FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Nice clothes Aodach snog

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Aodach snog

Eilidh NicLeòid] Bha uair eile ann 's ma bha thu a’ sireadh carbhaidh no bràmair, dh’ fheumainn a bhith air do dheagh phonaigeadh g’ e bith cà’ an tèid thu.

[Eilidh NicLeòid] B’ e an fhaing àite cho math ‘s a bh’ ann airson coinneachadh ri fir òga.

[Eilidh NicLeòid] Bhiodh na caileagan air an sgeadachadh anns an aodach a bu shnasaile a bh’ aca – am polcan-fainge mar a theireadh iad ris. Agus iad an dùil, sùil nam balach a ghlacadh.

[Eilidh NicLeòid] Agus nam faiceadh tu tè eile le aodach snog aig àm sam bith eile, chanadh tu “tha i na polcan-fainge” a’ ciallachadh gun robh i san èideadh a b’ fheàrr a bh’ aice no gun robh i a’ sireadh bràmair.

[Eilidh NicLeòid] Hmm, cha mhòr a b’ fheàirrde mise am pholcan-faing a chur orm. ‘S beag feum a rinn e dhomh. Bhiodh iad a’ dol.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!