FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Explain the meaning of a word Mìnich ciall an fhacail

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Mìnich ciall an fhacail

[Ùisdean] A h-uile duine a’ faighinn facal agus tha aca ri mìneachadh no ciall an fhacail a lìbhrigeadh. Tha aonan dhe na faclan ge-tà aig gach taobh fuadain. Feumaidh gach sgioba breithneachadh orra agus tuairmse a dhèanamh. Tha cothrom aig gach sgioba an taobh eile a cheasnachadh. Sin ma leigeas mise leotha agus sgaoilidh mi na puingean mar a thogras mi fhìn. Dà phuing gu cinnteach ma nì sgioba a-mach dè an fhìrinn. Ma bhios fìrinn agaibh agus ma tha thu ceart, “hurray!” sin a chluinneas sibh. Agus mur h-eil sibh ceart “boo!”. Chan eil fhios ’m an e tarbh an AI a bha sin, Iain.

[Ùisdean] Co-dhiù, chì sinn dè thachras. Air adhart ma-thà gun chiad fhacal agus tha a’ chiad fhacal aig Iain.

[Iain] Seadh ma-thà. Uill am facal a th’ agams’, a chàirdean, ’s e “teannlaich”. Chan eil “teaghlach”, “teannlaich”. Nist, tha sin a’ ciallachadh àite a tha na rù-rà. Mar ’s dòcha, dh’fhaodadh e a bhith a-muigh no dh’fhaodadh e a bhith ’s dòcha am broinn an taighe aig Màiri Anna. Cuiridh mi geall, an tuigse seo m’ aire, gu bheil an rùm-cadail aice, cha tuirt mi gun robh mi riamh ann, na “theannlaich”. Rudan air feadh an àite, brassiere an siud ’s bròg ’s a’ fàgail a h-uile sìon às a dèidh.

[Ùisdean] Seadh, a Mhàiri Anna.

[Tormod] Tha mi a’ smaointinn gum biodh e air a losgadh…

[Iain] ’S fhad an dà latha sin.

[Màiri Anna] Tha e dìreach gam fhàgail gun bhrìgh ’s gun fhaclan!

[Ùisdean] Uill ’s e annas a tha sin fhèin, a Mhàiri Anna.

[Iain] Agus faodaidh e a bhith a-muigh. Air a’ Ghàidhealtachd tha sinn buailteach a bhith a’ fàgail seann chàraichean, ablaich de chàraichean agus tractaran agus, tha fhios agad, sgudal timcheall an àite. Sin “teannlaich”.

[Tormod] Ach am facal “teann” ge-tà, tha sin mar gum biodh nuair a tha rudeigin air a theannachadh.

[Iain] Tha sin ceart.

[Tormod] A bheil ceangal sam bith aige ris an fhacal sin? “Teann”?

[Iain] Chan eil. ’S e facal tòrr nas sine a tha seo.

[Ùisdean] Nas sine?

[Màiri Anna] Facal às Ìle?

[Iain] Uill tha e againn gun teagamh. Tha sinn ga chleachdadh. A bheil e agaibhse?

[Neen] Tha.

[Iain] Tha.

[Màiri Anna] Agus tha “teannlaich” fhèin bitheanta agad?

[Iain] Tha mi a’ creidsinn …

[Ùisdean] Tha Tormod uabhasach teagmhach.

[Tormod] Tha. Tha mi a’ smaointinn gu bheil e dìreach ro fhaisg air an fhacal “teann” agus tha sin a’ ciallachadh rud sònraichte.

[Iain] Tha. Tha sin a’ ciallachadh rud sònraichte.

[Neen] Tha e na h-aonar

[Iain] Ach uill …

[Màiri-Anna] Tha an dithis aca …

[Iain] Chan eil thu ro theann nuair a bhith sgiobalta.

[Uisdean] Uill chì sinn. Fàgaidh sinn sin an-dràsta agus bheir sinn cothrom do Neen am facal aice fhèin a chur a-mach.

