FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new series of Aibisidh Sreath ùr Aibisidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Sreath ùr Aibisidh

[Ùisdean] Fàilte oirbh gu sreath ùr Aibisidh far am bi mise, Ùisdean MacIllFhinnein, agus dà sgioba de dh’eòlaichean, no co-dhiù duine no dithis aig nach robh an còrr ri dhèanamh, ri beagan spòrs agus fealla-dhà am measg fhaclan agus abairtean na Gàidhlig. Tha iad uile an seo agus Dwelly fon achlais, agus am Faclair Beag, agus Faclair na Pàrlamaid, agus uill tha fhios agaibh fhèin gu bheil barrachd air aon fhaclair ann agus feumar sin innse dhuibh. Dh’fhaodadh nach bi mi fhìn no iad fhèin no gu dearbh sibh fhèin càil nas foghlamaichte aig deireadh an t-sreath a tha seo ach tha sinn an dòchas gun toir sinn gàire oirbh agus gun glac sibh facal no abairt no fiosrachadh às ùr as an dol seachad.

[Ùisdean] Gu na sgiobaidhean ma-thà ’s air mo làimh chlì an sgiobair Iain MacIlleMhìcheil agus ’s iomadh duine ainmeil a tha air tighinn a-mach à Eilean Ìle.

[Iain] Tha.

[Ùisdean] Ach a rèir càite an lorg sibh am fiosrachadh a tha sin, chan eil Iain bochd nam measg. Tha an aon sheacaid air Iain a-nochd ge-tà ’s a bh’ air nuair a bha e air a’ chiad ruith de dh’Aibisidh bliadhnaichean mòra air ais.

[Iain] Tapadh leat airson sin! Bha dùil ’m gun robh do fhradharc dona ach cha robh mi buileach den bheachd gun dèanadh tu dubh de ghlas!

[Ùisdean] A’ chiad cheist, Iain, ciamar a chòrd Aibisidh riut a’ chiad turas?

[Iain] Uill tha mi air mo chlisgeadh nach eil thu ag aithneachadh sin bhon dealbh. Bha mi air mo chlisgeadh, bha an t-eagal orm. A’ chiad turas a bha mi riamh ann an stiùidio telebhisein.

[Ùisdean] Bheir sinn dhut comharra airson sin fhèin.

[Iain] Agus tha sibh gu math mì-mhodhail a’ cur an leithid an-àird, tha mise a’ smaointinn.

[Ùisdean] Uill còmhla ri Iain an turas seo, ged nach eil sin na annas mar a bhios fhios aig iomadach neach a tha a’ coimhead seo, Cairistiona NicAoidh no Neen mar as fheàrr a dh’aithnichear i. ’S e glè bheag a thig air Aibisidh as urrainn a ràdh gun robh Ted Heath uabhasach dèidheil air an lasagne aice. Tha mi ’n dòchas gun tuig sibh gur e Ted Heath am Prìomhaire a tha sin seach fear dhen aon ainm a b’ aithne dhomh fhìn às an Òban. Na h-òige ’s e fìor ghroupie a bh’ innte a’ siubhal nan sitigean a dh’fhaicinn còmhlan an leithid Iron Maiden, Whitesnake, Calum Kennedy, Van Morrison agus eile agus a’ faighinn backstage gus coinneachadh riutha. Tha fàilte ort, Neen.

[Neen] Abair eachdraidh. Chan eil fhios a’m, cha mhòr gu bheil mi gam aithneachadh fhìn.

[Iain] Agus chan eil sin ach an d’ anail fhèin?

[Neen] Ach bha mi ga do chreidsinn mu dheidhinn na seacaid. Tha fàileadh na mothballs thall an seo a tha deamhnaidh.

[Ùisdean] Gu sealladh ormsa! Uill, ’s fheàrr dhuinn gluasad ma-thà. Agus air mo làimh dheis, Màiri Anna NicDhòmhnaill. Chan eil cus ann an saoghal na Gàidhlig a th’ air uimhir de dh’obair a dhèanamh ann an saoghal nam faclan ri Màiri Anna. Tha i air a bhith a’ cnuasachadh agus a’ cagnadh fhaclan fad a beatha eadar a bhith ag obair aig a’ BhBC gu bhith na sgrìobhaiche leabhraichean do chloinn agus do dh’inbhich. Tha ceangal mòr aice ri cha mhòr a h-uile eilean deas air Na Hearadh ach ’s ann ann am Beàrnaraigh a tha an teadhaire a bhith airson faisg air dà fhichead bliadhna. Tha sinn air udalan ùr a chur oirre a-nochd gus nach teich i agus nach cuir i cus thoinneamhan dhan roth. Tha fàilte ort, a Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] Uill tapadh leatsa, tha mi a’ smaoineachadh!

[Ùisdean] Uill tha mi a’ smaoineachadh gun robh tomhas dhen fhìrinn an sin ach ’s fheàrr dhuinn coimhead air Màiri Anna ann an seagh eile.

[Iain] Tha sealladh aice ri Iris Murdoch òg, nach eil? Tha.

[Màiri Anna] Tha mi toilichte gun tuirt thu òg ’s nach ann sean!

[Neen] Downtown Abbey.

[Iain] Gu dearbh.

[Ùisdean] Uill, a bheil sin a’ dèanamh feum dhut, a Mhàiri Anna?

[Màiri Anna] Tha e a’ cur eagal orm. Cà d’ fhuair thu siud?

[Ùisdean] Còmhla ri Màiri Anna airson taic a chumail rithe ’s cha deach i ach sgrìob a Sgalpaigh a lorg an fhir seo, Tormod MacLeòid. Tormod Federer mar a th’ againn air. Eòlaiche teanas Radio nan Gàidheal. Tha e air an stannadan agus an racket a cheannach airson na h-aibisidh a tha seo agus ’s e a bhios a’ leum seachad air a’ mheadhan a chur meal-a-naidheachd air MacIlleMhìcheil ma ghleidheas e fhèin agus Màiri Anna. Tha Tormod air a bhith an sàs ann an saoghal an telebhisein o chionn fhada. Tha e coltach gun tuirt Lorraine Kelly, ge b’ i cò ise, gun robh e “ridiculously handsome”.

[Tormod] Càil a theansa, a Mhàiri Anna?

[Ùisdean] A bheil thu a’ tighinn beò air an sin fhathast, a Thormoid?

[Tormod] Uill cha do choinnich i a-riamh rium agus mar sin ’s dòcha dìreach gu bheil beachd aice. Fàgaidh sinn aig an sin e.

[Ùisdean] Agus a bheil thu fhathast a’ tighinn beò air buntàta ’s sgadan?

[Tormod] Dha-rìribh! Chan eil am bet air.

[Ùisdean] Uill tha e a’ dèanamh feum dhut. Tha e a’ dèanamh feum dhut, sin a chanainn.

[Tormod] Seall mo chraiceann.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!