FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s jam An silidh aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

An silidh aig Màiri

[Màiri] Is suarach agam sgona gun silidh a rinn mi fhèin orra.

[Màiri] Cha chreid thu cho furasta ’s a tha seo. Tha mi air subh-làirean a thogail, feadhainn sam bith air an robh bualadh no nach robh a’ coimhead ro mhath, tha mi air an cur gu aon taobh. Cha robh mi a’ dol gan cleachdadh idir. Tha sin cudromach, gun cleachd thu na measan as fheàrr a th’ ann.

[Màiri] Nis, tha dà phunnd gu leth measan ann an seo agus tha mi dìreach a’ dol gam pronnadh, dìreach cho math ’s a thèid agam air a dhèanamh.

[Màiri] Tha sin gu math bog a-nis agus tha mi a’ dol a chur dà phunnd siùcair agus sùgh aon liomain còmhla ris na measan. Tha mi a’ dol a chur seo uile timcheall. A’ dol ga theasachadh dìreach gus am bi e a’ goil. Bheir seo còig, deich mionaidean mus tig e chun an teas cheart.

[Màiri] Tha mi nis a’ cur sia measan slàn ann, dìreach airson ’s gum bi cnapan anns an t-silidh. Bidh e beagan nas tiugha. Agus tha mi a’ dol a leigeil leis goil airson cairteal na h-uarach, dìreach ga chur timcheall an-dràsta ’s a-rithist gus am fàs e tiugh gu leòr.

[Màiri] Nis, chanainn a-nis gu bheil sin cha mhòr deiseil. Ma phutas tu jam le do chorrag, tha còir gun tig rocain san jam ’s tha sin a’ tachairt.

[Màiri] Seo a-nis. Tha seo deiseil agus tha seòrsa de chop pinc air bàrr a’ phana ’s tha mi dìreach a’ toirt sin dheth.

[Màiri] Tha mi a-nis a’ dol ga chopadh. Tha dà chrogan agam ann an seo.

[Màiri] Tha sin nis, dìreach leigeil leis fuarachadh mus cuir mi covers no dad air. Leigidh mi leis fuarachadh. Tha dath sgoinneil air agus tha am fàileadh, ’s bochd nach b’ urrainn dhuibh am fàileadh fhaireachdainn. Tha e air leth math.

[Màiri] Sgoinneil. Fiu ’s ged as e mi fhèin a tha ga ràdh. Sgoinneil fhèin.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!