FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Teenie MacKenzie’s oven scones Na sgonaichean àmhainn aig Teenie NicChoinnich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na sgonaichean àmhainn aig Teenie NicChoinnich

[Màiri] ’S ann san àmhainn as trice a thathar a’ dèanamh sgonaichean an-diugh agus ’s i an àmhainn a th’ aca ann an seo aig Cafaidh Ionad Coimhearsnachd Ùige. Às a h-uile rud math a th’ aca, tha am fèill as motha air an sgona flùir.

[Màiri] Teenie, tha fhios gu bheil na sgonaichean agaibh a’ còrdadh ris an luchd-turais a tha a’ tadhal air a’ chafaidh.

[Teenie] Tha. Uill tha an fheadhainn a tha gan ithe tha iad ag ràdh gu bheil iad math co-dhiù.

[Màiri] Dè tha a’ dol dha na sgonaichean agaibhse ma-thà?

[Teenie] Tha ochd unnsan SR [self-raising] flour agus tha aon unns’ siùcair ’s tha cairteal spàin-teatha cream of tartar agus leth sin a-rithist de sòda a’ dol ann, agus trì unnsan ime agus ugh agus ceithir tablespoons bainne. Tha mi a’ cur am flùr a-steach an toiseach.

[Màiri] Tha mise an dòchas gum faigh mi tips an seo an-diugh airson nan sgonaichean agamsa. Gu math tric chan eil iad a’ dol leam idir.

[Teenie] Ciamar? Dè bhios ceàrr orra?

[Màiri] Bidh am mullach aca, dìreach mus, tha iad a’ coimhead, tha blas sgoinneil orra ach dìreach mus geàrr mi iad tha am mullach a’ briseadh, a’ tighinn às a chèile.

[Teenie] ’S a bheil an taobh a-staigh, a bheil e, a bheil an taobh a-staigh alright?

[Màiri] Tha.

[Teenie] Uill ’s ann mar sin,tha iad ag ràdh gu bheil còir aca a bhith gu math crumbly air an taobh a-muigh agus bog anns a’ mheadhan. Gur ann mar sin, ach uaireannan,

[Màiri] Ach mar gum biodh gu bheil am mullach air splutadh?

[Teenie] ’S dè bhios tu a’ cur? Dè raising agents a bhios tu a’ cur ann?

[Màiri] Sòda-arain.

[Teenie] Sòda-arain.

[Màiri] Agus flùr self-raising.

[Teenie] Am bi thu a’ cur cream of tartar ann?

[Màiri] Cha bhi.

[Teenie] Feuch, feuch cream of tartar agus sòda.

[Teenie] Tha mi a’ dol a mheasgachadh seo an toiseach mus cuir mi an t-ìm ann.

[Màiri] An e sibhse a tha a’ dèanamh nan sgonaichean anns a’ chafaidh?

[Teenie] Mm-huh.

[Màiri] Dè eile a bhios sibh a’ dèanamh?

[Teenie] Pancakes. Chocolate cake. Lemon cake. Lemon drizzle cake. Sin e.

[Màiri] Tha sin uile a’ còrdadh ri daoine, nach eil?

[Teenie] Mm-huh.

[Màiri] Agus rudan cuideachd a tha sin, mairidh iad a dhà no trì làithean. Cha leig thu leas. Cha leigeadh sibh leas an dèanamh a h-uile latha.

[Teenie] Cha leig, cha leig. Bidh e a rèir de mar a tha chocliobhar ’s a tha e a’ falbh ach y’know cumaidh lemon cake co-dhiù, lemon drizzle cake, cumaidh sin a dhà no trì làithean airson tha an icing air na cèicichean, tha i gan cumail. Ach tha na sgonaichean – ’s e aon latha a bhios, y’know, mur am falbh iad feumaidh sinn an toirt dhachaigh agus an ithe.

[Teenie] Ok so tha mi air an t-ìm a chur a-steach a-nis agus feumaidh mi a-nise mo làmhan a chur a-steach agus a mheasgachadh.

[Màiri] Agus a bheil sibh trang a’ bèicearachd fad an latha aig ur n-obair?

[Teenie] Ò cha bhi. Tha uaireannan, tha làithean ’s chan fhaigh thu cothrom fiù ’s copan teatha a ghabhail gun luaidh air a bhith a’ bèicearachd so gu math tric ’s ann mus fhosgail sinn no an dèidh dhuinn dùnadh a bhios sinn a’ dèanamh na bèicearachd.

[Teenie] Tha sinn deiseil dhen seo a-nis. Tha an t-ìm air obrachadh a-steach agus tha mi a-nise a’ dol a bhriseadh ugh ann. Aon ugh a bhios a’ dol ann.

