FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Important exams Deuchainnean mòra

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Deuchainnean mòra

[Preseantair] Tha deireadh a’ chiad semester a’ teannadh faisg agus chan fhada gus am bi a’ chiad deuchainnean mòra aig na balaich.

[Preseantair] Ach air an deireadh-sheachdain seo tha Pol a’ cur nan leabhraichean gu aon taobh. Tha a bhean Amanda agus an nighean aca Màiri Belle a bhos às na Hearadh - cothrom ùine phrìseil a chur seachad còmhla.

[Amanda] Tha e a’ dèanamh glè mhath leis fhèin. Bha fhios a’m gum biodh e glè mhath co-dhiù, tha e a' cumail an àite glan agus mar sin 's tha e a' dèanamh beagan bidhe agus nuair a bha mi fhèin shìos an trup mu dheireadh rinn mi biadh dha agus chaidh e dhan freezer 's bha sin ga chumail a’ dol airson greiseag cuideachd ach oh tha e a' cumail an àite gu math glan.

[Pòl] Bha mi a’ glanadh às mo chiall air Diardaoin mus tàinig i 's an uair sin, nuair a thàinig i bha i a' coiseachd timcheall 's bha i a' toirt sùil air a h-uile càil 's cha robh i ag ràdh mòran 's an uair sin dhùin i doras an living room agus tha doras an living room agam an-còmhnaidh fosgailte agus air cùl doras an living room, tiùrr mòr dust. Dè thuirt i? Ò, tha thu air am pìos seo a mhiseagadh. so obviously chan eil mi a’ dèanamh a h-uile càil perfect ach fuirich gus an tig thusa, bidh a h-uile càil perfect an uair sin.

[Pòl] Tha e dìreach math a bhith air ais còmhla ri chèile. Chan eil sinn really a’ dèanamh càil mar sin ach a bhith còmhla ri chèile timcheall an taighe. Tha ise sna bùithtean a’ dèanamh Christmas shopping agus mar sin air adhart so bha sinn a-staigh am baile an-dè. Tha sinn an-diugh, tha sinn dol a-mach gu Lìte gu Ocean Terminal. Tha bùthan a-muigh an sin cuideachd agus an uair sin tha sinn a’ dol a-steach dhan bhaile ….tha dhà no trì dhaoine againne ri choinneachadh cuideachd so tha e glè mhath, math a bhith air ais còmhla ri chèile 's an tè bheag fhaicinn a-rithist cuideachd.

[Preseantair] Ach cho tlachdmhor ‘s a tha e gu bheil Amanda agus Màiri-Belle a bhos air an deireadh sheachdain-sa chan eil na deuchainnean aig àm Nollaig fada bho inntinn Phòil.

[Pòl] Ag innse na fìrinn, tha mi air tòrr obrach a dhèanamh son a' Ghreugais ach airson an Old Testament agus church history , cha chanainn gu bheil mi air chùl idir leis ach tha mi a' faireachdainn 's dòcha gu bheil tòrr agam ri dhèanamh, tòrr agam ri ionnsachadh. Chan eil sinn air tòrr fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn dè tha gu bhith againn anns na deuchainnean. Tha mi a’ smaoineachadh gum faigh sinn sin an t-seachdain-sa tighinn. So tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi tha seo suas, gum bi mi gu math trang dìreach a' coimhead air dè na tha gu bhith agam ri thighinn 's ag ionnsachadh 's dìreach a’ dèanamh cinnteach gu bheil mi ann an suidheachadh math an uair sin airson na ceistean a fhreagairt agus 's dòcha mark glè mhath anns na deuchainnean a tha seo.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!