FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The exams Na deuchainnean

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na deuchainnean

[Tidsear] This is from Deuteronomy 15 the passage on the Sabbatical year.

[Presenter] Tha a’ chiad semester aig na h-oileanaich a’ tighinn gu crìch agus tha an dùbhlan as motha romhpa fhathast. Na deuchainnean.

[Iain] Tha an ùpraid seo ag innis dhuibh gu bheil mi ‘revising’ no ‘panicking’. Na trì deuchainnean, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad uile air an aon ràmh. Chan eil mi a’ coimhead air adhart ri gin aca. Tha còrr is deich bliadhna fichead bho rinn mise a’ chiad ‘degree’ agam agus tha ‘revising’ agus a’ faighinn a h-uile càil air a ‘ storeigeadh’ na mo cheann, tha tòrr obrach an lùib seo. Ann an 1980 chaidh mi gu Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn-Èidinn agus rinn mi a’ chiad degree agam ann an sin, ‘teaching qualifications’, is tha mi an dèidh ‘master degree’ a dhèanamh air muin sin agus ‘s iomadh rud eile a tha mi air a dhèanamh. Ach cha do rinn mi càil na mo bheatha a tha cho cudromach ri seo. Ged nach e seo fhathast am ministrealachd an ‘ degree’ a tha seo, ‘s ann air an rathad chun na ministrealachd a tha e is tha sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhomh a bhith ag obair cho cruaidh ri seo, ‘s a b’urrainn dhomh, ach it’s just another step on the road.

[Pòl] Tha mi an dràsta ag obair, a’ dèanamh, a’ dol thairis air na notes agam airson An Seann-Tiomnadh. Tha exam gu bhith againn Dimàirt ‘s e tha mi a’ dèanamh, tha notes agam air a’ sgrìobhadh, notes a ghabh mi anns a’ chlas, agus tha mi gan cur air a’ choimpiutair. Tha e tòrr nas fhasa an leughadh air a’ choimpiutair na bhiodh a’ leughadh nan notes agam fhèin. Seo a’ chiad deuchainn ceart a th’ air a bhith againn, is tha trì againn an-dràsta, a’ chiad fhear againn air Dimàirt air an t-Seann Tiomnadh, is bidh fear agam an uair sin Dihaoine às dèidh sin anns a’ Ghreugais agus an deuchainn mu dheireadh a th’ againn ‘s e church history a th’ ann. Bha daoine agam a’ fuireach còmhla rium aig an weekend is chuir sin air ais mi beagan. Bidh mise a’ faireachdainn, aye bidh mi a’ faireachdainn am pressure, cha bhi an-dràsta agus cha chreid mi gum bi gu Dimàirt fhèin, madainn Dimàirt tha mi a’ smaoineachadh gum bi mi ga fhaireachdainn beagan an uair sin.

[Presenter] Madainn a’ chiad dheuchainn san t-Seann Tiomnadh. Ach a bheil na balaich deiseil?

[Pòl] Rudeigin nervous, b’ fhèarr leam gun robh barrachd tìde air a bhith agam airson barrachd obair a dhèanamh, bha mise aig an taigh air an weekend is chàill mi beagan tìde.

[Iain] Rinn mi tòrr leughaidh, rinn mi tòrr rannsachaidh, rinn mi tòrr sgrìobhaidh ach tha rud nach eil anns a’ cheann cha tèid a chur ann, chì sinn.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!