FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The importance of beaver fur Cho cudromach ’s a bha bian a’ bhiobhair

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Cho cudromach ’s a bha bian a’ bhiobhair

[Dòmhnall] Tha an sgeul a’ tòiseachadh leis a’ bhiobhair. Mus tàinig na h-Eòrpaich bha co-dhiù trì fichead millean dhiubha’ falach ann an coilltean Aimeireagaidh.

[Dòmhnall] ’S e seo bian a’ bhiobhair a bha na tùsanaich a’ sealg bho shean airson blàths a chumail riutha. Thòisich iad ga reic ri seòladairean Eòrpach a thug dhachaigh leotha iad. Nuair a thèid am bian a chaitheamh tha e a’ fàs bòg ’s cha b’ fhada gus an d’ fhuair na h-Eòrpaich a-mach gun robh e mìorbhaileach math airson a bhith a’ dèanamh adan. Thòisich gnìomhachas mòr, ùr a bha a’ dol a thoirt buaidh air eachdraidh nam mìltean thar mhìltean dhaoine.

[Dòmhnall] Cha robh companaidh eile a bha cho ainmeil anns a’ ghnìomhachas ris an Hudson’s Bay Company.

[Dòmhnall] Tha an-diugh sreath bhùithtean mòr aca air feadh Chanada. Thàinig na bùithtean faileasach a tha seo dìreach bhon chiad chompanaidh a chaidh a stèidheachadh le cùmhnant rìoghail ann an Lunnainn ann an sia deug trì fichead ’s a deich airson bian a’ bhiobhair a cheannach bho na tùsanaich a bha ga sealg.

[Dòmhnall] Bha làn-sheilbh aig an Hudson’s Bay Company air còirichean malairt a-steach do mheadhan na dùthcha ’s an Artaig. Bha millean gu leth mìle ceàrnagach fearainn aca fon chùmhnant rìoghail, ceud uimhir ri Alba gu lèir, ’s bha a h-uile càil ga stiùireadh à York Factory.

[Dòmhnall] Chan eil ach deich bliadhna fichead bho chaidh York Factory fhàgail bàn. Tha e an-diugh làn thaibhsean. Tha e mar gum biodh ceannaichean nam bian a bha an seo tro na linntean fhathast ga thathaich. ’S e àite iargalta a th’ ann, fiù ’s aig an àm as fheàrr den bhliadhna, leis na cràlagan ’s na cuileagan gad ithe.

[Dòmhnall] ’S e meadhan an t-samhraidh a th’ ann an seo aig York Factory ’s a dh’innse na fìrinn tha a’ ghrian gu math blàth ach dìreach troigh no dhà sìos tha an talamh fuar, reòite. ’S e seo “An Talamh Fuar”, ainm a bh’ air bilean ghinealaichean de cheannaichean Gàidhealach ’s a th’ air a dhol dhan chànan againn, a’ ciallachadh “ ceann a tuath Chanada”.

[Dòmhnall] Fad ceud bliadhna cha robh duine a’ cur dragh mòr sam bith air an Hudson’s Bay Company. Bha iad a’ dèanamh airgead mòr às na bèin a bha na tùsanaich a-staigh tron dùthaich a’ sealg dhaibh, ach mu mheadhan na h-ochdaimh linn deug dh’èirich buidheann ùr a dhèanamh spàirn an aghaidh na companaidh Shasannaich agus b’ e Gàidheal a bh’ air a’ ceann.

[Dòmhnall] Cha robh duine a bu gheur-chuiseach an sin am-measg nan Gàidheal na Sìm MacThàmhais, air an robh am far-ainm am “Marquis”. Thug sin e gu bhith na cheannard air a’ chompanaidh a bu shoirbheachaile a chaidh a-riamh an sàs ann an obair nam bian, an North West Company.

[Dòmhnall] Bha freumhaichean an North West Company air Gàidhealtachd na h-Alba.

[Dòmhnall] An Gart Beag ann an Srath Fharraigeag, deas air a’ Ghleann Mhòr.

[Dòmhnall] ’S ann an seo ann an seachd deug ’s a leth-cheud a rugadh Sìm MacThàmhais ann an dùthaich a bha sgapte briste an dèidh Bliadhna Theàrlaich. Bha athair MhicThàmhais aig Cùl Lodair còmhla ris a’ Phrionnsa, ach coltach ri iomadh Gàidheal eile dheigheadh fear a’ Ghairt Bhig air a’ cheann thall dha na rèisimeidean Gàidhealach a shabaid nam Frangach ann an Ameireaga agus ’s ann ann an Ameireaga a gheibheadh a mhac a chumail.

[Dòmhnall] Rinn MacThàmhais agus iomadh Gàidheal ga thilleadh a dhachaigh ann am Montreal. Bha e air a dhol a dh’fhuireach anns na coimhearsnachdan Gàidhealach an ceann shuas New York nuair a bha e ceithir bliadhna deug, ach coltach ri iomadh saighdear eile ann an arm a’ chrùin b’ fheudar dha Canada a thoirt air an dèidh Cogadh Saorsa Ameireagaidh. Cha b’ fhada gus an do rinn e ainm dha fhèin an seo.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!