FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meet Aideen Coinnich ri Aideen

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Coinnich ri Aideen

[Anna NicLeòid] Còmhla rium a-nochd ban-Èireannach, a phòs Albannach, a chuir bliadhnaichean seachad anns an Eadailt ’s tha an-diugh a’ fuireach an Dùn Èideann, ‘s ise Aideen O’ Malley. Fàilte chun a’ phrògraim, Aideen.

[Aideen O’ Malley] Tapadh leat, Anna.

[Anna NicLeòid] Agus còmhla rithe-se, an t-Urramach Iain Urchardan, a chaidh a thogail anns na Hearadh. ’S e craoladair a th’ ann a fhuair foghlam ealain mus deach e an uair sin gu bhith na mhinistear, agus tha e an-diugh a’ teannadh ri sgrìobhadh cuideachd. Fàilte ort-sa, Iain.

[An t-Urramach Iain Urchardan] Sin thu, Anna.

[Anna NicLeòid] Agus a bharrachd air a bhith bruidhinn air an taghadh leabhraichean aca tha iad air aon dhiubh sin a mholadh dha càch a chèile airson a leughadh - ’s gheibh sinn a-mach nas fhaide air adhart co-dhiù a chòrd iad riutha no nach do chòrd!

[Anna NicLeòid] Aideen an toiseach, beagan mu do dheidhinn fhèin. Ban-Èireannach, thogadh tu ann am Baile Àtha Cliath. Dè seòrsa saoghail a bh’ agadsa ’s tu ag èirigh suas?

[Aideen O’ Malley] Dh’fhàs mi suas ann an teaghlach mòr ann am pàirt de Bhaile Àtha Cliath far an robh deich teaghlaichean de chàirdean agam anns an aon sgìre. Bha sinn uile eòlach air a chèile. Agus bha sinn nar sianar san teaghlach, còig caileagan agus aon bhràthair.

[Anna NicLeòid] Aon bhalach am measg clann nighean – balach bochd.

[Aideen O’ Malley] Agus bha m’ athair na fhear-lagha, so bha leabhraichean gu math cudromach dhuinne. Bha facal, facal-sgrìobhte gu h-àiridh, gu math cudromach dhuinn. Bha an taigh againne làn leabhraichean.

[Anna NicLeòid] ’S chaidh d’ athair an uair sin gu bhith na bhritheamh. Dè bha sin a’ ciallachadh dhuibhse mar theaghlach?

[Aideen O’ Malley] Bha e a’ ciallachadh barrachd airgid. Ged a bha caitheamh-beatha againne, dh’fhaodadh tu a ràdh, aig ìre àraid, bha sinn a-riamh uabhasach gann de dh’airgead. Is tha sin a’ tighinn am bàrr ann an leabhraichean a tha mi gu bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn a-nochd.

[Anna NicLeòid] Ach bha e a’ ciallachadh cuideachd gun robh e air falbh tòrr dhen ùine.

[Aideen O’ Malley] Bhiodh e a’ siubhail tòrr. Bhiodh e falbh feasgar Diluain, ’s bhiodh e a’ tilleadh dhachaigh feasgar Dihaoine, so fad mo bheatha, ’s mi òg, cha robh m’ athair ann dàrna leth dhen t-seachdain.

[Anna NicLeòid] Dè na cur-seachadan a bh’ agad? Dè bhiodh tu a’ dèanamh?

[Aideen O’ Malley] Uill, nuair a bha mise beag, bhithinn a’ cluich a-muigh tòrr air an t-sràid. Cha bhi clann a’ dèanamh siud ’s an latha an-diugh, a’ coiseachd tro bhaile ’s chan fhaic thu leanabh, an dà rud ann am Milan, no ann an Lunnainn, no ann an Dùn Èideann cuideachd. ’S tha mi a’ gabhail iongnadh, bha sinne a’ cur seachad ar beatha a’ cluich a-muigh.

[Anna NicLeòid] Am biodh tu a’ dèanamh tòrr leughaidh?

[Aideen O’ Malley] Bhithinn a-staigh a’ leughadh, mo shròn ann an leabhar fad na h-ùine, ’s bhiodh mo mhàthair ag iarraidh mo shealladh a-mach on doras, ach bha mi a’ hoovereigeadh suas nan leabhraichean ‘s mi beag.

[Anna NicLeòid] ‘S mar sin dheth, a’ chiad leabhar a tha thu air roghnachadh, a thoirt a-steach thugainn a-nochd, ‘s e sgeulachd a tha sin, nobhail a tha a’ dol air ais gu làithean d’ òige. Dè th’ ann? Nach innse dhuinn dè th’ ann?

[Aideen O’ Malley] ‘S e leabhar a tha seo Ballet Shoes aig Noel Streatfield agus sin an leabhar a bu mhotha a bha a’ còrdadh rium, ‘s mi a’ fàs suas. Anns an stòiridh sin, tha teaghlach ann, a’ caitheamh beatha aig ìre àraid ann an Kensington ann an Lunnainn agus triùir, trì caileagan beaga a chaidh adoptadh agus tha iad gan cur dhachaigh far am bi iad fo chùram a’ bhoireannaich a tha seo, tha uncail aice air a bhith a’ siubhal ann an t-saoghail, ’s tha i a’ cur clann-nighean dhachaigh – tha i annasach. Bidh iad a’ faighinn babies ann an siud ’s an seo ’s gan cur dhachaigh agus bidh an tè seo a’ coimhead às an dèidh agus gun nàire gan togail. Agus tha an stòiridh seo mu dheidhinn mar a tha iad a’ fàs uabhasach fhèin gann de dh’airgead, mar a thuirt mi a’ caitheamh-beatha aig ìre àraid. Tha iad uabhasach fhèin gann de dh’airgead ach fhathast tha còcaire agus maid agus nanny aca a-staigh.

[Anna NicLeòid] Agus ri linn sin, tha uallach a’ tighinn air a’ chloinn.

[Aideen O’ Malley] Air a’ chloinn. Sin an rud a bha a’ còrdadh rium cho mòr. ‘S e leabhar uabhasach realistic a th’ ann mu dheidhinn dè tha e a’ ciallachadh do theaghlach a bhith gann de dh’airgead. Bha am biadh aca a’ fàs nas sìmplidh. Chan urrainn dhaibh aodach ùr a cheannach. Agus b’ fheudar dha na caileagan gabhail a-mach an ceann an cosnaidh air an stèidse, a’ dannsa agus ag actadh air an stèidse. Tha tarraing mòr ann an siud do nighean òg.

[Anna NicLeòid]An robh tarraing ann dhut fhèin? An robh thusa a’ coimhead saoghal mar sin dhut fhèin?

[Aideen O’ Malley] Uill, cha robh really ach bha ùidh mhòr agam anns an t-saoghal sin aig an àm. Ach an tè anns a’ mheadhan anns an triùir seo, Petrova, an tè a bu mhotha a bha mise a’ faireachdainn coltach rithe, bha ise ag iarraidh a bhith na paidhleat agus sin am ambition a bh’ agamsa cuideachd ‘s mi a’ fàs suas.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!