FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What do these new words mean? Dè as ciall de na faclan ùra seo?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Dè as ciall de na faclan ùra seo?

[Ùisdean] Air adhart gu na faclan ma-thà agus seo ... cuimhnich gun làimhsich sibh air na jackenfilisters cho luath ’s a ghabhas, cò bhios ann an toiseach. A’ chiad fhacal a th’ againn - “asgair”. “Asgair”. Dè tha am facal sin a’ ciallachadh?

[Iain] Nis, a Mharisa ...

[Ùisdean] Aiseag an Òbain.

[DJ] Tha mise air an fhacal seo, uill toiseach an fhacail, a chluinntinn co-dhiù. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil pìos a’ dol ris ...

[Ùisdean] Greis ort.

[DJ] Tha Aisgernis ann an Uibhist a Deas.

[Màiri-Anna] Aisgernis!

[Iain] Facal ùr a th’ ann.

[Ùisdean] Facal ùr a th’ ann. Chan e, tha thu ceàrr. Tha thu ceàrr leis an sin.

[Iain] Muinntir Chlì a b’ fheàrr!

[Marisa] Bha ’s mise. Bha misea’ dol a ràdh gu bheil iad cho bright.

[Iain] “Asgair”.

[Marisa] Siuthad, feuch air rudeigin.

[Iain] Ò gu dearbh fhèin e!

[Marisa & Iain] “Asgair”, “asgair”, “asgair”.

[Iain] An e asterisk a th’ ann?

[Ùisdean] Uill, ann an saoghal sgrìobhaidh.

[Iain] Ò seadh.

[Marisa] Seadh.

[Ùisdean] Chan e asterisk a th’ ann idir ach ...

[Marisa] Punctuation mark air choreigin.

[Ùisdean] ’S e.

[Iain] Aidh.

[Marisa] Punctuation mark air choreigin.

[Ùisdean] Siuthad, siuthad, siuthad. Tha e a’ tighinn.

[Iain] An e ceist ...?

[Marisa] Hoidh, coma leat den nonsense seo!

[Màiri-Anna] Semi-colon.

[Ùisdean] Feumaidh sinn fhàgail, feumaidh sinn fhàgail. Cha robh e buileach agaibh. ’S e apostrophe a th’ ann.

[Marisa] Uill bha! Punctuation ...

[Ùisdean] Bha sibh gu math faisg air.

[Iain] Cha chuala mi a-riamh e.

[Ùisdean] An ath-fhacal ma-thà. Na jackenfilisters. Seo an ath-fhacal – “fànas”.

[Ùisdean] Na geòidh.

[Iain] Siud sibh!

[Marisa] Ceò chiùin ...

[Ùisdean] Uill ...

[Marisa] Ceò ...

[Iain] ’S e “faileas” ...

[Marisa] Ceò ... ’s seòrsa de dhealt, seòrsa de dhealt.

[Ùisdean] Seòrsa de dhealt.

[Marisa] A’ cheò a tha a’ tighinn ach chan eil i a’ tighinn sìos gu lèir idir ...

[Ùisdean] Chan e, chan e, chan e. Chan eil thu a’ dol fada gu leòr, dh’fheumainn a ràdh. An taobh eile?

[Màiri-Anna] Uill bha mise den bheachd gur e a bh’ ann ach an sgrion a bh’ air cùl àrd-ùrlair nuair a bha thu a’ dèanamh dealbh-chluich.

[Ùisdean] Chan e nas motha. Chan e. ’S e “na speuran” a th’ ann.

[Iain] Na speuran? Aidh, bha mise air ... bha mi a’ smaoineachadh gur e nèamh a bh’ ann.

[Ùisdean] Feuchamaid fear eile. Seo a-nis an treas facal, an treas facal – “cosgais lom”. Na geòidh.

[Iain] ’S e sin a’ chosgais a th’ agad às dèidh chìsean ...

[Ùisdean] Às dèidh chìsean.

[Iain]... a thoirt dheth.

[Ùisdean] Ann am Beurla? Tha e ceart agad.

[Iain] A bheil e ceart agam?

[Ùisdean] Tha.

[Marisa] Seo a-nis.

[Ùisdean] Net.

[Iain] Net.

[Ùisdean] Cosgais.

[Iain] Seadh.

[Ùisdean] Na comharran do dh’Iain MacIlleMhìcheil. Dà chomharra do dh’Iain.

[Ùisdean] Aon fhacal eile. Tha aon chothrom eile agaibh. Feuchaibh air na jackenfilisters. “Àrachas”. Na geòidh. Na geòidh.

[Iain] Marisa.

[Ùisdean] Tha na geòidh a’ togail an casan anns a’ bhad.

[Marisa] “Àrachas”. Tha seo faisg air “aithreachas”.

[DJ] Chan eil, chan eil, chan eil.

[Ùisdean] Chan eil. Feuchaibh an taobh eile.

[DJ] Insurance.

[Ùisdean] Insurance.

[Iain] Insurance.

[Ùisdean] Ma tha thu a’ gabhail aithreachas air rudeigin tha thu a’ pàigheadh an airgid ...

[Marisa] Uill tha e faisg air!

[Ùisdean] A Dhòmhnaill Iain, bha e ceart aig Dòmhnall Iain ann an siud agus tha sin a’ toirt na cuairt sin gu crìch. Trì air an taobh seo. Tha e cho beag agaibh nach fhiach dhomh an trì seo. Trì aig an taobh seo agus tha a dhà aig Màiri-Anna agus aig Dòmhnall Iain.

[Màiri-Anna] Ò tha sin math.

[Ùisdean] A trì gu dhà.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!