FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donna’s faith An creideamh aig Donna

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

An creideamh aig Donna

[Donna Barden] Tha iomadh bliadhna a-nis bho bha tubaist aig an duine agam, Alasdair. Bha e a’ sgèith ann an rud leis an t-ainm gyrocopter agus gu mì-fhortanach thàinig e sìos agus chaidh a mharbhadh. Chan eil e fad às bhon an taigh againn fhèin. Bha an t-àm a bha sin gu math, gu math duilich, agus uabhasach, agus iomadach uair a’ smaoineachadh gun robh cùisean dha-rìribh a-mach à ruitheam. Ach tha cuimhne a’m am measg na bha a’ tachairt an uair sin tha cuimhne agam smaoineachadh gur e an creideamh agam agus an creideamh a bha sin an aon rud a bha làidir agus an aon rud a bha ’s dòcha a bha a’ dèanamh ciall leis a h-uile càil eile a’ tuiteam timcheall. Bha mi gu mòr a’ ceasnachadh Dia agus na thachair, agus gu mòr a’ smaoineachadh “uill, carson a leig e le rudan cho uabhasach tachairt? Nach b’ urrainn Dha a bhith air a shàbhaladh? ’S dòcha fiù ’s air a ghoirteachadh ach gun a thoirt air falbh gu lèir”. ’S mar sin bha mise, seo an t-àm ’s dòcha, fiadhaich le Dia. Carson a thug E air falbh e? Ach cuideachd bha agam ri smaoineachadh uill bha, tha a h-uile duine againn, ’s urrainn dhuinn ar toil fhèin a dhèanamh agus ’s e air toil Alasdair a bh’ ann, a bhith a’ dèanamh, fhios a’d, sgèith agus bha e a’ còrdadh ris gu mòr, agus ’s e tubaist a bh’ ann, agus chan eil mi, ’s dòcha às dèidh sin, a’ smaoineachadh “uill ’s dòcha gun robh Dia a cheart cho duilich ’s a bha mi fhèin”.

[Donna Barden] Bha a’ chlann gu math òg. Bha Dòmhnall dìreach ceithir agus Teàrlach faisg air a bhith seachd mìosan agus bha sin na uallach mòr. Bha e cho math gun robh iad ann ach bha e cuideachd na uallach a’ smaoineachadh dè mar a bha iad gu bhith às aonais athar. Uill tha sinn glè fhortanach a bhith a’ fuireach ann an coimhearsnachd mar seo far a bheil daoine anns a’ chiad àite mothachail air mar a tha thu a’ faireachdainn ’s na tha air tachairt dhut. Bha daoine air leth taiceil agus cuideachail ann an iomadach dòigh agus a’ feuchainn gu mòr ri ar cuideachadh ’s taic a thoirt dhuinn. Ach uaireannan feumaidh tu a bhith leat fhèin cuideachd, ’s tha thu feumach air àite nach eil ’s dòcha daoine, bheil fhios agad, airson smaoineachadh air mar na thachair, ach tha teaghlach glè chudromach agus bha an teaghlach agamsa air leth taiceil agus math dhomh – fios a’m gum b’ urrainn dhomh a dhol thuca agus bhiodh iad a’ tighinn thugam. Ach cuideachd, bha fios aca cuin a bu chòir dhaibh àite a thoirt dhuinn airson a bhith leinn fhèin. Tha cuimhne agam fhathast, an t-àm a thachair e, gun robh mi a’ faireachdainn gur e Dia agus Esan ag ràdh gun tigeadh rud math a-mach à rud a bha cho dona. Bha sin ga mo chumail-sa a’ dol bhon cha robh mise ga fhaicinn agus cha robh mi ga thuigsinn idir, idir, idir. Ach tha fhios a’m gun robh sin gam chumail-sa a’ dol bhon cha robh càil eile a’ dèanamh ciall aig an àm – bha a h-uile càil buileach a-mach à rian. Ach bhon uair sin tha mise air a bhith a’ faighinn faireachdainn làidir gu bheil cùisean glè mhath. Saoilidh mi gur e Dia a tha a’ toirt dhomh cofhurtachd ann a bhith a’ faireachdainn gu bheil rudan sìmplidh cho math, mar bheil fios agad, a bhith a’ fuireach far a bheil sinn a’ fuireach, dachaigh cho math ’s daoine cho math timcheall oirnn. Saoilidh mise anns an dòigh sin gu bheil Dia gar cuideachadh. Chan eil sinn feumach air càil. Tha sinn air faighinn air adhart ann an iomadach dòigh. Chan eil Alasdair ann mar a bha dùil againn ach saoilidh mi gu bheil sinn air a bhith a’ faighinn taic ann an dòighean eile air sgàth mar a thachair. Cuideachd tha mi a’ faireachdainn bho tha bliadhnaichean air a dhol seachad bho thachair an tubaist, ’s dòcha gun robh E airson eisimpleir air choreigin a shealltainn, bheil fhios agad, an dùil gu bheil feum aig rudan mar seo tachairt airson toirt air daoine dùsgadh ’s faicinn, uill, chan eil e gu bhith mar a tha thusa ag iarraidh fad na tìde agus feumaidh tu dìreach gabhail ris agus leantainn ort agus mar sin tha e air a bhith na leasan – leasan gu math cruaidh, feumaidh mi ag ràdh – ach uaireannan bidh mi cantainn rium fhèin “uill ’s dòcha, bha Alasdair ann is abair gun robh sinn toilichte airson an tàm a bha e ann agus ’s dòcha gun robh seo doirbh leantainn le ar beatha, an ùine a bha esan còmhla rinn. Nuair a smaoinicheas mi air a h-uile càil còmhla, saoilidh mi gu bheilmise air fàs nas dlùithe ri Dia agus nas fhaisge, agus nas tuigseach ’s dòcha gu bheil iomadach rud na do bheatha ach gu bheil sinn gu lèir air slighe gun an aon dheireadh, gum bi rudan gu lèir ag oibreachadh airson math, às bith de tha a’ tachairt agus tha Dia a’ cantainn sin rinn - às bith dè tha a’ tachairt, ged a bhios e dona, ’eil fhios agad, gun tig math às ann an dòigh air choreigin. Agus chan fheum sinne fhaicinn. Chan eil mi ag ràdh gu bheil sinne a’ dol ga fhaicinn. Saoilidh mi gu bheil, gu ìre, ’eil fios, ’s dòcha gu bheil sinne ga fhaicinn air sgàth, ’eil fios agad, tha sinn air faighinn air adhart agus, ’eil fhios agad, tha Dia air a bhith a’ coimhead às ar dèidh ’s tha sinn slàn fallain fhathast co-dhiù, agus mar sin air adhart, ach nuair a tha cùisean a’ dol a-mach à rian, gun tig e ceart, ’eil fhios agad. Cha do thuig mi? mar a bha ach ’s dòcha gu ìre eile, chànainn-sa gun tig a h-uile càil ri chèile ma tha thu gu bhith dha-rìribh a’ dol a chur do chreideimh ann an Dia agus san t-saoghal mar a tha Dia ga iarraidh.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!