FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A capitalistic wind from the south Gaoth chalpach bho dheas

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Gaoth chalpach bho dheas

[Dòmhnall] Bha dà rud gu sònraichte a dhìth air Johnson fhèin – talamh fhaighinn agus daoine a stèidheachadh air an talamh sin. Bha seachd ceud mìle acair-fearainn aige nach do chuir duine làmh air a-riamh, an aon mheud ris na h-Eileanan Siar air fad. Dè a b’ fheàrr na a thoirt do dhaoine a bheireadh dha an t-urram a bha a dhìth air ’s a chitheadh e mar nàdar de cheann-cinnidh – na Gàidheil a bha a-nise gam pàigheadh dheth às na rèisimeidean.

[Dòmhnall] Ann an seachd deug trì fichead ’s a trì fhuair trì ceud oifigear ’s saighdear Gàidhealach fearann ann an sgìre Mhohawk bho Johnson. Cha b’ fhada gun deigheadh coimhearsnachd Ghàidhealach à Mhohawk am meud gu mòr le tuilleadh Ghàidheil a’ tighinn dìreach à Alba.

[Dòmhnall] Ann an Alba fhèin bha gaoth fhuar bho dheas a’ sèideadh tro ghlinn ’s tro mhonaidhean na Gàidhealtachd. Thug i leatha modhan ùra bho thaobh a-muigh ’s gu h-àraidh nòsan ùra calpach na Roinn Eòrpa. Bha an t-seann choimhearsnachd a bh’ air dìon ’s glèidheadh a chur air an t-sluagh far linntean ag atharrachadh gu mòr.

[Crisdean] Tha na màil a’ dol suas gu h-uabhasach. Bha feum aig na cinn-cinnidh air airgead airson, fhios agad, mar a bha iad shìos anns a’ cheann a deas – leòm, aodaichean leòmach, taighean mòra ann an Lunnainn ’s ann an Glaschu ’s ann an àiteachan ’s mar sin bha feum aca air airgead agus b’ e a’ chiad ràmh a rinn iad na màil aig an luchd-taca a chur suas gus mu dheireadh nach b’ urrainn do thòrr dhen luchd-taca sin a phàigheadh. Mar a bha na màil acasan a’ dol suas, can chaidh iad suas còig uimhir ann an Gleanna Garradh, mar sin dh’fheumadh iadsan na màil ’s na rudan beaga a bha càch a’ toirt dhaibh, an sluagh fhèin a’ toirt dhaibhsan, dh’fheumadh sin a dhol suas. Bha gu leòr den luchd-taca, eil fhios agad, nach robh airson sin a dhèanamh air an t-sluagh ann agus chuir sin tòrr dhiubh a-mach, ach anns an fharsaingeachd agus air feadh na Gàidhealtachd air fad cha b’ urrainn dhaibh na bha seo de mhàl a phàigheadh. Cha robh an t-airgead ann.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!