FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The ministry's football game Ball-coise na ministrealachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Ball-coise na ministrealachd

[Preseantair] Nad mhinistear no nad oileanach tha e gu math cudromach ùine dhut fhèin fhaighinn agus chan eil càil nas fheàrr le Innes na a bhith a’ ruith mun cuairt a’ cluich ball-coise le caraidean.

[Innes] Uill tha sinn a’ cluich a-nochd ball-cois’. Bidh mise a’ cluich airson Dowanvale Free Church agus bidh sinn a’ cluichfriendlies an aghaidh sgiobaidhean eile agus tha sinn a’ cluich Heartsbridge Evangelical a-nochd, eaglais eile.

[Innes] Right, let’s pray before we start.. Heavenly Father, we thank you for this evening, Lord, we pray that you’ll help us as we all enjoy ourselves tonight. Thank you for this gift of sport, as always in Christ’s name, Amen.

[Innes] ’S e rud math a th’ ann an rest. ’S e rud math a th’ ann an spòrs. ’S e rud math a th’ ann an exercise cuideachd.So tha e a’ còrdadh rium a’ faighinn break. Chan e break a th’ ann bho Dhia. ’S e dìreach break a th’ ann bho leughadh, bho obair.

[Preseantair] ’S cinnteach gum bu chòir oileanach na ministrealachd a bhith modhail air an raon-cluiche. Mar sin tha fios nach d’ fhuair Innes cairt bhuidhe no idir cairt dhearg riamh!

[Innes] Cha d’ fhuair mi càil riamh. Tha mise den bheachd nuair a tha Criosdaidhean a’ cluich football cha bu chòir dhaibh cheating sam bith a dhèanamh idir.

[Innes] Tric gu leòr bidh defenders, bidh iad a’ bìdeadh nan strikers no a’ seasamh air na casan aca. Cha chaomh leams’ càil mar sin a dhèanamh. Cha bhi mi fhìn a’ tarraing càil mar sin idir aig corners. Tha mi a’ feuchainn ri cluich cho mòr ’s a ’s urrainn dhomh, everything above board.

[Innes] Nuair a tha thu nad Chriosdaidh, tha Criosd còmhla riut nuair a tha thu a’ cluich football no anns a’ chùbainn.

[Innes] Three, two. Tha mi sgìth! Fhuair sinn dà ghoal gu math tràth anns an dàrna half agus … ach an uair sin rinn sinn tòrr substitutions agus thàinig iad air ais. Fhuair iad a dhà. Bha e rudeigin faisg aig an deireadh ach uill co-dhiù bhuannaich sinn. Geama math a bh’ ann. Ò tha mi toilichte, ò tha.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!