FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Support in the army Taic san airm

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Taic san airm

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] Rugadh mi is thogadh mi ann an Tobar Mhoire agus bha sinn a’ dol don Eaglais Shaoir Aonaichte. Nuair a tha thu a’ dol nad oileanach tha thu a’ dol air falbh bhon chreideamh a tha sin agus ’s e sin a thachair rium-sa aig an àm sin. Ach an dèidh sin, chaidh mi a-staigh don airm agus nuair a bha mi san airm, bha mi a’ dol thall ’s a-bhos, agus bha mòran rudan a’ dol air aghaidh feadhainn dhiubh a bha caran cunnartach. Bha latha ann a thuirt mi rium fhèin cha robh mi a’ faicinn ciallachadh idir anns an t-saoghal gun Dia. Chunnaic mi gun robh taic ann an creideamh, mar sin agus dh’ fhàs an creideamh agam gu sònraichte nuair a bha mi ann an àiteachan iomallach no uaigneachd, tha fhios a’d, far an robh mi, mar eisimpleir, bha mi ann an Ameireaga a Deas ann an British Ghana agus bha an t-ionad agam dìreach anns an Jungle. Bha hut ann an sin agus bha sagart Anglicanach an sin, agus bhiodh mi a’ dol do na seirbheisean a bha sin. Bha mi a’ faicinn gun robh, tha fhios a’d, bha an altair daonnan cho glan agus brèideach ghlan air agus bha na coinnlean ann agus bhiodh flùraichean mu chuairt. Agus bha e a’ còrdadh rium a’ faicinn gun robh iad ag ùisneachadh agus a’ cleachdadh liotuirge. Bhon bha e na thaic dhomh agus bha an ceòl a bh’ aca a’ còrdadh rium agus rud a bha sònraichte math air mo shon-sa, ‘s e gun robh an comanachadh aca a h-uile seachdain agus tha mise a’ smaoineachadh gur e rud cudromach agus car làidir a tha sin son creideamh oir tha thu a’ faotainn taic bho Shlànaighear, ge brigh càit an robh mi, bha mi a’ dol don Eaglais Anglicanach agus thòisich mi a’ seinn anns na còisirean ciùil agus bha sin a’ còrdadh rium cuideachd agus tha mi a’ dèanamh an aon rud anns an Àrd-Eaglais Easbaigeach a th’ againne anns an Òban.

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] Nuair a bha mi san airm, corra uair, bha mo chreideamh doirbh a chumail, bhon bha mi a’ faicinn rudan a bha a’ dol air aghaidh san t-saoghal agus a’ faicinn olc, gu sònraichte nuair a bha mi a-mach ann an Iorac aig deireadh Cogadh a’ Chamais agus bha sinn shuas anns na monaidhean a’ toirt nan Kurdach sìos agus gan cur air ais do na bailtean beaga às an tàinig iad. Theich iad à Saddam Hussain. B’ urrainn dhut smaoineachadh dhut fhèin “Uill, ma tha Dia ann ciamar a tha an rud seo, an seòrsa rud seo a’ tachairt?”. Ach tha thu a’ smaoineachadh sin, chan e Dia a rinn seo ach na daoine agus bha e math air ar son san airm a bhith a-mach à sin bhon bha sinn gam biathadh, bha sinn a’ toirt aodach dhaibh, bha sinn a’ toirt uisge glan dhaibh. Agus tha cuimhne agam uair, bha sinn shuas anns na monaidhean ann an Iorac a Tuath agus bha a’ ghrian dìreach ag èirigh. Agus bha sinn an siud air ar glùinean anns a’ ghainmhich agus bha bòrd aig an sagart an sin agus bha brèideach air choireigin air. Agus tha cuimhne agam a’ ghrian dìreach a’ tighinn suas air a chùlaibh agus am brosnachadh agus an taic a bh’ againne dìreach a’ cur ar làmhan mar sin agus a’ faotainn an arain agus a’ faotainn Dia ar fìon, mar sin, bha thu a’ siubhal thall ‘s a-bhos agus bha do bheatha ag atharrachadh fad na h-ùine agus an aon rud a bha a’ ruith romhainn coltach ri abhainn ’s e mo chreideamh agus an adhradh a bha sinn a’ dèanamh a h-uile Là na Sàbaid. Bha sin a’ toirt seòrsa de chiallachadh do bheatha aig an àm sin. Seo agad guidhe. Tha sinn a’ guidheachan anns an Eaglais Easbaigeach airson breith ar Tighearna no Là breith Chriosd.

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] A Dhè uile-chumhachdaich,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] a thug dhuinn d'aon-ghin Mhic a ghabhail ar nàdair air fèin,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] agus mar aig an àm so gu bhith air a bhreith le Oigh fhìorghloin;

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] Deònach air dhuinn a bhith ath-ghinte,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] agus air ar dèanamh nar cloinn dhut fèin le uchd-mhacachd agus le gràs,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] gum bi sinn gu làitheil air ar n-ath-nuadhachadh led Spiorad naomh,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] trìd an nì cheudna ar Tighearna Iosa Criosd a tha beò agus a' riaghladh maille riutsa,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] agus ris an Spiorad cheudna,

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] aon Dia gu sìor, saoghal gun chrìoch.

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] Amen.

[Am Brigadier Iain Mac Phàrlain] Agus tha mise a’ smaoineachadh gur e seo guidhe agus ùrnaigh cho brèagha ‘sa ghabhas son Lè Breith ar Tighearna.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!