FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meet Sarah Fraser Coinnich ri Sarah Fhriseil

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Coinnich ri Sarah Fhriseil

[Anna] Sarah an toiseach, dh’èirich thusa ann an Uibhist a Tuath. Dè seòrsa saoghail a bh’ agad ’s tu ag èirigh suas?

[Sarah] Uill, chaidh mi fhèin agus mo bhràthair agus mo dhithis pheathraichean a thogail ann an Solas ann an Uibhist a Tuath air croit. Àm uabhasach toilichte a bha ann, agus fhathast a’ dol dhachaigh airson làithean-saora cuideachd a-nis leis an teaghlach agam fhèin agus mar, coltach ri duine sam bith aig an àm sin bha thu an-sàs ann an obair na croite, cuideachadh m’ athair le caoraich ’s crodh ’s a’ toirt dhachaigh mòine.

[Anna] Ciamar a bha sin a’ còrdadh riut a bhith anns a’ mhòine?

[Sarah] Bha e glè mhath. Bha e a’ còrdadh rium aig amannan, na bòtannan a chur orm agus a bhith a-muigh agus a bhith salach ach b’ fheàrr leamsa a bhith a-staigh, feumaidh mi aideachadh còmhla ri mo mhàthair agus a’ bèicearachd agus a’ dèanamh rudan mar sin am broinn an taighe.

[Anna] ’S nuair nach robh thu a’ dèanamh na rudan a bha sin, dè bhios tu a’ leughadh?

[Sarah] A’ leughadh rud sam bith, cha robh leabhraichean, cha chreid mi, cha robh iad cho pailt ’s a tha iad an-diugh. Nuair a choimheadas mise air na tha de leabhraichean am broinn an taighe againne fhèin, leabhraichean chloinne, mar eisimpleir, cha robh leabhraichean cho pailt. Tha cuimhne a’m, bhiodh m’ àthair a’ faighinn an Reader’s Digest agus a bhith a’ leughadh sin. Bha earrann bheag ann, Lives Like That, stòiridhean beaga goirid, èibhinn agus a bhith a’ leughadh sin. ’S an uair sin bha leabhar leathair a’ tighinn, chan eil fhios a’m, an ann aon uair sa bhliadhna no ’s dòcha nas trice na sin agus bha stòiridhean na b’ fhaide an sin. So nuair a bha mi a’ fàs nas sine, bhithinn a’ leughadh sin. Ach anns an sgoil, bha bhan nan leabharlann a’ tighinn timcheall agus bha am bogsa leabhraichean a bha seo air fhàgail anns an sgoil airson mìos,’s cha chreid mi nach robh deich air fhichead leabhar anns a’ bhogsa agus rachainn tro na leabhraichean a bha sin, cha chreid mi air fad, bha mi a-riamh, bha ùidh agam ann a bhith a’ leughadh leabhraichean agus cha robh e gu diofar dè bh’ ann, leughainn rud sam bith. Agus tha mi gu ìre mar sin fhathast, leughaidh mi rud sam bith, measgachadh mòr, farsaing de leabhraichean.

[Anna] A thuilleadh air an Reader’s Digest ge-tà ’s bha sin ann an tòrr dhachaighean, nach robh? A thuilleadh air an sin, dè bha thu a’ leughadh?

[Sarah] Cha chreid mi nach e a’ chiad chuimhne a th’ agam a bhith a’ leughadh nan leabhraichean a ghlac m’ aire The Famous Five agus an uair sin lean sin air adhart gu leabhraichean Nancy Drew agus a bhith a’ ceannach an uair sin nan leabhraichean sin. Bha bileagan a’ tighinn a-steach dhan sgoil bho cluba leabhraichean agus ’s e annas mòr a bha sin cuideachd. Agus a’ cur air falbh a dh’iarraidh leabhar agus an uair sin nuair a thòisich mi air na leabhraichean Nancy Drew ’s cha chreid mi, ò bha tòrr mòr dhiubh sin ann ach bha ’s dòcha co-dhiù deich air fhichead no dà fhichead dhe na leabhraichean sin agam a bhithinn a’ leughadh, so ’s ann an uair sin ’s dòcha a thòisich m’ ùidh ann an leabhraichean far an robh rudan mar sin a’ tachairt agus lean sin air adhart.

[Anna] Agus ’s e leabhar chloinne a’ chiad leabhar a th’ agad dhuinn a-nochd.

[Sarah] ’S e.

[Anna] Dè leabhar a th’ ann ’s innis dhomh carson a thagh thu seo.

[Sarah] Uill, ’s e An Gruffalo a tha a’ chiad leabhar a thagh mise agus ’s ann airson adhbhar pearsanta. B’ e leabhar a tha seo a fhuair am balach beag agam nuair a rugadh e agus leugh sinn e cha mhòr a h-uile h-oidhche, cha mhòr airson bliadhna,chanainn agus ‘s e leabhar brèagha air a sgrìobhadh a th’ann. Tha rann ann, tha ruitheam ann. Agus, dhòmhsa mar mhàthair a bhith ga leughadh agus mar thidsear cuideachd, bha mi a’ faicinn nam buannachdan ann a bhith a’ toirt sealladh air an seòrsa leabhair a bha seo far an robh an ruitheam ann agus an rann ann agus bha e fhèin an uair sin a’ cluinntinn sin agus bha esan a’ toirt dhomh na facail a bha a’ nochdadh aig deireadh gach loidhne seach gun robh an rann a bha sin ann.

[Anna] Tha tòrr againn eòlach air feadhainn aig a bheil clann ach saoil a bheil feadhainn a-muigh an sin nach eil eòlach air a’ Gruffalo inns dhomh mu dheidhinn. Dè tha a’ tachairt anns an sgeulachd?

[Sarah] ’S e stòiridh a th’ ann mu luchag bheag a tha a’ gluasad tron choille. Agus tha i a’ tachairt ri diofar bheathaichean anns a’ choille. Agus tha na beathaichean a tha seo a’ feuchainn ri toirt a-steach dhan dachaigh aca fhèin airson gun ith iad i.

[Anna] ‘S e saoghal cunnartach a th’ ann dhan luchag bheag, nach e?

[Sarah] ’S e gu dearbh, ’s tha i a’ coinneachadh ris na diofar bheathaichean, ri sionnach, ri cailleach-oidhche, ri nathair. Ach tha ise a’ toirt beachd air a’ Ghruffalo a tha seo anns an sgeulachd agus chan eil na beathaichean ga creidsinn gu bheil an Gruffalo anns an stòiridh agus an uair sin tha sinn a’ coinneachadh ris a’ Ghruffalo anns an stòiridh agus tha e a’ togail ... tha an leabhar a’ gluasad air adhart gu far a bheil thu ag iarraidh coinneachadh ris a’ Ghruffalo a tha seo agus mu dheireadh tha an Gruffalo a’ nochdadh anns an stòiridh.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!