, nach ann?

[Norma NicLeòid] 'S ann.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè bha sibh an dùil a dhèanamh nuair a dh'fhàg sibh an oilthigh? Rinn sibh saic-eòlais is diofar cuspairean, nach do rinn?

[Norma NicLeòid] Rinn.

[Dòmhnall Moireasdan] Anns an oilthigh. Agus an uair sin, chaidh sibh an sàs ann an trèanadh tidseir.

[Norma NicLeòid] Chaidh. Chaidh mi an sàs ann an trèanadh tidseir nuair a dh'fhàg mi an sgoil an toiseach.

[Dòmhnall Moireasdan] Ò, an deach?

[Norma NicLeòid] Sin nuair a chaidh mi an sàs ann.

[Dòmhnall Moireasdan] À.

[Norma NicLeòid] Agus leig mi seachad e. Cha do chòrd e rium. Dh'atharraich mi bhon cholaiste dhan oilthigh.

[Dòmhnall Moireasdan] Carson a-nise an dèidh a bhith a' bruidhinn air nuair a bha sibh beag nach do chòrd e ribh?

[Norma NicLeòid] Uill, tha mi a' smaoineachadh nuair a bha mi beag gun robh mi dìreach a' bruidhinn air. 'S iomadh rud air am bruidhinn thu nuair tha thu beag nach eil càil a sgot air dè tha e a' ciallachadh. Agus nì thu an aon rud nuair a tha thu nad inbheach cuideachd ach ... Tha mi a' smaoineachadh gur e aon sgoil fhàgail agus tòiseachadh feuchainn ri dreachd a thoirt a-mach a' dol air ais dhan sgoil. Dh'fhairich mi nach freagradh e orm is gur dòcha nach bithinn glè mhath ann.

[Dòmhnall Moireasdan] Is thug sibh ur casan leibh a-machà sin.

[Norma NicLeòid] Thug. Thug mi ann am bliadhna.

[Dòmhnall Moireasdan] An uair sin dhan oilthigh?

[Norma NicLeòid] An uair sin dhan oilthigh.

[Dòmhnall Moireasdan] Nas tarraingiche?

[Norma NicLeòid] Ò gu math na bu tarraingiche. Cuspairean mòra, ùra, eil fhios agad, a’ dol a-steach ann an doimhneachd ann am Beurla is litreachais is Gàidhlig agus saic-eòlais, socio-eòlais is rudan den seòrsa sin. Saoghal mòr farsaing.

[Dòmhnall Moireasdan] ’S an e saic-eòlais a tha sin ’s an socio-eòlais, an e sin a thug gu obair shòisealta sibh?

[Norma NicLeòid] ’S e. ’S e sin a tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a thug gu obair shòisealta mi. Bha cùrsa ann an uair sin às dèidh mo cheumnachaidh agus gu fortanach fhuair mi air. Agus rinn mi dà bhliadhna ann an sin aig àrd ìre a’ toirt a-mach dreuchd ann an sòisealachd, ann an sòisealachd inntinneil, psychiatric social work.

[Dòmhnall Moireasdan] An i sin an obair a bh’ agaibh nuair a chrìochnaich sibh?

[Norma NicLeòid] Sin an obair a bh’ agam nuair a chrìochnaich mi airson greiseag ’s bha tòrr ann, rinn mi tòrr dheth. Cuideachd nuair a bha mi a’ trèanadh ann an ospadal mòr, na h-ospadalan mòra, mòra a bh’ ann an uair sin agus taing do shealbh chan eil iad ann an-diugh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!