FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Isobel Graham's pancakes Na Foileagan aig Iseabail Ghreumach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na Foileagan aig Iseabail Ghreumach

[Iseabail] Pancakes no dropscones, againn ’s e napancakes an fheadhainn as fhlata ach na dropscones ’s e an fheadhainn a bhios gu math tiugh a bhios mise a’ dèanamh. Gu math tiugh an fheadhainn. Ceithir uighean. Agus an uair sin cupa siùcair.

[Màiri] Chan eil sibhse a’ tomhas sìon, ’s e dìreach a’ cleachdadh cupa.

[Iseabail] Cha bhi mi a’ tomhas, uill even ag ùisigeadh chupannan an àite a bhith ag ùisigeadh chupannan nas motha ’s chan eil fhios a’m am bi e nas fheàrr le cupannan ùisigeadh. So an uair sin a’ mixeadh, mix thu na h-uighean agus an siùcar gus an tig e, can, double an size. Bidh e gu math tiugh. Èirigh e suas. Bidh e gu math àrd. An uair sin a’ cur spàin sioraip na lùib.

[Màiri] Agus an rachadh e ceàrr nam fàgadh tu e a’ dol timcheall ro fhada?

[Iseabail] Tha iad a’ dol ceàrr ma tha thu gam fàgail airson deich mionaidean.

[Iseabail] Tha mi a’ dol ga stad an-dràsta ’s tha mi a’ cur ann cupa bainne. ’S dòcha gun cuir mi ann cupa agus beagan eile ’s ann airson mu leth-phinnt a tha mi ag iarraidh.

[Màiri] Dè na chuir sibh ann de shiorap?

[Iseabail] Mar gum biodh spàin, aon spàin airson sioraip. Ach a-nis tha mi a’ dol a chur ann a’ mhin ach bidh fhios a’m fhìn dè mixture a tha mi ag iarraidh so cha leig mi leas a thomhas. Ok so dòrtaidh mi ann, can, ’s dòcha mu dhà chupa, chanainn, ach cuiridh mi ann aon chupa an-dràsta ’s mixidh mi suas e.

[Iseabail] Bidh e gu math tiugh. ’S dòcha even beagan nas tighe na siud.

[Iseabail] Feuchaidh mi dè cho tiugh ’s a tha e a-nis. Tha e dìreach feumach air rud beag eile de dh’fhlùr so cuiridh sinn ann mu leth-chupa.

[Iseabail] Tha an gille agamsa, ’s toigh leis-san a bhith a’ còcaireachd.

[Màiri] Dè seòrsa rud?

[Iseabail] ’S e biadh as toigh leis. Chan e cèicean idir.

[Màiri] Tha mi cinnteach gun robh e eòlach gu leòr air fhaicinn.

[Iseabail] Bha esan daonnan a-muigh. ’S ann a’ serveadh sa restuarant a bha e.

[Màiri] Am bi e a’ dèanamh rudan a chunnaic e sibhse a’ dèanamh?

[Iseabail] Bidh, uh huh. Right seo a-nis, feumaidh sinn na pancakes a bhruich air a’ ghriodail. Bhiodh na cailleachan, nuair a bha iad a’ feuchainn dè cho teth ’s a bha an griodail bhiodh iad a’ tilgeil smugaid air a’ ghriodail ’s nan leumadh an smugaid bhon ghriodail bha e teth gu leòr.

[Màiri] Na dèan sin an-diugh idir!

[Iseabail] Chan fheuch mi idir e. Tha mi a’ smaointinn gu bheil e teth gu leòr. Canaidh sinn gu bheil co-dhiù. So dìreach làn spàin air a’ ghriodail. Sin agad e.

[Màiri] Agus an griodail, chanainn gu bheil i gu math sean.

[Iseabail] Ò tha, tha i sean. Aig mo mhàthair a bha i agus bha mise ga h-ùisigeadh airson tri fhichead bliadhna a-nisagus chan eil fhios a’m cò às a fhuair i e ach tha i uabhasach fhèin math airson gabhaidh i tòrr phancakes a chur air aig an aon uair.

[Màiri] A-rithist, am bi sibh a’ dèanamh pancakes mar phuddings san taigh-òsta? Am bi sibh a’ dèanamh seo gu tric?

[Iseabail] Ò b’ àbhaist dhomh a bhith a’ dèanamh pancakes gu math tric ach,

[Màiri] Dè seòrsa rudan a bhiodh sibh a’ dèanamh leotha?

[Iseabail] Uill dh’fhaodadh tu ice cream pancakes, caramel sauce, banana ’s caramel sauce cuideachd. Agus chì thu nuair a tha iad gus a bhith bruich. Chì thu na bubbles a’ tighinn suas agus iad a’ tòiseachadh air burstadh agus tha am fear seo deiseil. Seall sin a-nis.

[Màiri] Am feum e a bhith teth teth airson?

[Iseabail] Chan fheum, ò chan fheum. Ma tha e ro theth loisgidh iad. Dìreach aig, can dìreach.

[Màiri] Teas meadhanach?

[Iseabail] Am fear as ìsle a bhios agad. Uill tha bubbles a’ tighinn air an fhear seo so ’s dòcha gu bheil am fear seo deiseil. Tha.

[Màiri] Ò tha.

[Màiri] A’ coimhead fìor mhath.

[Iseabail] Agus tha còir aig an fhear sin a bhith deiseil. Tha. Sin agad a dhà. Agus dìreach mionaid airson an fheadhainn seo agus bidh iad deiseil cuideachd.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!