[Màiri] Tha tòrr nach eil a’ cur uighean dha na sgonaichean aca idir. Bidh mise ach.

[Teenie] Gu math tric ’s e, ’s fheàrr leamsa ugh fresh y’know a bhios tu a’ faighinn ma tha cearcan aig duine, ma gheibh thu ugh bhon a tha e, tha na sgonaichean tòrr nas buidhe ’s tha e a’ coimhead nas fheàrr. Chan eil iad cho pale.

[Teenie] ’S a-nis tha bainne a’ dol ann. Ceithir spàinean-teatha.

[Màiri] Cia mheud sgona a nì seo? An dèan e dusan sgona?

[Teenie] Ochd. Chan eil e a’ dèanamh mòran. Ochd. Tha ochd gu leòr airson an tearoom bhon feumaidh iad a bhith fresh ’s mur h-eil iad fresh, y’know, feumaidh tu an tilgeil a-mach. So tha mi a’ measgachadh seo ri chèile. ’S tha i gu math bog. Sin a-nis. Tha sin deiseil a-nis.

[Teenie] A-nis tha mi a’ dol a thionndadh seo a-mach ’s a’ dol gaobrachadh, chan eil mi a’ dol a dhèanamh mòran obrachadh air.

[Màiri] Mar as lugha làimhseachadh a gheibh seo ’s ann as fheàrr, nach ann?

[Teenie] ’S ann ach feumaidh e rud beag. Cho fad ’s nach cuir thu a h-uile càil a’ toirt an èadhar a-mach às y’know, ma chuireas tu an èadhar a-mach às chan èirich iad.

[Màiri] ’S cha bhi sibhse ga roileagadh idir.

[Teenie] Cha bhi, no.

[Màiri] Ga obrachadh le na làmhan agaibh.

[Teenie] Mm-huh.

[Màiri] Cha chreid mi nach robh mise a’ dèanamh sin ceàrr cuideachd. Bidh mi ga roileagadh ach cha chreid mi nach eil mi a’ toirt cus roileagaidh dha.

[Teenie] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil uaireannan roileagadh, bidh mise a’ faighinn co-dhiù gu bheil e a’ toirt an èadhar a-mach às.

[Teenie] Ga shlaodadh a-mach agus ga bhruthadh sìos ’s ga thionndadh.

[Màiri] Càite an do dh’ionnsaich sibh bèicearachd ma-thà ’s cuin a thòisich sibh?

[Teenie] Mo mhàthair. Bhiodh mo mhàthair a’ dèanamh deaseachadh a h-uile latha cha mhòr y’know ’s bha againn ri, cha do dh’fheuch mi a-riamh air ach bhithinn a’ coimhead dè bha i a’ dèanamh ’s bhiodh i , bha sgonaichean math aice-se. Bhiodh ise a’ dèanamh treacle scones cuideachd ’s bha iad àlainn.

[Màiri] An do dh’fheuch sibhse na sgonaichean trèicil?

[Teenie] Dh’fheuch! Goirid an dèidh dhomh pòsadh dh’fheuch mi treacle scones agus dheigheadh iad tron bhalla! Cha do dh’obraich iad dhòmhsa co-dhiù.

[Teenie] Ok sin iad a-nis deiseil airson a dhol dhan àmhainn.

[Teenie] ’S e a sia a fhuair sinn a-mach às an sin.

[Màiri] Agus dè cho teth a-nis ’s a tha an àmhainn agaibhse?

[Teenie] Dà cheud. Deich mionaidean, ’s mathaid dusan. Cha bhi e càil nas fhaide na sin ’s cha bhi iad ceart.

[Teenie] Ok so cuiridh sinn a-nis dhan àmhainn iad.

[Teenie] Siuthad ma-thà, feuch thusa an toiseach iad.

[Teenie] A bheil iad coltach ris na sgonaichean agad fhèin?

[Màiri] Tha iad gu math coltach riutha ach dìreach gu bheil iad, nach eil iad a’ briseadh às a chèile mar a tha an fheadhainn agamsa!

[Teenie] Ò na can càil an-dràsta.

[Màiri] An ath-thuras ge-tà, cha thachair sin. Nì mi cinnteach nach cuir mi an uiread de shòda ann.

[Teenie] Feuch sin. A bheil thu ag iarraidh silidh?

[Màiri] Chì sinn a-nis ciamar a chaidh dhuibh.

[Màiri] Blasta.

[Teenie] Tha iad gu math milis, nach eil?

[Màiri] Agus aotrom.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!