FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s chocolate chip cookies Na briosgaidean sgealban-teòclaid aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na briosgaidean sgealban-teòclaid aig Màiri

[Màiri] A-nis, tha mi a' dol a bhualadh ceithir unnsaichean ìme agus tri unnsaichean siùcair ruadh agus an lùib sin, sia unnsaichean flùir self-raising , ceithir unnsaichean chocolate chips, dà spainn mhòr sioraip agus dà spàinn mhòr bainne. 'S e seo a tha furasata oir tha thu a’ cur a h-uile sìon còmhla - an t-ìm 's an siùcar.

[Màiri] Tha dà phana agam an seo agus grìseach beag air. Nise, cha toigh leam briosgaidean ro mhòr ach a rèir ciamar a tha sibh gan iarraidh, 's e sin an dèanamh mar a thogras sibh. Agus cò leis nach toigh l' chocolate chip cookie? Nis, cha chuir mi cus air gach trèidh orra, 's àbhaist dhaibh fàs gu math mòr. Nì sia air gach trèidh an gnothach.

[Màiri] A-nis san àmhainn aig ceud gu leth airson 's dòcha deich mionaidean, dusan mionaid.

[Màiri] A-nis bidh iad gu math bog ma thig iad às an àmhainn ach cruathaichidh iad. Tha mi dìreach a'dol a leigeil leotha fuarachadh an-dràsta agus tha iad a' coimhead math ge-tà, a bhith a' fàs ruadh gun a bhith ro dhorcha.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!