FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new home for the portacabin Dachaigh ùr dhan phortacabin

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Dachaigh ùr dhan phortacabin

[Sweeny] Tha an t-seann phortacabin seo air a bhith ann an seo airson còrr air fichead bliadhna ’s feumar a-nis a ghluasad oir thathar a’ cur togalach ùr air an làraich seo.

[Sweeny] Tha am portacabin ann an ceithir pàirtean eadar-dhealaichte. Togaidh an crane gach pàirt ’s thèid sin an uair sin air cùl làraidh ’s thèid e a-nall a Nis.

[Sweeny] Tha mi air fiodh a chur am broinn gach pàirt airson dèanamh cinnteach gum bi iad làidir gu leòr airson an taigh a ruiginn.

[Sweeny] Chan eil seo a’ dol a chosg càil dhòmhsa ach na chosgas e a ghluasad a-nall a Nis. Sàbhaladh math gun teagamh sam bith ’s tha gu leòr ann as urrainn dhòmhsa a dhèanamh leis air an lot.

[Obraiche] Och bidh e mar flatpack nuair a ruigeas e Nis. Firewood!

[Sweeny] ’S ged a chanadh gu leòr gu bheil am portacabin seo kaput tha fios agams’ gu bheil bliadhna no dhà air fhàgail ann fhathast.

[Sweeny] Tha tòrr eòlais aig na balaich a tha seo ach feumaidh iad dèanamh cinnteach gu bheil gach pàirt dhen togalach air a cheangal sìos gu math mus dèan iad an t-slighe thairis a’ mhòintich.

[Sweeny] Agus sin a-nis a’ chiad phàirt deiseil airson falbh.

[Sweeny] ’S tha mi cinnteach gun ruig iad an taigh gun mhilleadh sam bith.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!