FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Spaying the lambs Spoth nan uan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Spoth nan uan

[Sweeny] Latha ùr, latha àlainn agus latha obrach eile air an lot. Tha mi ag ionndrainn Innes an-diugh oir tha fios ’m cho dèidheil ’s a tha e air na caoraich, ach tha Martin agus an co-ogha againn Iain ‘Cheeks’ ann an seo airson mo chuideachadh.

[Iain] I’m going to get you, Martin.

[Sweeny] Did it go in your eyes?

[Iain] No, it’s ok.

[Sweeny] Greas ort. Martin, come on, greis ort!

[Sweeny] Tha Martin deònach gu leòr a bhith am measg na tha a’ dol agus ged a tha e a’ toirt mionaid no dhà a bharrachd rudan a dhèanamh tha e a’ toirt togail dhòmhsa a bhith ga fhaicinn nar measg. Tha an-còmhnaidh gàire ann nuair a tha e timcheall.

[Sweeny] Your face is covered, Iain.

[Sweeny] Right Martin, cà’il am machine?

[Martin] Here.

[Sweeny] Agus am peant? Trobhad.

[Sweeny] An rud a tha sinn a’ dol a dhèanamh an-dràst’, tha deich uain ann an seo a dh’fheumas a bhith air an spoth. Tha iad seo ... Is Martin scratching his bum behind me on camera?

[Sweeny] Right, trobhad a-steach.

[Sweeny] A rèir an lagh feumaidh uain a bhith air an spoth taobh a-staigh seachdain so tha iad seo, tha feadhainn aca dìreach a’ tighinn suas chun na seachdain so feumaidh mi an spoth an-diugh.

[Sweeny] Martin’s stuck.

[Martin] That’s not funny.

[Sweeny] Yes it is.

[Sweeny] Right, cà’il am peant?

[Sweeny] Mar a thuirt mi, tha an-còmhnaidh gàire ann nuair a tha e mun chuairt.

[Sweeny] Right Iain, who’s next?

[Sweeny] Tha am peant a’ dol orra dìreach airson sealltainn gur ann leamsa a tha iad. Bidh sinn gan cur, uill ma bhios uan marbh aithnichidh tu cò leis a tha e, ma thèid e gu lot cuideigin eile tha fios aca cò leis a tha e, ma bhios iad anns a’ phàirc a-muigh tha fios aca cò leis a tha e cuideachd.

[Sweeny] Just go in and get it!

[Iain] What if they headbutt me?

[Sweeny] Then you deserve it.

[Sweeny] Tha Iain ‘Cheeks’ a cheart cho math air gàire a thoirt orm. Smaoinich, eagal aige fo na caoraich!

[Sweeny] Tha truas agam ri na beathaichean nuair a bhios sinn a’ dèanamh seo, ceart gu leòr. So tha mi a’ cur a’ phoca a-steach, tha mi a’ bruthadh gach taobh dheth, dìreach a’ dèanamh cinnteach tha an dà chlach a-staigh ann so feumaidh mi ring bhon t-uan. Tha an dà chlach fhathast ann. Sin e. Ok Martin, peant.

[Sweeny] Seall, there, there. Is wasn’t you?

[Sweeny] Tha dhà no trì adhbharan ann airson uain a spoth – airson gum bi iad nas fhasa a làimhseachadh nuair a dh’fhàsas iad; gus nach mill iad blas an fheòil; agus gus nach tig caoraich a ruigeachd gun fhiosta.

[Sweeny] Tha còrr air trì fichead ’s a deich uan ann an-dràsta. Chan eil mi buileach cinnteach, ’s dòcha seventy two no seventy three , rudeigin mar sin.

[Sweeny] Woah, woah, woah! Thoir dhomh am peant.

[Martin] My eyes!

[Sweeny] Your eyes?

[Iain] Last one.

[Sweeny] Tha iad mì-chofhurtail airson greiseag às dèidh a dhèanamh ach nuair a tha thu ga dhèanamh cho òg ri seo chan eil iad really ga fhaireachdainn. Tha seo bhon rùda Zwartble agam. What’s that doing? That’s its mum. Chan eil mi buileach cinnteach dè tha mi a’ dol a dhèanamh leis. Tha mi a’ smaoineachadh gum fàg mi am fear seo slàn. Tha James suas an rathad ag ràdh gun gabhadh e e mar rùda.

[Sweeny] Tha na h-earbaill air an dèanamh aig an aon àm airson deireadh an uain a chumail glan agus creathall a chumail air falbh. Ged a tha na h-uain mì-chofhurtail an-dràsta, chan eil iad ann am pian ’s bidh iad ceart gu leòr ann an greiseag bheag.

[Sweeny] Agus ’s dòcha gu bheil iad mì-chofhurtail ach chan eil iad leth cho mì-chofhurtail ’s a tha Martin an-dràst’!

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!