FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An geansaidh Èirisgeach The Eriskay jumper

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

The Eriskay jumper

[Eilidh NicLeòid] Cha mhòr a dhèanadh tu ann an aodach tana a-mhàin nuair a bha an t-sìde fuar fliuch. B’ fheàrr a bhith air do thùthadh le geansaidh snàtha no geansaidh bobain.

[Eilidh NicLeòid] No dè mu dheidhinn geansaidh eile? Tha e a cheart cho dìonach riuthasan – an geansaidh Èirisgeach.

[Eilidh NicLeòid] Bha e na chleachdadh aig mnathan nan iasgairean na geansaidhean seo fhighe do na fir aca. Agus ’s e an rud a bha sònraichte mun deidhinn gun robh a’ phàtran fhèin air gach geansaidh. Daoimean, loidhnichean pòsta, àirighean, craobhan, acraichean, ròpannan, lìn iasgaich agus iomadh lùb eile.

[Eilidh NicLeòid] Tha iad fhathast a’ dèanamh nan geansaidhean seo ann an Èirisgeigh. Tha iad a’ cleachdadh bioran tana agus gan dlùth fhighe le snàth caol a chumas am blàths a-staigh agus am fuachd ’s an t-uisge a-mach.

[Leughadair] Basgaid lem chrann, an stand do bhioran is grunn do phiùirneachan snàtha.

[Mairead NicLeòid] Nuair a bhiodh sinn a’ fighe, bidh ceithir bioran ann agus ‘s e stannd a chanas sinn ri ceithir bioran. ’S bha diofar sheòrsaichean ann. Ach ’s e stàilinn, feadhainn stàilinn, ‘s iad bu chumanta. Is sheasadh iad fada, is bha iad biorach, is bha iad math airson na lùban a thogail.

[Eilidh NicLeòid] Nuair a tha sinn a’ bruidhinn air fighe, càit am biodh sibh a’ tòiseachadh?

[Peigi NicSuain] Uill, tha sinn a’ dealbh an àireamh lùib a bhiodh sinn airson a chur air an stocainn. Tha sinn a’ dealbh agus a’ fighe mu trì no ceithir do chuairtean ann am plain agus ceàrr, tè cheàrr.

[Eilidh NicLeòid] Tha ainm sònraichte air gach pàirt dhen stocainn, dè mar eisimpleir, an t-ainm air a’ phàirt seo?

[Peigi NicSuain] Uill, an calpa.

[Eilidh NicLeòid] Seadh.

[Peigi NicSuain] Agus feumaidh tu guiseid airson cumadh a thoirt air a’ chalpa.

[Eilidh NicLeòid] A-nise, cò ris a bhiodh an stocainn coltach às aonais na guiseid?

[Peigi NicSuain] Feumaidh sibh guiseid airson cumadh a thoirt air stocainn. Mur a bi guiseid anns an stocainn, cha bhi cumadh ceart air an stocainn. Le stocainn fhada, feumaidh tu dà ghuiseid co-dhiù. Cha bhiodh stocainn ceart gu bràth mura biodh guiseid innte.

[Eilidh NicLeòid] Gus a’ cumail dìreach.

[Peigi NicSuain] Seadh, agus a’ cumail, gun tuiteam sìos.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!