[Neen] Uill ’s e am facal a th’ agams’ “brusg” agus tha “brusg” agus “brusgach”.

[Iain] An e “bruisg” a th’ agadsa? ’S e “brusg” a chanas sinne.

[Màiri Anna] ’S e Beurla a tha sin.

[Neen] Chan e. Fìor fhacal Gàidhlig a tha seo.

[Màiri Anna] Ò an e?

[Neen] Agus tha seo “brusgach” agus “brusg”.

[Iain] Bi modhail a-nis. Bi modhail.

[Neen] Tha seo a’ ciallachadh falt nach eil air a choimhead às a dhèidh ro mhath. Dh’fhaodadh tu cuideachd cleachdadh cràc ’s cràcadh mu dheidhinn falt dìreach a tha dìreach mì-rianail.

[Tormod] Agus an gabh falt a tha mar gum biodh le “brusg”, an gabh a chìreadh? An gabh rian a chur air?

[Neen] Uill chanainn gun gabhadh a chìreadh ach bhiodh e …

[Iain] Bhriseadh e a’ chìr, tha mi a’ smaoineachadh.

[Neen] Bhiodh e duilich. Bhiodh e beagan duilich do chuid. Tha sinn eòlach air daoine le falt den t-seòrsa sin. Tha sinn air faicinn daoine, ’s dòcha mar Don King, ma tha cuimhne agaibh air Don King.

[Ùisdean] Nach maireann.

[Neen] Rumble In The Jungle, am fear a thug …

[Tormod] chanadh thu sin mar am falt aigesan.

[Neen] Chanadh tu sin mu dheidhinn an fhuilt aigesan.

[Màiri-Anna] A bheil thu cinnteach…?

[Iain] Ùisdean fhèin, bha perm aige an latha dha robh e agus sin …

[Màiri-Anna] Bha e “bruasgach” mar sin.

[Neen] Tha an fhalt agad tha e na “bhrusg” no na chnàc.

[Màiri-Anna] Agus chan eil thu a’ ciallachadh, chan eil seo ga chleachdadh ach airson daoine. Cha chanadh tu idir e mu dheidhinn, can, bò Ghàidhealach ...

[Iain] Ò cha chanadh.

[Màiri-Anna] No cù nach deach a bruisigeadh?

[Tormod] No fiù ’s cat. Bha fionnadh aice air …

[Neen] Uill cha chanainn …

[Iain] Cha chuala mise riamh e …

[Ùisdean] Ceum annasach air a ghabhail sa chòmhradh seo a-nis, tha mi a’ smaoineachadh.

[Màiri-Anna] Tha “brusg” a’ ciallachadh falt nach fhaca bruis.

[Iain] Sin e.

[Neen] Nach eil … Sin e!

[Ùisdean] Tha mi a’ dol a chur casg... Cuiridh mi casg air a’ chòmhradh dìreach airson trusadh a thoirt air na faclan. “Brusg” agus “teannlaich”. “Teannlaich” – tòrr sgudail no rudan a bha mì-sgiobalta agus an uair sin “brusg”. “Teannlaich” agus “brusg”. Sin an dà fhacal. ’S e a’ cheist a tha a’ dol oirbhse, a Mhàiri Anna, cò aige a tha an fhìrinn?

[Màiri-Anna] Tha “brusg” ro fhaisg air “bruschetta”.

[Ùisdean] Cò aige a tha an fhìrinn?

[Màiri Anna] No rud mar sin... Fhios agad? Agus ’s dòcha gur ann às a sin a thug i e ’s i cho leòmach. Tha i eòlach air na rudan ud. Nach robh i bruidhinn air an lasagne an ceartuair?

[Ùisdean] Siuthad, a Mhàiri Anna. Cò aige a tha an fhìrinn?

[Màiri Anna] Iain.

[Ùisdean] Aig Iain a tha an fhìrinn.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!